-
muir n.
-
‘sea’: bhon mhuir [on vur ́].
Location: Canada, Cape Breton, Iona, Barra Glen
Category: Barra Glen, Iona wordlist
-
(5) Tàbh mór
-
’Se ‘tigh-thàbhaidh’ a chanas na Nisich ris an tàbh so agus faodaidh mi a radh gur e Nis dachaidh an taibh so oir tha iad ann ’nan dusain. Chan fhaca mise gin ach aon dhuibh [sic] anns an Rudha, ’se ‘am poca’ bhiodh againne is bha am poca againn cho pailt is a tha an tigh thàbhaidh aig na Nisich. Tha e cho mór is cho trom is gum bi buarach air a cur mu mheadhon an fhir a bhios ag obair leis, is fear air a chùlaibh ga cumail, oir na’n tigeadh muir tarsainn gun fhiosd is an tàbh a muigh bhiodh e dualtach car a chur do’n tàbh is an t-iasgair a tharraing a mach. Ag iasgach le tàbh mór tha iad a’ biadhadh na creige, is nuair a chruinnicheas na cudaigean chun a phronnabhaidh-so, tha an t-iasgair a’ sàthadh sios an tàbh air an taobh a muigh is gan crodhadh ann eadar an tàbh ’sa chreag. Tha e a’ doirteadh na ghlacas e air a’ chreig is togaidh na bhios timchioll do na peileachan iad. ’Se duine làidir a dh’fheumas tu airson tigh thàbhaidh oibreachadh, ach is e daoine làidir a tha anns na Nisich.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
[a’ tional maorach]
-
A reir de cho pailte s’ atha iad than giomach ri bhith air iasgach le cliabh ’s a chum fharlainn pailte a leabag mar bhiadh. Tha an crùban gaolach air iasg ùr, mar is bitheanta sòrnan is fhearr, air neo cudainn. A reir a pailteas air a’ ghrunnd b’e doigh(ch) a b’fhearr far a biodh faochaig pailte gach clach is feamann air neo roc a ghlanadh air fala as do rathad air thaobhs gu faodach leisinn [?] air an togail le’d dha làmh ’s gan cur anns a phail an triseach, sin do’m phoca. Fagaig an sin a fhaochaig, fiasgain ’s fhearr am fasgann dar a bhios i eadar an da luinn dluth air uisge fresh s mur a s bitheanta far am bith iad pailte mar sin gheobh thu pearls annta chionn tha iad nas mutha. ’S doich air a bhairneach darna cuid clach ma dha phùing le oir car giar agus a bualadh a sios a rathad le oir na cloicheadh [?], a bualladh [?] le cabhag. Bu [?] sput fish daonnan a miosg geineich gheal agus far a feic thu i spùtadh tha thu gan grapadh as a gheinich gus a bith do bos agad am breallach air an aon (àn) doigh[.] Tha esan a sputadh cuideach le cabhag a dheanadh tha ga fhaotain[.] Far am bith na cockles pailte tha iad air barr a ghrunnd le muir traigh (Càn a mach). Slige chreachain fheamadh tu a togail far a ghrunnd far a feicedh tu a ach gu math bitheanta tha i ’sa làthaich a bharrachd air a bhith ’s a gheinich[.] Lungaich chi thu uraball air barr na criadh, tha thu ga glaochach [?] mar gum bith [?] buain buntata ’s am piocadh a mach. Se buain lungaich a chanas iad. Feama tu an fheamainn dhubh a ghearradh far na creigeadh le corran. ’S an fhior aire a thuibhairt (a thoirbhairt) gum bith toll taomaich anns a bhata bhios ’ga giùlan[.] An doigh a bh’aig na seanna Ghàidheal b’e basgaid sgadain bhi shios mu dheireadh air urlar a bhàta ma biodh i luchdaichte chionns nach phlod (plod) an fheamainn dhubh[.] Phlodaich gach roc is gach feamann eile gad a bhiodh bata a stealladh dorlach uisge. Fear a bheil faiche ghiomaich na pairce beag de ghaineach air beulaibh an tuil agus dar a dh’itheas e am biadh tha e ’g ithe beagan de’n ghaineach. (tiomalaich [?])
Location: [Mull], Tobermory
Category: Maorach / Shellfish
-
[balgam]
-
Chan eil balgam a’ briseadh air. [(am muir)] (Tuigidh sibh fhéin.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[beul-dubh]
-
Tha beul-dubh air a bhàgh. [(am muir)] (Tuigidh sibh fhéin.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[briseadh]
-
Tha e briseadh ris a’ chloich. [(am muir)] (Tuigidh sibh fhéin.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[cur]
-
A’ cur air a’ chloich – putting the stone. A’ cur air an dòrnaig – putting the stone. Tha a’ muir a’ cur orm. – I am sea-sick. A’ cur an eòrna – sowing barley. A’ cur an t-sneachd – snowing. A’ cur thairis – overflowing. A’ cur nan cleas dheth [dhith? – unclear] – gambolling. A’ cur bhuaidhe – relieving himself (call of nature). A’ cur a mach – vomiting.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[diachainn]
-
rud-a-dh’fhagad[sic]-a-muir leis-an-diachainn – what the sea unobserved to carry as not considered valid... and still sorry in doing [?] so when we have: diachainn = dichuimhn’ [?] – forgetfulness.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
-
[dà chleachdadh a bha air an casg]
-
(Da chleachdadh a bha air an casg dhuinne anns an eathar aig muir: feadalaich – tharraingeadh so gaoth nuair nach bitear ga h-iarraidh, agus a’ cunntadh an éisg mar a bhiodh e a’ tighinn fear bho fhear air an lion – chuireadh so a mach a iasg thu.)
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
[maorach]
-
“Chan fhuirich muir ri uallach ’s cha bhuain bean luath maorach.”
Origin: Lewis, Uig an Iar
Category: Maorach / Shellfish
-
[maorach]
-
“Chan fhuirich muir ri uallach ’s cha bhuain bean luath maorach.”
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[muir-làn]
-
Tha muir-làn ann.
Origin: [Barra]
Category: Sìde / Weather
-
[muir-tràigh]
-
Tha muir-tràigh ann.
Origin: [Barra]
Category: Sìde / Weather
-
[muir]
-
Ri taobh a’ mhara. – Chuala mi seo uaireannan. Ri taobh na mara a bhios againn an còmhnuidh an Leòdhas.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[muir]
-
Dh’iarr am muir a thadal. – Sean-fhacal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[muir]
-
Dh’iarr a mhuir a tadhall.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[muir]
-
Chan fhan muir ri uallach, cha dean bean luath maorach.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[muir]
-
’S minig a thàinig muir mór a plumanaich.
Location: North Uist, Tigharry
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[saillt]
-
Cho saillt ri muir an dà rudha.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[Seanfhacal 56]
-
Cha tig tiurra leis a h-uile muir làn.
Location: North Uist, Carinish, Cnoc Cuidhein [Knockquien]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[Seanfhacal 75]
-
’S minig a thainig muir mór a slumanaich.
Location: North Uist, Carinish, Cnoc Cuidhein [Knockquien]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[Seanfhacal 90]
-
Chan fhuirich muir ri uallach ’s chan fhan là ri righ.
Location: North Uist, Carinish, Cnoc Cuidhein [Knockquien]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[sliasaid]
-
sliasaid chumail ris am muir – cul (bioran [?] a bha tighinn as an deidh).
Location: [Harris], Leverburgh
Category: Togail Bhàtaichean / Boat-Building
-
[tiùrr]
-
Ann an tiùrr an làn. – Ann am beul na mara far am biodh am muir a’ fàgail a h-uile seòrsa nì.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[tìr]
-
Chuireadh tu air tìr an luchd ghloineachan. – Chanadh iad seo nuair a bhiodh am muir air leth sèimh.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
Am muir
-
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
An t-arcach
-
So, tha mi a’ smaoineachadh an te a b’fheàrr aig muir is bu shàbhailte. Bha a toiseach is a deireadh a’ tighinn cruinn a steach chun an droma, is bha i fada na b’fharsaing eadar a dà ghualainn na bha i eadar an da shliasaid. Dh’eireadh i so gu bòidheach air gach tonn, a’ ruith na mara no dol ’na aghaidh, agus bha i cho easgaidh air an stiùir is gur e fìor dhroch sgiobair a leigeadh do mhuir tarsainn a thighinn air gun a ghlacadh air a sliasaid no air a gualainn.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
an uamhla
-
Am muir-mór, domhainn. “Dòmhnull ’na sheasamh air bearradh na creige agus an uamhla ghorm fodha.” “Thoir an uamhla dha”, chanadh sinn mu dheidhinn cù anns nach biodh feum (bàth ’s a’ mhuir e).
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
anns an tràigh shiol
-
Gràpa is corran. Bidh na siolan fodha anns a’ ghainmhich, agus gu faighinn biadhadh lion beag theid a’ ghainmheach a tionndadh le gràpa. Ruithidh a’ ghainmheach troimh spàgan a’ ghràpa a’ fàgail na siolan a’ placail air an uachdair. Nuair a bhios a ghainmheach cho fliuch, no nuair a bhios muir tana a’ ruith oirre, le bhith ruith troimh ’n ghainmhich le corran, fairichidh tu an t-siol ris a’ chorran is cladhaichidh tu an àirde le do laimh i. Gheibheadh tu air an dòigh so na dh’fhóghnadh airson a’ chreagaich.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
-
ard muir-lan
-
Origin: Mull, Tobermory
Category: Sìde / Weather
-
bun-sgòth
-
A muigh aig bun-sgòth. – A muigh cho fada ’s a chì an t-sùil, far am bheil am muir ’s an t-adhar a’ coinneachadh a chèile, mar a shaoilear. Cha chuala mi “bun-sgòth” a riamh air a chleachdadh ris an tìr.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
creachan
-
Clam. ’S e maorach muir domhain a tha so, agus gheibhear cor fhear dhuibh [sic] air an lion-bheag ceithir thimchioll an eilein, ach bidh muinntir Uig agus muinntir nan Loch gan togail le sgumairean ’nan dusain do na h-eathraichean aca aig top reodhart is gan còcaireachd an aon doigh ris a’ mhadadh. Bidh muinntir Uig ga fàgail ann an luin anns a’ chladach agus a’ dol air an tòir as a sin mar a bhios feum orra. As deidh a’ chogaidh mu dheireadh bha campa R.A.F. ann an Ard Uig is bhiodh balaich a’ champa so a’ togail nan creachan na’n ceudan comhdaichte ann an ‘aqua-lungs’ agus ga reic an Steòrnabhagh. Cha robh so a’ còrdadh ri muinntir Uig idir. Bha eagal orra gu gun glanadh iad an grunnd buileach glan, agus mar sin bha iad taingeil gun tug na balaich so an casan leotha nuair a chaidh an campa a dhùnadh bho chionn da bhliadhna. Anns an Rudha na’n togte creachan air lion beag bha an duine leis an robh an lion ga dhleasadh ga fhein. Co dhiù, anns an Rudha bha an creachan ga ithe amh cho luath ’sa thigeadh e air bòrd. Chan fhaca mise iad a’ bruiche chreachan a riamh gus an deacha mi chun na Lochan. Tha e fada na’s blasda amh. ’S e slige a’ chreachain an t-inneal as fheàrr a fhuaireadh fhathast gus an t-uachdair a thogail bho bhainne togalaich.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
-
feòrlan
-
[fjɔ:rd̪ɑṉ] Quotation: Chaidh an fheannag do’n tràigh is mharbh i ’m partan, [əviʔə] muir làn mharbh i seachd dhiubh, chuir i cas air an tigh mhóir agus cas air a chaisteal, spùt i bolla eòrna agus [fjɔ:rd̪ɑṉ]. Notes: bushel.
Origin: Islay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
glogaire
-
Chanadh na bodaich seo ri suaile ’s a’ mhuir. Là a bhiodh am muir lom, rèidh agus gun ghaoth ann, ach luasgadh math ann an déidh sin, chanadh iad gu robh ‘glogaire’ de shuaile ann. (Suaile, no suaibhle, ’s e sin ‘swell’.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
liac
-
Nuair a chitheadh na bodaich liac de ola air uachdar na mara ann am bàgh no a muigh air muir-mór, chanadh iad ‘liac an sgadan’. Agus dh’aithnicheadh iad nuair a bhiodh an sgadan ann, cho math.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
liath-chladach (E)
-
An cladach eadar na creagan móra agus am feur. An cladach cumanta gheibh am muir thuige dìreach, airson a riasladh uair sam bith. Tha dhà no trì de’n t-seòrsa-sa ’s a bhaile againn fhìn.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
-
Lion-coise
-
Sreang lin bhig air a cur air an tràigh nuair a bhios an tràigh a muigh air a cumail le da chloich bhàithte, agus ga togail nuair a theid an ath thràigh a mach. Feumaidh tu bhith aice mus fhàg am muir i air an neo ma bhios iasg oirre ’se faoileagan a gheibh thu air na dubhain.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
Liteach
-
Cha robh i so gle fhreagarrach ann am muir mór idir. Bha a toiseach is a deireadh a’ dol dìreach sios a’ fàgail fada an droma an aon mheud ri a fad air a h-uachdair. Ghearradh i so tre na sualaichean gun èiridh orra is mar sin bha i dualtach air a bhith air a lionadh le muir gorm a thoirt innte ri dol an aghaidh na mara.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
lom
-
Quotation: Bha am muir lom. Notes: The sea was calm.
Location: Ross-shire, Achiltibuie, Alltan Dubh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
luga
-
Lug worm. Bidh iad so fodha anns a’ ghainmhich nuair a tha am muir a muigh. Bidh tuill shéididh aca, agus chi thu a’ ghainmheach no an làghach a chladhaich iad a mach as na tuill, nam buaileagan cruinn timchioll nan toll. ’Se biadhadh math lin bheaga a tha annta.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
-
molach
-
Quotation: Bha am muir glé mholach. Notes: The sea was very rough.
Location: Ross-shire, Achiltibuie, Alltan Dubh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir
-
Quotation: Bha am muir lom. Notes: The sea was calm.
Location: Ross-shire, Achiltibuie, Alltan Dubh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir
-
Quotation: Bha am muir glé mholach. Notes: The sea was very rough.
Location: Ross-shire, Achiltibuie, Alltan Dubh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir
-
Quotation: Chuir e na muirean sin dheth. Notes: voluble complaining. Source: Mrs N. Morrison, Kenmore. Date: 1970.
Location: Applecross
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir
-
Quotation: tinneas mara. Notes: seasickness.
Origin: North Uist
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir
-
Quotation: an tinneas mara. Notes: seasickness (Jura).
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir air an coisicheadh na cuileagan
-
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Sìde / Weather
-
muir bhuachaill
-
great northern diver.
Origin: Glasgow/South Uist? or South Uist, Kildonan or South Uist, Garrynamonie or South Uist or Skye, Bernisdale
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir bristeach
-
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Sìde / Weather
-
muir ceac
-
jelly fish.
Location: Harris, Sgarastamhor
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir clapoil
-
Origin: Harris, Horgabost or Harris, Kyles Stockinish
Category: Sìde / Weather
-
muir gaoitheadh
-
tonn air an togail leis a ghaoith.
Location: [Harris], Leverburgh
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
-
muir glogach
-
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Sìde / Weather
-
muir lan
-
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Sìde / Weather
-
muir làn
-
Origin: Harris, Horgabost or Harris, Kyles Stockinish
Category: Sìde / Weather
-
muir làn
-
Origin: Tiree
Category: Sìde / Weather
-
muir na fiath
-
Origin: Harris, Horgabost or Harris, Kyles Stockinish
Category: Sìde / Weather
-
muir sgian
-
razor shellfish.
Location: An t-Eilean Sgitheanach, Stafainn [Skye, Staffin]
Category: Maorach / Shellfish
-
muir stoirmeil
-
Origin: Harris, Horgabost or Harris, Kyles Stockinish
Category: Sìde / Weather
-
muir tiachd
-
jellyfish.
Location: South Uist, Iochdar, Baile Gharbhaidh [Balgarva]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir tiachd
-
phosphorescence. [NOTES: note added – usually means ‘jelly-fish’.]
Location: South Uist, Daliburgh
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir tiachd
-
jellywish [sic] [jellyfish?]. Would burn you if touched.
Location: Eriskay, Na Hann [Haun]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir traigh
-
Origin: Harris, Horgabost or Harris, Kyles Stockinish
Category: Sìde / Weather
-
muir traigh
-
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Sìde / Weather
-
muir tràigh
-
Origin: Tiree
Category: Sìde / Weather
-
muir uisge
-
salt water.
Location: South Uist, Iochdar, Baile Gharbhaidh [Balgarva]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-bàn
-
Note: foamy sea.
Origin: [Lewis], Arnol
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-chas
-
steep choppy waves of a lighter sort of motion, from the deep ocean roll, say of the Atlantic.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-chlach
-
Notes: shingly beach.
Origin: Tiree
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-chlach
-
Notes: see under clach.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-dhorcha
-
dark coloured sea, of a dark brownish colour due to rainwater by the shore, only showing by the shore where the sea is shallow.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-fhada
-
[sic] swell. [NOTES: slipped under ‘muir-fada’. Definition: ’Sea swell’.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-ghlas
-
‘grey’ sea, green sea.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-goirid
-
waves of short (length) height.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-lom
-
‘bare sea’, calm sea, calm.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-làn
-
high tide.
Location: Harris, Scalpay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-ruighinn
-
high waves.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-ruighinn
-
lengthy towering waves, or high towering waves.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-teachd
-
jelly-fish.
Location: Uibhist a Tuath, Ceann a Bhàigh [North Uist, Bayhead]
Category: Maorach / Shellfish
-
muir-teachd
-
jelly-fish.
Location: An t-Eilean Sgiathanach, Portrìgh [Skye, Portree]
Category: Maorach / Shellfish
-
muir-tiachd
-
Notes: jellyfish.
Location: Tiree, Caolis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-tiachd
-
jellyfish.
Location: [South Uist], Daliburgh (Schoolhouse)
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-tiachd
-
[mu̜ɾtʹiɑxk] Notes: jellyfish.
Origin: North Uist, Grimsay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-tiachd
-
[mu̟ɾtʹiɑxk] Notes: jellyfish.
Origin: Tiree?
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-tiachd
-
Notes: jellyfish.
Location: Skye, Portree
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-tiachdaidh
-
jellyfish.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-tèac
-
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
muir-tèachd
-
jellyfish.
Location: Isle-of-Lewis, Shawbost
Category: Maorach / Shellfish
-
mursaig
-
(muir-sgian) razorfish.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
prìosan-sàil
-
Prìosan a bhiodh am muir a’ tighinn air na prìosanaich ach mar a chumadh iad fhéin bhuapa e.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
reabhladh
-
“Reabhladh de an mhuir air an tràigh.” – Na h-uibhir de an mhuir air an tràigh. Is ann nuair a bhiodh am muir a’ dol a mach bu trice a chleachdadh sinn ‘reabhladh’. Ach ’s iongantach mur a biodh e ceart gu leòir a mach no a steach.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
seotaiche
-
[ˈʃɔt̪içə] Quot.: “Seotaiche nach cothaich cruadal.” Note: fear nach deanadh tùrn dha duine air muir na tìr.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
Sgoth Niseach
-
Bha toiseach is deireadh na sgoth Nisich a’ dol cho cas a steach chun an droma is gu robh moran throighean a dh’eadar dhealachadh eadar a druim agus fad a h-uachdair. Bha iad so math da rireabh gu ruith na mara agus gu dol ’na aghaidh. Dh’eireadh iad air an t-suala ach cha robh iad èasgaidh air an stiùir ann am muir tarsainn, is chaidh iomadh te dhuibh [sic] a chall a’ deanamh air Port Nis is muir tarsainn a’ tighinn orra bho thìr.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
siol
-
Bidh iad so gan tiodhlaiceadh fhein anns a’ ghainmhich nuair a theid am muir a mach. Togar iad le gràpa no le corran airson biadhadh lion beag no creagach. Bidh na Nisich gan itheadh.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
-
ugh
-
Quotation: Ugh gun luath gun salainn, an ceann seach bliadhna ni e galair. Notes: luath. Connect with muir-luath (?)
Location: Lewis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
‘Layaigeadh’ nan lion
-
Mus teid iad gu muir a rithist tha na lin air an càradh air àrd ùrlar an tuill réidh deas gus an cur – na putan taobh an deiridh is na stopairean taobh an toisich.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle