Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 55 hits for sean

Cho sean ri ceò nam beann
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
Piceil ur
Bha piceil ur ga dheanamh anns an tuba rousaigeadh le salainn a dh’aon ghnothaich air son so. Thuirt aon seann chutair rium gur e ‘Salainn Dorabhaigeadh’ a bhiodh acasan air an t-salainn so. Bha toll ga dheanamh le torra anns gach baraille a bhiodh air a threas lionadh agus a’ chuid bu mhotha den phiceil air a leigeil as. Bha an uair sin am piceil ùr a bha air a dheanamh anns an tuba rousaigeadh ga chur troimh thonnadair air an sgadan agus spìc fiodha ga chur a dhùnadh an tuill anns gach baraille. Nuair a rachach am piceil ùr a chur do gach baraille bha iad air an roiligeadh leis a’ phutair gu an aite suidhe, agus air an cur ’na seasamh air an ceann dìreach ‘bottom-tier’ an àrda, agus air am fàgail an sin gus an tigeadh ceannaiche a thoirt sùil orra. Nuair a thigeadh esan bha an ceann ga thoirt a baraille is chitheadh e gu de seorsa sgadan a bha ann. Dh’itheadh am Pole, an Gearmailteach is an Ruiseanach fear amh dhuibh [sic] gus an dearbhadh. Bhiodh cuid de na ceannaichean aig am biodh spìc fhada iaruinn a bhrodadh iad sios tre mheadhon an sgadain gu màs a’ bharaille gus deanamh cinnteach nach do chuir am pacair bad corc no sean chòta oiliscin na theis meadhon gus am baraille a lionadh le cabhaig oir gur ann anns a’ bharaille a bha iad pàidhte.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
SEAN-FHACAIL
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[bleidire]
“Tarruing am bleidire ort ’s fuiridh e oidhche agad.” – Sean-fhacal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[bliadhna]
Chuala mi chuthag ’s gun dad ’nam bhroinn / Chunnaic mi clacharan air cloich luim / Chunnaic mi searrach sean larach ’s a chul thaobh rium / Is dh’aithnich mi nach teidheadh a bhliadhna leam.
Origin: [North Uist?]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[brà]
Balach ’s e ri fàs dh’itheadh mar a mheileadh brà. – Facal no sean-fhacal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[capall]
Is minig a thuit an capall ceithir-chasach. – Facal, no sean-fhacal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[ceò]
Tha è cho sean ris a cheò.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[curra]
Athais na curra air a’ churra eile ’s i-fhéin tòn-dubh. – Sean-fhacal. Duine a’ cur air duine eile ’s e-fhéin a cheart cho dona ris, no a’ deanamh an dearbh rud ’s a bha am fear eile a’ deanamh.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[deoch]
“Is luaithe deoch na sgeul.” – Sean-fhacal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[fanaid]
“Is minig a thàinig fìor á fanaid.” – Sean-fhacal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[fàth]
Gheibhear fàth air a’ mhuir-mhór. – Sean-fhacal. (Tuigidh sibh fhéin.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[gasda]
“’Se gille gasda a th’ann.” – Duine cràbhach ’s a bhiodh a’ bruidhinn air nithean cràbhach, ’s a bhiodh ’na fhear-aideachaidh, ’s mar sin chanadh tu seo mu a dhedhinn. Ged a bhiodh e pòsda, no ged a bhiodh e sean, chanadh tu ‘gille gasda’ ris.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[làmh]
An làmh a bheir is i a gheibh. – Sean-fhacal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[muir]
Dh’iarr am muir a thadal. – Sean-fhacal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[mìr]
“Mìr gille èasgaidh air gach mèis.” – Sean-fhacal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[oidhche Shamhan]
Sean-Fhacal Gaidhlig: An deigh oidhche Shamhan their iad crodh ris na h’aighean agus aighean ris na laoigh. [NOTES: slipped under ‘Samhuinn’. The quotation has ‘Oidhche Shamhuin’ [sic] and ‘ris na h-aighean’.]
Origin: Kill-Fhinn
Category: Crodh / Cattle
[sean fhacal]
(Sean fhacal, ged a sharaicheadh e cha do bhriagnaicheadh e.)
Location: South Uist, Bornish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[sean fhacal]
Ged a sharuichear a’ sean fhacal, cha bhreugnaichear e.
Origin: [North Uist?]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[sean]
Cho sean ris an iolaire riapaich. Cho sean ri na bruthaichean.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[seilecheag]
“Seilecheag air talamh toll, clacharan air lic luim, searrach sean làir ’s a thonn rium, dh’aithnich mi nach rachadh a’ bhliadhna rium.” [NOTES: ‘sean’ corrected to ‘seann’ and ‘thonn’ to ‘thòn’.]
Location: South Uist, South Lochboisdale
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[siol-ghainmheach / sìol-ghainmheach]
Chunnaic mi am prògram “A Boy in Harris” air an T.V. an oidhche roimhe, agus chòrd e rium. (…) Ach a nise gu aon nì anns a’ phrògram do’n d’thug mi an aire – marbhadh nan siol, no glacadh nan siol (an t-siol-ghainmheach mar a chanas sinn) leis a’ chorran anns an tràigh. Obh, obh is iomadh ceud a ghlac an làmh a tha sgrìobhadh na litreach-sa. Anns an Fhadhail Mhóir aig Crabhlastadh, an Sgìr Uige againn fhìn, ann an Leòdhas. Am boirionnach Hearach a’ sgrìobadh leis a’ chorran anns an tràigh (air an tràigh thioraim). Chuala mi iad a’ deanamh nì de’n t-seòrsa-sa a ghlacadh na sìl air Na Ceithir Peighinn Deug an ceann shìos na Sgìre againn fhìn (Uig Leòdhais) a’ sgrìobadh le croman, no le hoe, air an tràigh thioraim. Cha’n fhaca mi a leithid shuas againn fhìn a riamh. Nì ach an corran anns an fhadhail. Bha an corran shìol air a dheanamh de’n chorran mhór. Bha an gob far an robh e dol na bu doimhne na bhith réidh ris an làimh, air a ghearradh dheth, agus am faobhar air a mhadadh gus nach gearradh e na sìolan mar a ghlacaist iad. Bhiodh cuid a’ toirt seòrsa de dh’fhiaclan anns a’ chorran shìol. Chunnaic mi a dhà dhiubh seo (corrain shiol) nuair a bha mi shuas aig an tigh air an t-samhradh-sa fhéin. Bidh cuimhne agaibh gu robh corran eile aig na bodaich: corran-speal. Bha e mar seo: [see third illustration below]. Is e arm eagalach a bha seo. Bha cùl air an iarunn aige mar air iarunn na speala agus bhiodh sibh ga ghleusadh le cloich-speal. Bha e mór seach corran cumanta. Seo a nise mar a bhithist a’ glacadh nan sìol leis a’ chorran-shiol anns an Fhadhail Mhóir shuas aig Crabhlastadh, ann an Uig Leòdhais. A’ tòiseachadh ann an seo [i.e. àite tòiseachaidh in the illustration] agus a’ gabhail air aghaidh. Bha peile-mór ceangailte le sreing ri do mheadhon. Peile-mór a’ cheàird no peile suinc. No peile-caol a’ cheàird (chan eil easan a’ dol an diugh idir). Bha thu a’ tòiseachadh na sgrìoba mar bu trice thugad. An uair sin a’ tionndadh a’ chorrain agus a’ toirt na sgrìoba bhuat. Mar sin a’ gabhail air d’adhart gu’n tachradh sìol riut. No beathach beag neimheil eile. Biast na Fadhlach, mar a chanas fear Chrabhlastaidh rithe. Iasg beag airgiodach ann an dath ’s an sgeilm, agus gathan neimheil innte. An stangaran a tha mi an dùil a chanas an Hearach rithe. (Ri siol air leth mór canaidh sinne an Uig gobag rithe. Dé a chanas an Hearach chan eil fhios agam.) Ma bhios tu airson cuideachadh air glacadh nan siol a shealltuinn uair sam bith, cha dean e deifir foighneachd mu an chùis do Mhurchadh. Bha Murchadh ris an obair sin mu na siolan bho bha e òg ’s a’ dol do an sgoil gus an a dh’fhàs e ’na dhuine agus a’ dol leis an lìon-bheag. (Siol as fheàrr airson cnòdan, agus là grianach nach bi ro fhuar. Is e luga as fheàrr airson na h-adaige. Sin gliocas agus léirsinn nam bodach a bha sean nuair a bha Murchadh òg.) Cha chanainn gu bheil móran lìon-bhig ’ga dheanamh ri cladaichean na Hearadh an diugh. Is e glé bheag dheth a tha ri cladaichean Uige an diugh mar an ceudna. Tha sabhs air na siolan air leth math, cuideachd. Agus tha iad air leth blasda mar bhiadh, agus air leth tacmhor. Cha tig acras air duine air luathair [?] as déidh feed de na siolan. A thaobh sealladh air lìonmhorachd, cha chreid mi nach e sealladh air an t-sil-ghainmhich anns a’ bhàgh againn fhín (Camus Uige) a dhleasas a’ cheud àite. Cia mheud mìle, no cia mheud muillion dhiubh seo a bh’ann? Agus faoileag is biorach air am muin [?], as an déidh, gu’n robh iad a’ leum ’nan sgaothan as an uisge, airson teàrnaidh, ged nach bu mhór an ciall. Bha dùil ’am gu robh bleideagan an t-sneachda ann an lìonmhorachd gu leòir. Bha dùil agam sin, gus an siod. Is iomadh rud a chì am fear a bhios air an dùthaich nach fhaic fear a’ chabhsair luim! Dà nì a chunnaic mi-fhín le mo shùilean aig sìol ’ga dheanamh: Chunnaic mi siol (te mhath mhór) a’ snàmh cho neo-lochdach, ma b’fhior, am measg cliath de chudaigean òga (siol chudaig) agus an uair a b’fheàrr ’s a b’fheàrr a bhiodh na creutaran bochda, bheireadh i tè as agus dh’itheadh i i. A rithist, uair eile, chunnaic mi sìol a’ gabhail na h-ite a bhiodh againn ag iola (fly-fishing). Sin agad ma tha na rudan a chì duine nuair a bhios e muigh, agus a shùilean fosgailte.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[spùtach]
“Ruithidh a’ chaora spùtach leis an leathad.” – Sean-fhacal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[teirig]
Teirigidh Cruach Beann mur a téid ’n a ceann. – Sean-fhacal.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
anns an tràigh chrùbaig is ghiomach
Sgrìoban. Gu crùbag no giomach a thoirt as sgor ’se sgrioban t-inneal. Bata, no maide caol le dubhan lin mhóir, no spàg sean ghràpa air a bhiorachadh agus an cumadh dubhain, air a réileadh r’a cheann.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
bachall (m.)
a slipper. > Sc. bauchle? Sean bhachall bàta.
Origin: [Kintyre, Tarbert]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
creag
Quotation: Cho sean ris na creagan.
Location: Perthshire, Killin
Category: Measgaichte / Miscellaneous
creilleach
same as above [i.e. sean chrannaghal]. “Chan eil innte ach creilleach.”
Location: North Uist, Grimsay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
curracag
Quotation: Bhiodh na curracagan ud a’ falbh le oiliskin fo an gàirdeanan uabhasach sean. Notes: used of old men. Not in Dw. in this transferred sense.
Location: Lewis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
còdhalach
fussy, excited to converse with. Bha e còdhalach mar sean. (Harris rendering)
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
faismeachd
obscure amount, as: Chuala mi faismeachd air a sean.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gorra-biod
a person standing still like a statue, e.g. Bha e ann a sid ’na ghorra-biod fad, finn, shuaineach an la air tòm. He was there the livelong day, on a knoll. ‘Bhàsaich e?’ ‘Cò?’ ‘Sean Ghorra-biod.’ We used to say this as children.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
lìmeadh
Note: faileas a bhi a rud, mar sean aodach. (See bréidean-lìmidh.)
Origin: Carloway, Doune
Category: Measgaichte / Miscellaneous
partan tuathalan
Tha iad so pailt far am bheil gainmheach bhàn no airgeadach (silvery). Brittle white crab. Tha gath ann a tha nimheil, is leanaidh an goirteas uine mhor. Tha mi a’ creidsinn gur e sin a dh’aobharaich an sean-fhacal – ’S fheàrr am partan tuathalan na bhith gun duine (Nicolson’s Proverbs). Tha na partain so pailt anns na geòdhaichean gainmhich deas air Ceann an Tiumpain.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
sean
that. (Scalpay, the term mostly used)
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sean
adj. ‘old’ : an t-seann fheadhainn
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
sean
Quotation: cho sean ris na creagan.
Location: Perthshire, Killin
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sean
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sean
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sean bhean
n. ‘old woman’: ma bha -- an t-~ anns an taigh … dhèanadh ise -- a’ chuid -- bu mhotha dheth
Location: Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
Category: Word List
sean chluas
applied to someone who was retentive regarding the way of life of the area prior to his own birth. “Bha sean chluas ormsa.”
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sean chramail
an old man. [NOTES: ‘sean’ corrected to ‘seann’.]
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sean chrannaghal
of an old immobile woman.
Location: North Uist, Grimsay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sean chruilleasg
a very old woman or alternately an old instrument about to fall apart. [NOTES: ‘chruilleasg’ corrected to ‘chrùilleasg’.]
Location: South Uist, Stoneybridge
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sean reath
Origin: [Islay, Ballygrant]
Category: Caoraich / Sheep
sean stioll
an old girlfriend. [NOTES: note added above ‘stioll’ – stiall.]
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sean-bheulach
Notes: used of a precocious child.
Origin: Glenlyon
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sean-eachtrainn
history, old tales (Kintyre).
Origin: [Strathglass]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sean-eachtrainn
[See eachtrainn.]
Origin: [Strathglass]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sean-eòlach
well acquainted. Tha mi sean-eòlach air. – I know him well.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sean-fhasanach
Notes: normally “sean-fhasanta”.
Location: Ross-shire, Polbain
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sean-mhaor-eòlach
(Gaelic term, Scalpay) ‘old acquaintance’ with work, or well acquainted with work, noticeable with a person approaching some work, with which people don’t know what until he shows he can master it: thus described in this.
Location: Harris, Scalpay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sin
that. [See sean.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sparadh
forcing. Na bi sparradh [sic] sean or sen air. (Harris)
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
talamh sean
land which had not been ploughed for a number of years.
Location: South Uist, Iochdar, Ardivachar
Category: Measgaichte / Miscellaneous

^ Return To Top ^