Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 65 hits for Facal

(3) Maorach
(Limpets) Tha am facal ‘maorach’ a’ ciallachadh anns an eilean so air fad ‘bàirnich’ (limpets). ’Se bàirneach a chanadh sinne ris a’ bhàirneach bheag bhàn a gheibheadh sinn ann an carraic stamh. Tha am maorach air a bhuain feir na sgeirean le òrd maoraich.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Cleachdadh
Shios againne ann am Portnaguran na’n tigeadh iasg annasach mar sùil-òir, no creachan air lion bha am fear leis am biodh an lion gan dleasadh dha fhein. Da mhìle suas air an sin anns an Rudha ann an Siadar na’m ann air druim an lin a bhiodh an creachan air greimeachadh ’se sgiobair a bha ga dhleasadh, ach ’nam ann air an dubhan a bhiodh e air greimeachadh ’se fear sgròbaidh a bha ga dhleasadh – cha robh facal aig fear an lin anns a’ ghnothach.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
[alaid]
An latha roimhe ’s mi ’fuine thainig am facal “alaid” a steach orm – a’ mhin thioram a bhios sinn ag cumail eadar an taois is an clàr. Cha chuala mi e bho dh’fhàg mi dachaidh m’òige – ’s dòcha gu e is aobhar gu bheil an fhuine air dol a mach a cleachdadh gu ire mhóir – ach chan ’eil mi ’ga lorg ’s na faclair. An alaid a bha chòrr an deidh na fuine, ’sann a shaitheach nan cearc a chuirt i ’s chan ann air ais do’n chiste – bha a’ mhin ’na ni cho glan ’s luachmhor ’san dachaidh ’s nach fhaoidte a truailleadh gu na h-ìre ud fhéin.
Location: Lewis, Stornoway
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[anail]
“Anail bheag thric an ceann gach cnuic, comhairle an duine ghlic d’a mhac.” – Facal. Bha mi ’ga chluinntinn a riamh. (Bhiodh seo nuair a bha an t-eallach tric.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[banntrach]
Air m’ ais ghun nam facal – am beil, na ’n robh, facal idir air son “widower” ach banntrach?
Location: Lewis, Stornoway
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[beul]
“Bidh dùil ri beul cuain ach cha bhith dùil ri beul uaigh.” – Facal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[biorach]
Tha i cho biorach thuige. – Cha leig i facal as a bheul gun a bhith aige.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[brà]
Balach ’s e ri fàs dh’itheadh mar a mheileadh brà. – Facal no sean-fhacal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[capall]
Is minig a thuit an capall ceithir-chasach. – Facal, no sean-fhacal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[coirbhtheann]
Am facal-sa, coirbhtheann, no coirtheann (chan fhaca mi a riamh sgriobhte e), chan eil fhios ’am dé an litreachadh ceart air. Air a fhuaimneachadh tha e againne mar coire (kettle) + thann, coire’thann. Coirbhthann no coir(bh)thann no coireathann, tuigidh sibh fhein, tha mi glé chinnteach, mar tha a’ chùis. (Feuchaibh Ruairidh, smaite gu’m bi an aon nì aige-san ’s a tha agam fhìn bho’n taobh an iar.) Coirbhthann: Pìos fiodha mar ’s an dealbh: mu 3 oirlich air fad, mu ½ òirleach no mar sin air thiuighead. Coirbhthann bho’n amhaich: 3 tuill innte. Coirbhthann ’s a’ cheangal: 2 tholl innte.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
[cusg]
[Kenneth MacDonald in the letter of 9 January 1967:] Seachdain no dhà air ais, fhuair sinn pasgan eile de dh’fhaclan Uigeach bho dh’fhear an aon ainm ruibh fhéin – Murchadh MacLeòid, a tha ’na mhaighstir-sgoile ann an Cinntire. B’e am [sic] rud a chuir e thugainn an t-ainm a th’aig muinntir Chàirisiadar air fear an “Artificial Insemination” – “Bodach na cusg”. An cuala sibh fhéin riamh am facal “cusg”, no an urrainn dhuibh mineachadh ’sam bith a thoirt air? [Mr MacLeod’s reply:] Murchadh MacLeòid Chinntire, Murchadh a’ Ghobha a tha mi an dùil a th’ann. Mo dheagh charaid, uaireigin. Cha’n fhaca mi e bho shamhradh 1948. Tha mi tuigsinn gur h-ann ann an Southend an Cinntire a tha e. Mor, no Murdo, a’ Ghobha a chanas sinne ris. Duine dòigheil a tha ’n sin. Duine snog. (…) Mu ghnothach an A.I. Tha na facail “cusp” agus “cusag” ann. Tha iad sìos anns na faclairean. Cha chanainn nach e aon dhiubh seo a tha ann an “cusg”. (…) Agus am facal sin a nuas, agus air mhaiseann [?] ann an Càirisiadair. Anns na Bàigh. Chan eil fhios ’am an cuala sibh a riamh mu Sgoil Dhubh nam Bàgh. Bidh Ruaridh am profeasar air cluinntinn mu a dheidhinn, chanainn. Chan eil am facal “cusg” againne idir. [Letter dated 04/05/1967:] Bho phiuthar eile thall an Crabhlastadh againn fhìn, fhuair mi mu dheidhinn “cusg” (Bodach na Cusg). Is ann air pìob-stillidh a bha cusg aca anns na Bàigh (seòrsa de rudeigin mar pìob-stillidh, có dhiù). Is iomadh uair a rinn sinn mallachadh agus blaigeardachd air bodaich leis a’ phìob-stillidh (eileamaid airson bùrn a thilgeadh). Tha mi cinnteach gu’m biodh balaich shuas taobh na Comraich ris an aon seòrsa oibreach. (Na Bàigh: ’se sin Càirisiadar, Géisiadair, Ungisiadair, agus Éineacleit.)
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[còrr]
An duine nach bi ’n còrr aige ri dheanamh cuiridh e na cait do an teine. – Facal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[daga-phort]
[Kenneth MacDonald in the letter of 9 January 1967:] Seachdain no dhà air ais, fhuair sinn pasgan eile de dh’fhaclan Uigeach bho dh’fhear an aon ainm ruibh fhéin – Murchadh MacLeòid, a tha ’na mhaighstir-sgoile ann an Cinntire. (…) B’e facal eile a bh’aige “an daga-phot” air a chleachdadh mar seo: “Tha an t-aran seo cho cruaidh ris an daga-phot.” A bheil fhios agaibh dé idir as ciall dha’n an fhacal seo? [Mr MacLeod’s reply:] Murchadh MacLeòid Chinntire, Murchadh a’ Ghobha a tha mi an dùil a th’ann. Mo dheagh charaid, uaireigin. Cha’n fhaca mi e bho shamhradh 1948. Tha mi tuigsinn gur h-ann ann an Southend an Cinntire a tha e. Mord, no Murdo, a’ Ghobha a chanas sinne ris. Duine dòigheil a tha ’n sin. Duine snog. (…) Ach am fear-sa, “an daga-phot”. Is e an daga-phort a bh’againne air.  (Tha mi fhìn agus Mord a’ Ghobha 3½ mile bho chèile.) Mìneachadh air an fhacal, no dé mar a dh’éirich e? Chan eil nì cinnteach sam bith agam. Dh’fhaodadh gu robh comhcheangal aige ri daga, agus dh’fhaodadh nach robh. Chuala mi aig bodach ’sa bhaile uaireigin (agus bhiodh am facal sin aca): “Cho cruaidh ris an deilg na bhìotaidh.” (vee’tee) Agus b’e seo saoilidh mi, an tignum-vitae, am fiodh air leth cruaidh. ’Se am fiodh-sa a bhitheadh a’ dol ann an roithleinean nan ulagan (block sheaves) séibhichean nam blocaichean, mar a chanadh na bodaich. Agus abair a bhith cruaidh de an fhiodh sin! (Faic mu’n fhiodh-sa ’s na leabhraichean fiosrachaidh.) Nise mu’n daga-phort, tha facal Laidinn eile ag éirigh rium, agus dh’fhaodadh gu robh comhcheangal air choireigin aige ris an daga (am facal): aqua-fortis. Dh’fhaodadh gu robh, agus dh’fhaodadh nach robh. Sin na th’agam mu an daga-phort, mur a tionndaidh nì sam bith an àirde.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[facal]
“’S mór am facal nach toill ’sa bheul.”
Location: North Uist, Grimsay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[facal]
Cha toir mi air ais m’fhacal. I shall not recant my word.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[facal]
A thoirt gu buil fhacal. To fulfill his words.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[facal]
Tuigidh fear leughaidh leth an fhacail.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[facal]
Facal na thrath. A word in season.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[facal]
“Tuigidh fear leughaidh leth an fhacal.”
Location: North Uist, Grimsay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[fair]
“Fair mar gu’m faiceadh tu cù as déidh rabaid.” – Fair (Beurla) no mur a h-e rudeigin eile. Tha am facal-sa aig na Leòdhasaich airson ‘dìreach’. “Dìreach mar gu’m faiceadh tu cù as déidh rabaid.” Tha aca cuideachd ‘fair néat’ (fair neat).
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[fanoid]
“Is minig a thainig fìor á fanoid.” – Facal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[fudas]
A Mhic an fhudas-buic! Seo mar a tha e do an chluais: udas buic. Chan eil fhios agam le cinnt an e ‘fudas’ no ‘udas’ am facal. Ach tha mi smaoineachadh gur h-e ‘fudas’ am facal. Canaidh sinn mar seo: Dòmhnull: “Tha sàbh agam a stigh ’san tigh.” Tormod: “Tha ’s chan fhudas e.” (Yes, and not a bad one.) Ach ’s ann a bhiodh Tormod a’ ciallachadh nach robh móran feuma ’s an t-sàbh.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[fuil]
Ag cur a’ chuirp ’sa’ chiste cha bhiodh ann ach “na bha de’n fhuil” – is e sin am facal a chuala mi. [NOTES: slip not found.]
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Bàs is Adhlacadh / Death and Burial
[gabhte]
Cha chuala mi nach robh Jessag beò fhathast. Tha mi an dòchas gu bheil i air sealltainn gu math as a deidh. “Tha a facal glé ghabhte aig na leddies an Dunéideann” chanadh na bodaich. ’Se “Am Bible Woman” a chanadh iad ri leithid Seònaid.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[leth-fhacal]
Tuigidh fear leughaidh leth-fhacal. – Facal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[note]
Ann an seo tha mi a’ cur sìos nam facal mar a thig.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[note]
Tha an uine cho fada bho an bha mise ris an obair so, is nach ’eil cuimhne agam air far leth-dusan facal, agus is iad sin, tha mi cinnteach, bithidh agaibh mu thràth. Boyd. Bagh-a-Chaisteil.
Origin: [North Uist - according to the card index of Informants]
Category: Mòine / Peat-Working
[sraoin ?]
“Cha deacha a riamh le fear na ceud sraoine.” Bha dol gu math le Hitler (agus le feadhainn eile de a sheòrsa) an toiseach, ach cha deacha a riamh le fear na ceud sraoine. – Facal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[theab]
Chaidh theab le creig ’s theabas a bhàthadh. (Facal) (Tuigidh sibh fhéin.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
am faclair
Faclair ann an firionn no boirionn a tha e dhuinn? Dhuinne, có dhiù, mar leabhar tha faclair dhuinn firionn. Mar, faclair mór, faclair tomaideach. Ach a’ coimhead air faclair mar gur h-e dictionary no uile-eòlas a th’ann, is ann borionn a tha am facal dhuinn. Mar dictionary mhór, encyclopedia mhór. Smaite gu bheil a’ chùis an aon rud air taobh siar Rois. Smaite nach eil. Có dhiù cha dean deifir.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
bramalaid
Cho coltach ri facal a bhiodh aca ’s na Hearadh. Dìreach mar facal a thigeadh bho bheul “A’ Bhonnaich” as an Scarp. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘a lazy, useless woman’.]
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
brogaiche no brogach
Cha chreid mi gu bheil am facal ’sa ann an Leòdhas air fad. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘a spry old man’.]
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
buana, pl. buanachan
uaireiginn bha seann-daoine air a’ treòrachadh o thig [sic] gu tigh le cloinn gu bhi faodainn ‘deirig’ [?] neo greim bidhidh ’n uair nach robh e na comas dhaibh fhèin fhaodainn ’n uair nach robh duin ann a bhuineadh dhaibh gu sin a dheanamh. (2) Nuair a bha leithid seo de sheann daoine ’s nach b’ urrain dhaibh ach a dhol an eisimpleir chàich gu biodh sligh as fhosgladh dhaibh mar a bha ‘tighean air son na bochd neo tigh na bochd’. Bha ’m facal seo air a chleachdadh uaireiginn – ’s docha gu bheil e agaibh a cheana. [SLIP: Unclear, but connected with the time when old people, unable to fend for themselves and with no relatives of their own, would come to a house with children to get a bite to eat.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
caora chìleach
[sic] chan eil. Ach tha am facal ‘cìleach’ againn ’ga chleachdadh ri crodh: bò chìleach, gamhainn cìleach, ’s mar sin.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
clèideag (-an)
[e:] Shaoil leis gun cluinnear am facal seo ann an Ìle.
Origin: [Barra]
Category: Sìde / Weather
coileag
tha facal air a chleachdadh air son mònadh ’sair son sguaban airbhair.
Origin: [Taransay]
Category: Mòine / Peat-Working
corra-chriostag
Chuala mi am facal uair no dhà uaireigin ach chan eil bladh sam bith agam mu a dheidhinn. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘a woman who is always working’.]
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
crann
mar ann an ‘Dwelly’ ach am facal ‘bòrd ùiridh’ (mould board).
Origin: [Barra]
Category: Àiteach / Agriculture
cuairtean
facal airson na buird.
Location: [Harris], Leverburgh
Category: Togail Bhàtaichean / Boat-Building
dorgh, duirgh
chan eil am facal seo cumantan [sic] ann an Gleana Dail (Eilean Sgitheanach).
Origin: An t-Eilean Sgitheanach [Skye; Skye, Glendale acc. to other questionnaires]
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
druimean-feilidh
[d̪ɾw̃mɑṉfɛli] Note: facal ionadail. Mu dhuine aotrom, éibhinn, an-cheardach.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
facal
nn ‘word’: cha robh aon fh. sgoileadh aige
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
facal
Quotation: Bha facal aige. Notes: applied to a witty person, good at repartee.
Origin: Tiree
Category: Measgaichte / Miscellaneous
facal-dibhearsain
a word of fun.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
faghus
[fɤɣɤs] Quotation: Tha am facal sin gle [ɤɣɤs] air a’ bheurla. Notes: near.
Location: Sutherland, Portskerra
Category: Measgaichte / Miscellaneous
feadan (E)
“Crevice through which the wind whistles” aig Dwelly (6.). Againne faodaidh mi a ràdh fosgladh de’n t-seòrsa aig cnuic. Agus tha am facal beò fhathast ’s a’ chòmhradh chumanta. ’S aithne dhomh a dhà ’s an nàbachd, ann an ainmeannan.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
feasradh
fraoch goirid ’ga bhuain air son leapannan. B’e am facal ‘buain’ ach ghlacadh tu bad ’nad dhà làimh car a chur ann ceàrr (no deas a rèir do làimhe) is le grad spìonadh thigeadh e leat.
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
float
’S e facal Niseach a tha so, is cha chuala mi an t-ainm air an inneal giulain so ach an Nis fhein. ’S e bara-cuibhle fosgailte a th’ann gun chliathaichean no deireadh air, is bheir e leis an t-uamhas do mhoine. Mar as tric ’se cuibhle ‘motor-bicycle’ leis an ‘tyre’ a bhios air, agus tha e math air rathad bog.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
fursair
’Se ‘fursair’ a th’againne [for ‘cursair’ – one of the words suggested in the questionnaire – ‘a rough forward person (usually a woman)’]. “’Se fursair eagalach a th’innte.” Tha am facal ‘fursaireachd’ againn cuideachd agus ’ga chleachdadh.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
gearrag
Ged tha am facal ‘gearrag’ a’ ciallachadh nithean eile anns an fhaclair Dwelly bha i a’ ciallachadh anns an sgìorrachd so craobh beag ghiuthas tha a’ fàs air talamh mòinteich far a bheil an talamh bog fliuch a’ chuid as moth’ dhe’n bhliadhna agus mar thoradh air a sin chan eil i riamh còrr is da throigh dheug no mu’n chuairt anns an àird. Tha mòran talamh dhe’n seòrsa sin le craobhan beaga a’ fàs ann anns an sgìorrachd so. Chan fhac’ mi riamh am facal ‘gearragan’ nuair a bha iad a buntuinn ri còrr is aon. [SLIP: Small fir tree growing in wet moorland, never more than about 12ft in height.]
Origin: [Inverness-shire, Nethy Bridge]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
giùdaireachd
Bha Tormod, am balach beag, air a dhòigh leis an iasg anns an tuba mar a thàinig e as a’ mhuir. Bha e a làimhseachadh is eile mar a thigeadh ris, agus abair gu robh. Mu dheireadh thuirt a athair ris: “Teann air falbh as an sin, a’ giùdaireachd ann an sin mar…” Dh’éirich am facal rium, cuideachd, nuair a chuir an lighiche Barnard an cridhe anns an duine an toiseach. “’Se giùdaireachd eagalach a th’ann air duine.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gèabht
(Fuaimnich mar ‘sia’ (six) + ‘t’.) Chan fhaca mi am facal-sa a riamh sgrìobhte. Nuair a bhiodh am feur ’s an t-arbhar bog, fliuch as t-fhoghar, chanadh na bodaich: “A h-uile càil ’na ghèabht.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
lion-sgadanach
tha sin a’ ciallachadh ‘drift-net’ amhain. Cha chuala mi facal riamh air son ‘ring-net’ no ‘seine-net’. [NOTES: slipped under ‘lìon-sgadanach’.]
Origin: An t-Eilean Sgitheanach [Skye; Skye, Glendale acc. to other questionnaires]
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
mailleadh
early morning. Obair mhailleadh. (Ann am facail eile neo ann am facal eile – moch-thràth.)
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
nasg
chan’eil am facal againn a nis ach ann “air an nasg” i.e. ceangailte gun bhiadh fad an latha.
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
peiceall
Cha chuala mi am facal a riamh ’s chan fhaca sgrìobhte e, a bharrachd. Ach chan eil càil a dh’fhios nach ann bho an t-soitheach peic (an tómhas) a thàinig e. Smaite gur h-e eathar air bheag cumaidh, no rudeigin ann an riochd eathair, a bh’aig a’ bhàrd leis an tug e a chasan as. Chan eil fhios againn mur a tionndaidh rudeigin an àirde a chuireas soilleireachadh air a’ chùis. Cho fada ’s a tha m’ eòlas-sa a’ dol bha an soitheach peic rudeigin mar seo ann an cumadh. Fiodh agus cearcaill. Clàir ann.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
roinneadh
Facal eile air a fhuaimneachadh mar ‘toinneadh’ [q.v], ’se sin ‘roinneadh’. “Chaidh a’ ghaoth suas fo an tughadh air an tigh aig Calum agus thòisich i a’ roinneadh an tughaidh an àirde.” “Chaidh siorc do na lìn-sgadanach air na balaich an raoir. Fhuair iad seoba garbh rithe mu’n d’fhuair iad as i. Bha i air i-fhéin a roinneadh anns na lìn.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
seorp
Tha sibh cho seorp thall aig na tighean móra sin, thall air a’ chnoc. Chan eil fhios agam a bheil am facal-sa anns a h-uile h-àite. Tha fhios aig Ruairidh uime, co dhiù.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sgioba no sgiobadh
Peat cutting crew. ’S e criudha buain mhonach a tha am facal so a’ ciallachadh an diugh. Cha chuala mise a riamh e shios againn fhin ann an Rudha, far am bheil moran eathraichean fhathast, no ann an Uig a’ ciallachadh sgioba bàta no eathair.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
sgiot
skiff. Tha am facal air a dhol bàs. [SLIP: Skiff – not used any longer.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
soisdeir
Seo facal a bhiodh aig na bodaich thall againne mu dhuine a bhiodh an còmhnuidh aig gnothaichean soisgeil gu h-àraid a’ teagaisg. A’ teagaisg a h-uile cothrom a gheibheadh e. Soisdeir siod, ’s soisdeir seo, chanadh iad. Is ann aig na bodaich nach biodh cho cràbhach a bhiodh am facal ‘soisdeir’ ’ga chleachdadh.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: An Eaglais / Ecclesiastical Terms
susamailt
Quotation: B’e am facal “susamailt” – sùgh nam measan air a bhruich le siùcar, mar a their sinn ’sa Bheurla, jelly. Notes: Mrs. MacFarlane heard the above word from her father, Mr. John MacCallum of Taynuilt. Source: letter from Mrs. Mary MacFarlane, Taynuilt. Date: 20/11/1966.
Location: [see below]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sòlan
Bhiodh na seann daoine a’ cuir am facal ‘sòlan’ gu buil nuair a bhiodh an t-side garbh no ànradh ann. Bha e a’ ciallachadh fèath no beagan uine rè an là nuair nach robh cur is cathadh ann. Bhiodh iad a’ guidhe gun tig sòlan a chum ’s gum bith cothrom aig na caoraich a’ criomadh air na cnocan far an robh an sneachd air sguabadh air falamh leis a’ ghaoith. ‘Sòlan’ a’ fuaimneachadh mar a tha e anns an fhacal ‘sònraichte’. [SLIP: A lull in a stormy day. Compares pronunciation with sònraichte – nasal 1st syll?]
Origin: [Inverness-shire, Nethy Bridge]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tathainte
inquisitive, nosey, e.g. talking about tailors – “Bha iad sinn riabh cho tathainte a’ feitheamh a h-ùile facal.” [NOTES: ‘sinn riabh’ corrected to ‘sin riamh’.]
Location: North Uist, Grimsay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
torradh
Tha ‘torradh’ is ‘cruachadh’ ag ciallachadh an aon rud, ach chan eil a facal so aca air son nam monach ann an Nis. “Bha mi torradh.” ’S e sin a chanas muinntir an Rudha, gu h-àraidh muinntir nam bailtean mu sgoil na h-Airde, ged a chanas iad “Bha mi cruachadh,” cuideachd. (’S e cruachadh a fhuair mi bho chlann Nis ’san Taobh Siar ann an sgoil Lionail, ach is e ‘torradh’ a thug aon nighean dhomh a thàinig thugainn a Garrabost bho chionn bliadhna gu leth.)
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working

^ Return To Top ^