-
5. Spàrr, Spàrra-ghaoithe
-
Aon spàrr a bhiodh againne. Ach tha an dà ainm beò air na bilean fhathast.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
-
Airleis
-
So airgiod a bhiodh gach te ann an criudha ri faighinn bhon chùireir nuair a cheangaladh iad fhein ris mus toisicheadh an t-iasgach. Tha cuid beò fhathast a thoisich air tasdan de àirleis, ach bha e cho àrd ri deich tasdain an te nuair a sguir iad a dhol ’nan treudan chun an iasgaich so.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
An Eaglais Stéidhichte
-
B’e seo an Established Church. Agus mar a th’agam air an taobh eile, ’s ann riutha seo a chanadh sinn Na Moderats. Ach bho 1929 chan eil an t-ainm tric ’ga chleachdadh. Ach cho fad’s is aithne dhomh, tha e beò fhathast.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: An Eaglais / Ecclesiastical Terms
-
[Seanfhacal 38]
-
Bi Niall beò na sheòl fhein.
Location: North Uist, Carinish, Cnoc Cuidhein [Knockquien]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[beò-shlàinte]
-
Gabh do bheo-shlainte dheth. Take your living of it.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[beò]
-
Ri do bheo. During your lifetime.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[beò]
-
Am beò is am marbh. The quick and the dead.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[beò]
-
“’S ioma rud a chì an duine bhios fada beò; chì e sagart a’ gabhail pioba ’s sgriobhadh le ìte geoidh.”
Location: North Uist, Grimsay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[beò]
-
Gu ma fada beò thu is ceò thar (?) do thigh!
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[copag]
-
Chan fhaic e a’ chopag. – Cha bhith e beò nuair a thig a’ chopag as t-earrach.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[fiaclan]
-
Anns na 1930-an ’s e na fiaclan a bh’ann an clann na sgoile aig Lochcroistean na fiaclan a b’fheàrr ’s a b’fhallain aig sgoilearan anns na h-Eileanan Breatunnach. Bha seo le na bha iad a’ tighinn beò air de mhath an àite fhéin – maorach, eòin-mhara, iasg, ’s mar sin.
Origin: Lewis, Uig an Iar
Category: Maorach / Shellfish
-
[gabhte]
-
Cha chuala mi nach robh Jessag beò fhathast. Tha mi an dòchas gu bheil i air sealltainn gu math as a deidh. “Tha a facal glé ghabhte aig na leddies an Dunéideann” chanadh na bodaich. ’Se “Am Bible Woman” a chanadh iad ri leithid Seònaid.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[note]
-
Na’m biodh Donnchadh MacDhòmhnaill air ceann shìos a’ bhaile againn fhìn beò bheireadh e cuideachadh dhuinn mu chùisean na beairte. Cha deacha làmh a riamh air cùl beairte na b’fheàrr na e air dhòigh sam bith. Bheir mi dhuibh ainm fear a tha beò an diugh a bha ag obair air a’ bheairt mu’n d’thàinig na beartan ùra, na beartan abhtamataiceach: Calum MacMhathain (Calum Og), 6 Aird Uige, Ann an Leòdhas. Bhiodh e ag obair air a’ bheairt còmhla ri a athair. Tha a athair beò fhathast agus e gu bhith ceud bliadhna. “An Leddie” am far-ainm a bh’air. Chanainn gu’m bi na h-ainmeannan Uigeadh aig Calum Og. Is iongantach mur a h-eil mise air feadhainn dhiubh a chall.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
-
[stamag]
-
[Stamag caorach/bà] Uill, ma tha, fhuair mi air adhart math gu leòir a muigh aig an ospadal ’s a’ phàirce goirid as deidh dhomh bhur litrichean fhaighinn. Bha mi a muigh dà uair agus fhuair mi na daoine mar a sheòl sibh dhomh. Ach chaill mi an duine mór fhein, am profeasar, dìreach le a dhà-no-trì mhionaidean a’ cheud là bha mi a muigh. Bha sin a cheart cho math, gus nach cuirinn dragh air airson rud cho beag. Ach fhuair mi Murphy agus chunnaic mi mionach caorach fosgailte. Agus thug Murphy a mach leabhar mór as a’ chùl. Sin, ma tha, mar a bha ’s a’ phàirce. Ach a thuilleadh air a sin, chaidh mi sìos air mo cheann fhìn chun an tigh-mharbhaidh air a’ Ghallowgate agus chunnaic mi mionach bà fosgailte ann an sin. Agus rinn mi cinnteach mu an nì a bha mi a’ lorg – an ceap. (…) ’S iongantach mur am faod sinn an ceap a chur mar seo an “ceap”. ’Se am broilein a bhiodh ann, agus bha an ceap air airson e bhith coltach ri ceap (bhiodh e cruaidh, làn, – dìreach ’na cheap – an còmhnuidh). Rud eile: an psalterium. Cha robh psalterium ’s an leabhar mhór aig Mgr. Murphy idir. ’Se seo, tha mi a’ tuigsinn, ainm eile airson omasum. (Seallaibh an àirde ’s na faclairean, mar a nì sibh.) A h-uile càil a th’ann feuchaibh mar seo iad: A’ mhaodal-mhór – dorsal sac of rumen. A’ mhaodal-bheag – ventral sac of rumen. An luamha – reticulum. Am broilein – omasum (psalterium). ’S mar a tha mi a’ togail “an ceap”. Abomasum – chan eil ainm sam bith agam do an seo. Nach bochd nach robh an t-seann fheadhainn beò gus an deadh sinn far am bitheadh iad airson a bhith ceart da-rìribh! Currac-an-rìgh – mur a h-eil mi ceàrr, ’s ann anns an luamha a bha seo: pàirt de an luamha. Is e an aon stamag a th’anns a h-uile càil a th’ann ach gu bheil i ’na h-earrannan.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
air son
-
prep. ‘for’: ~ [əʂən] gearradh coilleadh; 3m: chan eil iad ro phailt, air a sh. sin ‘however’; tha mi beò fhathast air a sh. ‘anyway’; ’s e duine able a bha ann, air a shon sin;
air a shon: tha mise air fàs cho dìchuimhneach, air ‘ shon
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
-
airgead-beo
-
quick silver. [NOTES: slipped under ‘airgiod-beò.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
airgead-beò
-
quick silver. [NOTES: the slip has ‘airgiod beò’. Definition: Quicksilver.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris,Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
an beò
-
[sic] ‘quick’ of nails.
Location: Na Hearadh [Harris], Horgabost
Category: Faireachdain / Senses
-
beag
-
adj. ‘small, few’ : agus ‘s e glè bheag dhiubh sin ‘ tha beò an-diugh
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
-
beò
-
: gun toireadh e duine beò leis cho math ‘s a bha e; nn.: ‘bidh mo bh. ‘s mo mharbhadh ri Cloinn ‘Ill-Eathain’
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
-
beò
-
Quotation: Bheir an aire nach cuir thu an tarann ’s a’ bheò. Notes: when shoeing a horse.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
beò
-
Quotation: Ionga a’ dol am beò. Notes: ingrowing nail.
Origin: North Uist
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
beò-chloimh
-
new wool growing under old fleece before the latter is cut.
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
beò-chloimh
-
new wool growing under the old fleece before the latter is cut.
Location: Skye
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
beò-ghlac
-
Quotation: Bha mi air mo bheò-ghlacadh. Notes: caught in the act and not able to escape.
Location: Skye, Breakish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
beò-shlaint
-
livelihood.
Origin: [Strathglass]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
beò-shlan
-
n. ‘livelihood’: nuair a fhuair iad beathaichean … dh’fheumadh iad ’son am ~ a dhèanamh, ’son a bhith beò
Location: Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
Category: Word List
-
beò-shlàin
-
n. ‘livelihood’: agus airson ~ a dhèanamh; gu robh dòigh ~ ann
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
-
beòlaint
-
[See beò-shlaint.]
Origin: [Strathglass]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
bheir
-
vb ‘give, take’ : past: às a dheoghaidh a thug am fear seo [‘made off after him’];cond.: 's e the an doctair Siseil a ~eadh iad air; a’ smaoineachdainn gun toireadh e duine beò leis
cho math ‘s a bha e ; cha bhiodh e math muran toireadh iad toll air an talamh ‘ dannsadh; vbl nn.: bha thu sin a’ toir’ sin dheth gu strain; bha e ' toirt bhuam a' mhairt
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
-
bith-beò
-
sustenance.
Location: Skye
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
caora tinn air uan
-
confinement. When in the case of a sheep giving, on the point of giving birth to
a lamb, it was discovered that the discharge didn’t give the elasticity necessary (uterus,
etc.), thus while under this complication tea mixed with whisky and thin gruel of oatmeal
also mixed with whisky, a glassful of whisky, this given successively proved successful, and
the mother gave birth to a fine healthy baby lamb. In some other instances an operation was
necessary, the side of the animal, or rather the appropriate place considered was cut open
by a knife, an ordinary (pocket) knife, and the baby lamb was received, and of course the
wound stitched. The baby lamb normal – and the operation successful, just, perhaps, like a
ceserea [sic] [Caesarean?] female operation, or again as ceserea [sic] [Caesarean?]
operation on a woman. This as above noted instances was observed on the island of Scalpay in
Harris. F.S. [?] [P.S.?] Bha na màthraichean beò – cha do rinn e càil oirre
[sic].
Location: Harris, Scalpay
Category: Blàthan-Leighis / Medicinal Plants
-
cragan-tràghad
-
Sea urchin. Chan eil iad an Nis idir is cha mhotha thachras slige dhuibh [sic] ri duine air an tràigh. Tha iad pailt ri cladaichean Rudha an Tiumpain. Is ann le tràigh reodhart a chithear iad an crochadh ri na sgeirean. Is ann ainneamh a chi thu fear beò os cionn uachdair na mara – bidh iad ris an sgeir mu oirleach no dha fo’n uachdair. Mus tàinig na h-‘ornaments’ gu bhith cho pailt bhiodh cuid a’ toirt dhachaidh feadhainn aca, gan glanadh a mach, a’ suathadh dhuibh [sic] nan gathan is gam peantadh. Rachadh lus a chur annta, gu h-àraidh lus mar seamrag a dh’fhàsadh sios ceithir thimchioll orra agus is minig a chunna mi tri dhuibh [sic] troimh uinneig crochaid mar tri ballaichean ‘pawn-shop’. Chleachd fear mór dhuibh [sic] air a ghlanadh a bhith aig Fuaran Cladach a’ Bhàta, far an togadh tu deoch leis nuair nach ruigeadh tu le do bhus air an uisge.
Location: Lewis, Port of Ness, Lionel
Category: Maorach / Shellfish
-
cuspar
-
Bha grunn bhràithrean air an aon fhearann. Thòisicheadh a’ briseadh sìos nan tacannan ’s a toirt seachad fearainn. Thuirt am bràthair bu sheana, leis an robh am fearann air an robh na bràithrean, “Tha sibh ceart gu leòir fhad’s a bhios mise beò ach as mo dhéidh-sa chan eil fhios dé a dh’fhaodas tachairt. Mar sin chomhairlichinn dhuibh sealltainn a mach air bhur son fhéin fhad’s a bhios an cothrom ann.” Thuirt bodach mu an nì a bha seo: “Ma thà, ’s ann a bha an duine glic ann Iain MacDhòmhnuill, an cuspar a thug e do an fheadhainn eile.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
feadan (E)
-
“Crevice through which the wind whistles” aig Dwelly (6.). Againne faodaidh mi a ràdh fosgladh de’n t-seòrsa aig cnuic. Agus tha am facal beò fhathast ’s a’ chòmhradh chumanta. ’S aithne dhomh a dhà ’s an nàbachd, ann an ainmeannan.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
-
fuirich
-
:vb ‘live, survive’: past:: dh’fh. iad beò
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
-
gheibh
-
Quotation: Gheibh cnàimh feòil. Notes: Banntrach Iain Scrochailidh, Bayble, talking about people away in the war: “Bu mhath gun tilleadh iad beò. Gheibh cnàimh feòil.”
Location: Lewis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
ionga
-
Quotation: ionga a’ dol am beò. Notes: ingrowing nail.
Origin: North Uist
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
le
-
prep. ‘during [of weather]’’ : 's e àite uamhasach a tha ann an Chéticamp ~ stoirm; ri marbhadh le sìde thioram; ‘possession’: dhan duine ‘m bu leis am beathach; ‘with’: 2sg.: gu
bheil thu air falbh leat dhan taigh mhòr, dhan asylum; 3sg.: bha muinntir na town a’ smaoineachdainn gun toireadh e duine beò leis cho math ‘s a bha e [ADM]; 3m.: thuirt e leis [liʃ]
[FMM];Rover a theireadh iad leis;+ mo: lem linnse, nuair a chaidh mise ag obair an toiseach; + a ‘his’: chanadh e le ' phiuthar
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
-
làr-bualaidh
-
de fhiodh (tha e beò).
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
-
moine tasgaidh
-
Fadan móra tiugh a chuirear air an druim dìreach do’n luath aig am dol a chadal gus an cum iad an teine beò air a shocair gu maduinn. Tha ploicein math air son so.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
-
rong
-
life. Càil ach gu bheil an rong ann – am beò. [SLIP: = am beò. ‘Life’.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
saoil
-
vb ‘believe’; fut.:~ a bheil? ~ an rachadh aca air lumannan [=?] a chur air falbh?; ~ leam deth gum biodh tuainealaich anns a’ cheann aig’; cond.: nuair a shaoileadh iad nach robh
an dala taobh a’ dèanamh ‘ rud bu chòir daibh a bhith ‘ dèanamh; past: ‘s sh. esan gu robh e beò
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
-
talamh-beò
-
brittle ground.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
thro
-
prep. ‘through’: bha iad a’ pàigheadh thro ’ bhith beò
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
-
tighinn beò air an t-sul
-
black feeding.
Location: [Harris], Scalpay
Category: Iasgach an Sgadain / Herring-Fishing
-
tighinn-beò
-
Notes: the turn of the tide after neaps.
Location: Applecross
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
tighinn-beò
-
Quotation: Sin agads mar rinn sinn ar tighinn-beò [tʹin bjɔ:]. Notes: livelihood.
Origin: Loch Tay
Category: Measgaichte / Miscellaneous