Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 11 hits for cìob

[bodach Port-a’-Chuilinn]
“Bheir e a bhàn iad.” “Is ann a chara.” Bodach Port-a’-Chuilinn cha chreid mi nach canadh easan cuideachd “’s ann a chara”. Agus bhiodh aige ri na balaich a bhiodh a’ tarruing as aig na faingean aig an taca “A Bhugari” airson “A Bhugairean” againne. “Anns an t-seasaidh” chanadh e ri “anns an t-seasamh”. Agus mar sin. Ach ’se bhodach còir a bh’ann. Fad a bheatha còmhla ri na cìobairean. ’S iomadh rud a chunnaic e agus a thachair ris. Ach cha chreid mi gu robh aon nàmhaid aige aig là a bhàis. Mar a bha mi ’g innse dhuibh b’e seanair Anna a bha agaibh fhéin ’na h-oileanach. “An Tàileach” a chanadh iad ris.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[faing]
Cha bhiodh againne ach na dhà an cumantas: an fhaing mhór agus an fhaing-ghlacaidh. Ach aig na cìobairean bhiodh móran fhaingean: an fhaing-mhór, an fhaing-chaol ’s mar sin, faing airson a h-uile nì a dh’fheumadh iad.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
a’ deargadh
marking eile. ’Se dearg a chanas sinn ri keel. ’Se ‘cil’, cha chreid mi, a chanadh na cìobairean.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
caoirich-mhóra
Na caoirich-mhóra – na caoirich-mhaola, na caoirich Ghallda, Chieviots, ’s mar sin. Tha mi deanamh a mach gur h-e seo a chanadh na cìobairean, gun canadh iad seo, có dhiù. [Cf. caoraich-bheaga]
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Caoraich / Sheep
caoraich-bheaga
[sic] Na caoirich-bheaga – na caoirich-bhrògach (black-faced sheep). Tha mi deanamh a mach gur h-e seo a chanadh na cìobairean, gun canadh iad seo, có dhiù. [Cf. caoirich-mhóra]
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Caoraich / Sheep
cìob (f)
[kind of seaweed.] Reddish in colour and most often found in October. Grows on actual rock. Takes a long time in rotting due to cold weather (winter-time). Good for potatoes.
Origin: Tiree
Category: Àiteach / Agriculture
cìobair
Quotation: Tha ’n cìobair as na blocaichean. Notes: heard on board a boat when the wind whistled in the rigging.
Location: Ross-shire, Achiltibuie, Alltan Dubh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cìobaireachd (f)
handling of sheep.
Origin: Tiree
Category: Caoraich / Sheep
cìoban
[cı:bɑṉ] Note: goile a’ ghuga agus bloinig a’ ghuga na broinn. Bhiodh iad nan crochadh anns an tigh agus nan toirt dha na caoraich as a’ gheamhradh airson mathachadh.
Origin: Ness
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cìoban
tether stake.
Origin: Tiree
Category: Caoraich / Sheep
dionag
Chan eil e againne idir, ach bhiodh e aig na cìobairean.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep

^ Return To Top ^