-
[An Canastair]
-
Gu ma dhà-fhichead bliadhna air ais bha eaglais aig na h-Antis ann an Ceann Langabhat, eaglais bheag iaruinn (suinc) agus ’se An Canastair am far-ainm a bh’aig an fheadhainn eile oirre.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: An Eaglais / Ecclesiastical Terms
-
[note]
-
Na’m biodh Donnchadh MacDhòmhnaill air ceann shìos a’ bhaile againn fhìn beò bheireadh e cuideachadh dhuinn mu chùisean na beairte. Cha deacha làmh a riamh air cùl beairte na b’fheàrr na e air dhòigh sam bith. Bheir mi dhuibh ainm fear a tha beò an diugh a bha ag obair air a’ bheairt mu’n d’thàinig na beartan ùra, na beartan abhtamataiceach: Calum MacMhathain (Calum Og), 6 Aird Uige, Ann an Leòdhas. Bhiodh e ag obair air a’ bheairt còmhla ri a athair. Tha a athair beò fhathast agus e gu bhith ceud bliadhna. “An Leddie” am far-ainm a bh’air. Chanainn gu’m bi na h-ainmeannan Uigeadh aig Calum Og. Is iongantach mur a h-eil mise air feadhainn dhiubh a chall.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
-
far-ainm
-
[fɑɾɛ̃ṉɛ̃m] Notes: nickname.
Location: Skye, Breakish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
far-ainm
-
[fɑɾɑɾɑm] Note: nickname. (Pronunciation.)
Origin: Kershader
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
far-ainm
-
[fɑɾɛ̃ṉɛ̃m] Notes: nickname.
Origin: Tiree
Category: Measgaichte / Miscellaneous