-
Crabhadh
-
Prayer.
Location: South Uist, Daliburgh
Category: An Eaglais / Ecclesiastical Terms
-
Na h-Eileanan
-
Trondairnis, Eileanan Sianta, Gearraidh na h-Aibhne, Loch Tungabhat, Mùirnean, Mosgal, Ùig, Eileanan Flannach, Lingarabhaigh, Cliseam, Sròn Scourst, Sròn Ulladal, Tarran Mór, Loch Réasort, Croladha, Crabhadal, Beinn Bhaoghla, Hiort, Cuan Sgìthe.
Origin: [Strathglass]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[blank]
-
crab and tea (for supper).
Origin: [Ross-shire]
Category: Biadh is Deoch / Food and Drink
-
[blank]
-
crab.
Origin: [Ross-shire]
Category: Biadh is Deoch / Food and Drink
-
[blank]
-
crab sandwich.
Origin: [Ross-shire]
Category: Biadh is Deoch / Food and Drink
-
[crùbag]
-
Tha crùbag ort. – A “crab” in rowing.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[cusg]
-
[Kenneth MacDonald in the letter of 9 January 1967:] Seachdain no dhà air ais, fhuair sinn pasgan eile de dh’fhaclan Uigeach bho dh’fhear an aon ainm ruibh fhéin – Murchadh MacLeòid, a tha ’na mhaighstir-sgoile ann an Cinntire. B’e am [sic] rud a chuir e thugainn an t-ainm a th’aig muinntir Chàirisiadar air fear an “Artificial Insemination” – “Bodach na cusg”. An cuala sibh fhéin riamh am facal “cusg”, no an urrainn dhuibh mineachadh ’sam bith a thoirt air? [Mr MacLeod’s reply:] Murchadh MacLeòid Chinntire, Murchadh a’ Ghobha a tha mi an dùil a th’ann. Mo dheagh charaid, uaireigin. Cha’n fhaca mi e bho shamhradh 1948. Tha mi tuigsinn gur h-ann ann an Southend an Cinntire a tha e. Mor, no Murdo, a’ Ghobha a chanas sinne ris. Duine dòigheil a tha ’n sin. Duine snog. (…) Mu ghnothach an A.I. Tha na facail “cusp” agus “cusag” ann. Tha iad sìos anns na faclairean. Cha chanainn nach e aon dhiubh seo a tha ann an “cusg”. (…) Agus am facal sin a nuas, agus air mhaiseann [?] ann an Càirisiadair. Anns na Bàigh. Chan eil fhios ’am an cuala sibh a riamh mu Sgoil Dhubh nam Bàgh. Bidh Ruaridh am profeasar air cluinntinn mu a dheidhinn, chanainn. Chan eil am facal “cusg” againne idir. [Letter dated 04/05/1967:] Bho phiuthar eile thall an Crabhlastadh againn fhìn, fhuair mi mu dheidhinn “cusg” (Bodach na Cusg). Is ann air pìob-stillidh a bha cusg aca anns na Bàigh (seòrsa de rudeigin mar pìob-stillidh, có dhiù). Is iomadh uair a rinn sinn mallachadh agus blaigeardachd air bodaich leis a’ phìob-stillidh (eileamaid airson bùrn a thilgeadh). Tha mi cinnteach gu’m biodh balaich shuas taobh na Comraich ris an aon seòrsa oibreach. (Na Bàigh: ’se sin Càirisiadar, Géisiadair, Ungisiadair, agus Éineacleit.)
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[kinds of fish]
-
5. All kinds of fish. But mostly flat fish on sandy ground and cod, haddock and whiting on hard ground. Rocks or gravel very often. A crab or lobster got entangled on the line, which was a bonus for that fisherman. He took it home and cooked it in the ashes.
Category: Iasgach / Fishing
-
[krɛ̜bitʹ]
-
Notes: bad-tempered, ‘crabbit’.
Location: Perthshire, Killin
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[note]
-
’S mar sin. Feuchaibh mo bhràthair aig 13 Crabhlastadh, an Uig, an Leòdhas, agus bidh fhios aige de na h-ainmeanan a th’aca air na galairean-sa.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[note]
-
Cha chuir mi iad seo air na h-ainmeannan ceart Beurla idir. (Feuch mo bhràthair, Alasdair Seòras, 13 Crabhlastadh, Sgire Uige, ann an Leòdhas.)
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
-
[portan]
-
Cnapaineach cruinn cruaidh, ’s cruaidh craiceann, a làmhan ’s an t-shùil a meadhoin a chlèith, fheòil a meadhoin a chnàimh. A riddle meaning a small crab (portan).
Location: South Uist, Peninerine
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[siol-ghainmheach / sìol-ghainmheach]
-
Chunnaic mi am prògram “A Boy in Harris” air an T.V. an oidhche roimhe, agus chòrd e rium. (…) Ach a nise gu aon nì anns a’ phrògram do’n d’thug mi an aire – marbhadh nan siol, no glacadh nan siol (an t-siol-ghainmheach mar a chanas sinn) leis a’ chorran anns an tràigh. Obh, obh is iomadh ceud a ghlac an làmh a tha sgrìobhadh na litreach-sa. Anns an Fhadhail Mhóir aig Crabhlastadh, an Sgìr Uige againn fhìn, ann an Leòdhas. Am boirionnach Hearach a’ sgrìobadh leis a’ chorran anns an tràigh (air an tràigh thioraim). Chuala mi iad a’ deanamh nì de’n t-seòrsa-sa a ghlacadh na sìl air Na Ceithir Peighinn Deug an ceann shìos na Sgìre againn fhìn (Uig Leòdhais) a’ sgrìobadh le croman, no le hoe, air an tràigh thioraim. Cha’n fhaca mi a leithid shuas againn fhìn a riamh. Nì ach an corran anns an fhadhail. Bha an corran shìol air a dheanamh de’n chorran mhór. Bha an gob far an robh e dol na bu doimhne na bhith réidh ris an làimh, air a ghearradh dheth, agus am faobhar air a mhadadh gus nach gearradh e na sìolan mar a ghlacaist iad. Bhiodh cuid a’ toirt seòrsa de dh’fhiaclan anns a’ chorran shìol. Chunnaic mi a dhà dhiubh seo (corrain shiol) nuair a bha mi shuas aig an tigh air an t-samhradh-sa fhéin. Bidh cuimhne agaibh gu robh corran eile aig na bodaich: corran-speal. Bha e mar seo: [see third illustration below]. Is e arm eagalach a bha seo. Bha cùl air an iarunn aige mar air iarunn na speala agus bhiodh sibh ga ghleusadh le cloich-speal. Bha e mór seach corran cumanta. Seo a nise mar a bhithist a’ glacadh nan sìol leis a’ chorran-shiol anns an Fhadhail Mhóir shuas aig Crabhlastadh, ann an Uig Leòdhais. A’ tòiseachadh ann an seo [i.e. àite tòiseachaidh in the illustration] agus a’ gabhail air aghaidh. Bha peile-mór ceangailte le sreing ri do mheadhon. Peile-mór a’ cheàird no peile suinc. No peile-caol a’ cheàird (chan eil easan a’ dol an diugh idir). Bha thu a’ tòiseachadh na sgrìoba mar bu trice thugad. An uair sin a’ tionndadh a’ chorrain agus a’ toirt na sgrìoba bhuat. Mar sin a’ gabhail air d’adhart gu’n tachradh sìol riut. No beathach beag neimheil eile. Biast na Fadhlach, mar a chanas fear Chrabhlastaidh rithe. Iasg beag airgiodach ann an dath ’s an sgeilm, agus gathan neimheil innte. An stangaran a tha mi an dùil a chanas an Hearach rithe. (Ri siol air leth mór canaidh sinne an Uig gobag rithe. Dé a chanas an Hearach chan eil fhios agam.) Ma bhios tu airson cuideachadh air glacadh nan siol a shealltuinn uair sam bith, cha dean e deifir foighneachd mu an chùis do Mhurchadh. Bha Murchadh ris an obair sin mu na siolan bho bha e òg ’s a’ dol do an sgoil gus an a dh’fhàs e ’na dhuine agus a’ dol leis an lìon-bheag. (Siol as fheàrr airson cnòdan, agus là grianach nach bi ro fhuar. Is e luga as fheàrr airson na h-adaige. Sin gliocas agus léirsinn nam bodach a bha sean nuair a bha Murchadh òg.) Cha chanainn gu bheil móran lìon-bhig ’ga dheanamh ri cladaichean na Hearadh an diugh. Is e glé bheag dheth a tha ri cladaichean Uige an diugh mar an ceudna. Tha sabhs air na siolan air leth math, cuideachd. Agus tha iad air leth blasda mar bhiadh, agus air leth tacmhor. Cha tig acras air duine air luathair [?] as déidh feed de na siolan. A thaobh sealladh air lìonmhorachd, cha chreid mi nach e sealladh air an t-sil-ghainmhich anns a’ bhàgh againn fhín (Camus Uige) a dhleasas a’ cheud àite. Cia mheud mìle, no cia mheud muillion dhiubh seo a bh’ann? Agus faoileag is biorach air am muin [?], as an déidh, gu’n robh iad a’ leum ’nan sgaothan as an uisge, airson teàrnaidh, ged nach bu mhór an ciall. Bha dùil ’am gu robh bleideagan an t-sneachda ann an lìonmhorachd gu leòir. Bha dùil agam sin, gus an siod. Is iomadh rud a chì am fear a bhios air an dùthaich nach fhaic fear a’ chabhsair luim! Dà nì a chunnaic mi-fhín le mo shùilean aig sìol ’ga dheanamh: Chunnaic mi siol (te mhath mhór) a’ snàmh cho neo-lochdach, ma b’fhior, am measg cliath de chudaigean òga (siol chudaig) agus an uair a b’fheàrr ’s a b’fheàrr a bhiodh na creutaran bochda, bheireadh i tè as agus dh’itheadh i i. A rithist, uair eile, chunnaic mi sìol a’ gabhail na h-ite a bhiodh againn ag iola (fly-fishing). Sin agad ma tha na rudan a chì duine nuair a bhios e muigh, agus a shùilean fosgailte.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
altruman
-
Notes: female crab.
Location: Skye, Portree
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
anigidh
-
crabbed, nasty.
Location: Tummel and Rannoch
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
aparan
-
Notes: the flap under the crab’s belly.
Location: Skye, Kilmuir
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
barag
-
fem. crab.
Location: Mull [see below for details]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
brèinain
-
a crabbit, quick tempered, angry person. To the extent that he might be unapproachable.
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
buigeanag
-
[bu̜ɡʹəṉɑɡ] Note: a type of crab (portan) with a soft back.
Origin: [Lewis], Arnol
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
cearc
-
Notes: female crab. Also cleireach (m) and altruman (f).
Location: Skye, Kilmuir
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
cearc
-
Notes: female crab.
Location: Skye?, Braes, Baile Meadhonach
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
cléireach
-
Notes: male crab.
Location: Skye, Harlosh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
cléireach
-
Notes: male crab.
Location: Islay, Port Wemyss
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
cléireach
-
Notes: male crab.
Location: Skye, Portree
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
coileach
-
Notes: male crab. (Also cléireach (m) and altruman (f).)
Location: Skye, Kilmuir
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
coileach
-
Notes: male crab.
Location: Skye?, Braes, Baile Meadhonach
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crabhag
-
miniature peat bank.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
-
crabhag
-
broken corn. [NOTES: corrected to ‘cràbhag’.]
Origin: [Note: From North Uist, information from Alex O’Henley / RÓM 4 Dec 2023]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crabhalach
-
bony, emaciated fellow. [NOTES: note added above ‘crabhalach’ – cnàmhalach.]
Origin: [Note: From North Uist, information from Alex O’Henley / RÓM 4 Dec 2023]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crabhanach
-
moaning, grumbling. [NOTES: note added above – cnàmhanach.]
Origin: Skye
Category: Nàdur an Duine / Personality
-
crabhat
-
Notes: a scarf.
Location: Ross-shire, Aultbea
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crabhat
-
[kɾɑˈvɑt̪] Note: used formerly for a scarf.
Origin: [Lewis], Arnol
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crabhata
-
cravat.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crabhata
-
cravat (scarf).
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crabhcan
-
Note: earmark.
Location: [Lewis], S. Lochs, Gravir
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crabhcan
-
[kɾ[ɑu̟]:kɑṉ] Notes: earmark.
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crabhcan
-
Note: iron hook.
Origin: Balallan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crabhcan
-
[kɾɑu̟kɑ̃ṉ] Note: A.C. can’t remember seeing one but was told that it was used originally for twisting flax. Functioned like a “dealgan” but was curved. Latterly used for making rope out of the hair from a horse’s tail. “Crabhcan” also used of people. “Crabhcan grannda de dhuine” – duine camaiceach, lùbach na dhòigh.
Origin: Ness
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crabhcan (E)
-
’Se seo a bhiodh againn air a’ bhabht anns a’ bhalla a bhiodh a’ cumail an àirde na slabhruidh bhos cionn an teine.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
-
crabhladh
-
[kɾɤ:ɫəɣ] Quot.: Bhiodh iad a’ crabhladh rudan an sud ’s an seo. Note: gleaning, gathering when there is little to gather.
Origin: [Caversta]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crabhàidseach
-
Seann chràbhaidseach – an old decrepit person (female). (Donald MacIntyre in Sporan Dhòmhnaill uses “cranàidseichean”.)
Origin: [South Uist]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
-
crabladh
-
collecting material by scrabing [sic] [scraping?].
Location: [Harris], Scalpaigh [Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crabsag
-
crab.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris,Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crealach
-
masc. crab.
Location: Mull [see below for details]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
croit
-
Croit Buaile Shomhairl (Crabhlastadh).
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
-
crubag
-
crab.
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Iasgach a’ Ghiomaich / Lobster-Fishing
-
crubain
-
[kruuḅɑnʹ] Notes: large crabs.
Location: Ross of Mull
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
cruban
-
crab.
Location: Eilean Thiriodh, Cornaig Mhór [Tiree, Cornaigmore]
Category: Maorach / Shellfish
-
cràbhadh
-
Tha mo bhiadh air crabhadh [sic] a nis. – digested.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crùbag
-
crab.
Location: An t-Eilean Sgiathanach, Portrìgh [Skye, Portree]
Category: Maorach / Shellfish
-
crùbag
-
crab.
Location: Isle-of-Lewis, Shawbost
Category: Maorach / Shellfish
-
crùbag
-
The edible crab. Tha iad so pailt an Nis. Tha iad ri’m faighinn anns na sgeirean mun Phort, agus b’àbhaist do dhaoine a bhith deanamh feum dhiubh, ach an diugh, bho chuir Comunn na Siorrachd pìoban salachair a’ bhaile chun na mara aig a’ Phort chan eil duine gan toirt dhachaidh. Thachair a leithid so an iomadh àite anns an eilean so. Bidh na h-iasgairean a’ faighean moran chrùbagan anns na lin-leóbag, rud nach toigh leo idir, agus tha iad ag innse dhomh gur e an aon dòigh air bàs obann a thoirt do chrùbaig, spìc iaruinn a chur troimh druim bho thaobh gu taobh. Aithnich tu air dath na crùbaig ma ’s fhiach i a toirt dhachaidh – bidh a slige dealrach ruadh.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
-
crùbag
-
Notes: edible crab (brown).
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crùbag
-
edible crab.
Location: Uibhist a Tuath, Ceann a Bhàigh [North Uist, Bayhead]
Category: Maorach / Shellfish
-
crùbag
-
a large crab.
Origin: [Kintyre, Tarbert]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crùban
-
Notes: crab.
Location: Tiree, Caolis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crùban
-
Notes: crab.
Location: Coll, Sorrisdale
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crùban
-
Notes: crab.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crùban
-
Notes: crab.
Origin: Tiree
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
crùban (m), crùbain
-
[pl] crabs.
Origin: Tiriodh [Tiree]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
-
càdhair
-
Quotation: [kɑ:əɾ] a’ chrùban. Notes: the flesh of the crab.
Location: Islay, Port Wemyss
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
céir crùbaig
-
The edible red or yellow wax inside the crab. ’S e ceir dhearg as fheàrr is nuair a bhios i lan dheth tha an t-slige aice dealrach ruadh. Bidh a’ chéir so ’na bhiadhadh aca air a’ chreagach le slait is le tigh-thabhaidh.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
-
deimhseag
-
[dɛ̃ʃɑk] crabs with flat, broad claws.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
deiseag
-
velvet crab.
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
deiseag
-
crab.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
-
deiseag
-
Notes: spider crab??
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
deiseag
-
velvet crab.
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Iasgach a’ Ghiomaich / Lobster-Fishing
-
deiseag
-
Notes: crab with a velvety back.
Location: Raasay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
deiseag
-
[?] crab.
Origin: Taransay
Category: Maorach / Shellfish
-
deisneag
-
Notes: swimming crab with hairy legs.
Location: Lewis, Point
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
deisneag
-
The swimming crab, or fiddler crab. Inedible. Gheibh thu deisneag, cha mhór, ann an sgor air gach cladach ach ’s ann an comhnuidh ’na h-aonar, mar gum biodh iad a’ dleasadh ‘territorial rights’.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
-
diseag
-
Notes: a small, hairy crab which moves quickly.
Location: Tiree, [Caolas? – one slip]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
dreamach
-
[d̪ɾɛ̃mɑx] Notes: “crabbit”.
Location: Sutherland, Armadale
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
dreaman
-
[d̪ɾɛ̃mɑṉ] Note: a person who is continually crabbit.
Origin: [Lewis], Arnol
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
drumanach
-
elder tree (already noted). When in winter the branches became sapless, children (as already noted) scrabbed [sic] [scrubbed?] the branches with a pocket knife and used the branch as fishing rods. It (the common elder) is a common tree, ‘easy to grow’ in places like the Isles of Scotland where the climate is damp and cold. It is noticeable on Harris growing without or within little distances of houses, or close to a house. If this signifies anything, I am not able to say at the moment. Seemingly it could? … In the ‘superstitious stories of the Isles’.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
fairc (-ean)
-
crevices under rocks where crabs, lobsters and other shellfish can be obtained.
Location: North Uist, Tigharry
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
faircean
-
crevices under rocks on the shore. Lobsters, crabs can be obtained in these. The word ‘fairc’ is different from ‘faiche’ which is used at the south end of South Uist.
Location: South Uist, Iochdar, Baile Gharbhaidh [Balgarva]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
faodhail (I)
-
(Faic na faclairean.) Tha seo againn, grunnan dhiubh. Agus ann an Crabhlastadh againn fhìn, tha ‘ruith-fhaodhail’ [q.v.].
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
-
faoilinn
-
Faoilinn Na Tràghad aig Crabhlastadh agus Baile na Cille. ’Se aodann a bhios an seo. Tha faoilinn na h-Airde Bige a muigh aig an Aird Bhig fhéin faisg air An Sgarp.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
-
froighneadh
-
[fɾ[ɤi]nʹəɣ] Quotation: Bha froighneadh air. Notes: He was cross, crabbit.
Location: Tiree, Caolis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
fuaidreag
-
[fu̟ədʹʒɾɑɡ] Notes: imitation eel as bait for lythe. Often made of crab and wrapped in wool to keep it together.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
gaorr
-
[ɡw:r] Note: food inside a crab or lobster.
Origin: [Lewis], Uig, Valtos
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
gearradh-crabhcan
-
Note: earmark.
Origin: Crowlista
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
giomach ann am faochag
-
hermit crab.
Location: Cluer
Category: Maorach / Shellfish
-
giomach tuathal (m)
-
Notes: hermit crab.
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
giomach-tuathail
-
lobster (the armoured lobster. You will [sic] [find? see?] him inside a whelk (faochag) perhaps, you could say giomach-faochaig. [NOTES: the word is mentioned in Word-list 5. Copied here.] I have mentioned the ‘armoured crab’ being inside the whelk, it’s the hermit crab, isn’t it? And recognised in Scalpay as giomach tuathail as I noted previously. [SLIP 1: Hermit crab.] [SLIP 2: Lobster.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
giomach-tuathal
-
Notes: hermit crab.
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
giomach-tuathal
-
Note: hermit crab.
Location: [Lewis], S. Lochs, Gravir
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
giomaich chuain
-
I haven’t heard a Gaelic name for prawns but giomaich chuain. A prawn is not a hermit crab. Perhaps they have a Gaelic name for a prawn in Lewis, perhaps years back they had a name for them in Gaelic on Scalpay but I’m afraid not to-day. [SLIP: Prawns.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
grainneach
-
[ɡɾɑ̃nʹɑx] Notes: crabbit. Lewis: [ɡrɑ̃n̪ɑx].
Origin: Kinlochourn
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
gràbas
-
[ɡɾɑ:bəs] Notes: “crab-louse”.
Origin: Applecross
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
guireineach
-
Quotation: Tha e [ɡu̟rinəx]. Notes: bad-tempered, ‘crabbit’.
Origin: Glenlyon
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
iongna
-
[ĩ:ṉə] Note: a crab or lobster’s claw.
Location: Lewis, Uig, Crowlista
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
iungarra
-
[ȷɛ̃ɣɑrə] Note: Also “duine iungarra” – a crabbit person.
Origin: Crowlista
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
ladhar
-
Notes: claw of the lobster, crab, etc.
Location: Islay, Port Wemyss
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
màdag
-
Notes: a female crab.
Location: Skye, Harlosh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
oglaich
-
crabbit. “Bha i cho oglaich.”
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
partain
-
[pɑʂtɑ˖nʹ] [?] Notes: small crabs.
Location: Ross of Mull
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
partan
-
crab.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
partan
-
crab.
Location: Inverness
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
partan
-
crab.
Location: Isle-of-Lewis, Shawbost
Category: Maorach / Shellfish
-
partan
-
crab.
Location: Uibhist a Tuath, Ceann a Bhàigh [North Uist, Bayhead]
Category: Maorach / Shellfish
-
partan
-
Green shore crab. Pailt anns a’ chula h-àite.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
-
partan
-
crab.
Location: Eilean Thiriodh, Cornaig Mhór [Tiree, Cornaigmore]
Category: Maorach / Shellfish
-
partan tuathalan
-
Tha iad so pailt far am bheil gainmheach bhàn no airgeadach (silvery). Brittle white crab. Tha gath ann a tha nimheil, is leanaidh an goirteas uine mhor. Tha mi a’ creidsinn gur e sin a dh’aobharaich an sean-fhacal – ’S fheàrr am partan tuathalan na bhith gun duine (Nicolson’s Proverbs). Tha na partain so pailt anns na geòdhaichean gainmhich deas air Ceann an Tiumpain.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
-
poll (E)
-
Tha trì dhiubh seo againn fhìn ann an Crabhlastadh. A chuid as fhasgaiche ann am bàgh ’s mar sin a bh’unnda.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
-
portan
-
crab.
Location: Cluer
Category: Maorach / Shellfish
-
portan
-
small crab.
Location: An t-Eilean Sgiathanach, Portrìgh [Skye, Portree]
Category: Maorach / Shellfish
-
portan
-
small crab.
Location: Milngavie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
portan
-
Notes: inedible crab (green).
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
portan
-
crab. (Scalpay) [See partan.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
portan
-
green crab.
Origin: Taransay
Category: Maorach / Shellfish
-
portan-tuathail
-
Note: (hermit crab); truaghan a’ phòs te airson a cuid. “B’fheàrr am portan-tuathail na bhi gun fear-tighe.” (?)
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
pranndan
-
[pɾɛ̃n̪:d̪ɑ̃ṉ] Notes: crushed crab, limpet, potato for bait.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
rùbhag
-
[ru̜:ɑɡ] Notes: crab.
Location: Sutherland, Kinlochbervie, Oldshoremore
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
rùbhag
-
Notes: crab.
Location: Sutherland, Durness, Laide, Portnacon
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
rùbhag
-
Notes: crab.
Location: Sutherland, Kinlochbervie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
rùbhag
-
[ru̜:ɑɡ] Notes: crab.
Location: Sutherland, Kinlochbervie, Blairmore
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
rùdhag
-
Notes: a crab.
Location: Sutherland, Portskerra
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
sgràbadh
-
scrabing [sic].
Location: Harris, Scalpay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
snodhach
-
[sn̪ɔ̃ʔɔx] Notes: female crab.
Location: Islay, Port Wemyss
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
soll
-
mussels, limpets, crabs, in fact, any shell-fish, mashed up with a stone and thrown into the sea to attract fish. Boiled cold potatoes, crushed in the hand were sometimes used when enough shell-fish could not be had.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
solladh
-
crushed crabs, limpets etc. to attract fish to the rock.
Origin: Barra
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
sporan
-
Notes: where the crab holds its spawn.
Location: Islay, Port Wemyss
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
sporan
-
Note: flap on the belly of a crab.
Location: Harris, Quidinish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
sporan
-
Quot.: sporan na crùbaig. Note: crab’s “apron” (flaps on its belly).
Origin: Crowlista
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
sporan-na-crùbaig
-
Note: spawn-pouch of the crab.
Location: [Lewis], S. Lochs, Gravir
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
strùpladh (E)
-
Faic ‘strùplaich’ aig MacGhillfhinnein. (Fear a’ Chnìpe – Kneep, am baile ann an Uig an Iar). Crabhlastadh agus An Cnìpe chan eil iad fada bho chèile. Ach faic an t-eadar-dhealachadh. Mar eiseamplair: Cragan-tràghad (Crabhlastadh). Cragan-faoileig (An Cnìpe). Sgliùnach (Crabhlastadh). Sgliùnaidh (An Cnìpe). (Chan eil fhios ’am an e ‘Cnìp’ no ‘Cnìop’ an litreachadh ceart. Cha chreid mi gu’m faca mi a riamh ann an sgrìobhadh e.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
-
tàbh
-
a circular net with a handle used for fishing. It was lowered into the water and finely broken mussels, limpets, winkles, crab (any bait) thrown into it. When the fish gathered to eat the bait, the net was lifted. It was like a landing-net, only on a vastly larger scale.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
àirigh (I)
-
Chan eil ainmeannan àrraid sam bith agam mu àirigh seach tigh sam bith eile, ach: àrlus [q.v.], an ceap [q.v.], crabhcan [q.v.]. Àirigh – mar tigh beag, aon seòmar.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings