-
17. Sìoman càmhlaich
-
Word used in Tiree for straw-rope. [NOTE: see the illustration under ‘Old Tiree house’.]
Location: [Tiree, Scarinish]
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
-
17. Sìoman ruadh
-
Coir stack rope. [NOTE: see the illustration under ‘Old Tiree house’.]
Location: [Tiree, Scarinish]
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
-
Old Tiree house
-
1. Gluta (dh). 2. Am balla-mach. 3. Am balla-staigh. 4. Tobhta. 5. Na buadhan. 6. (Na) Ceann a’ mhaidean. 7. Na taobhan (àrd is ìseal). 8. Sparr tharsainn. 9. Na cabair. 10. Sgrothan. 11. Spallachan. 12. Lobhta. 13. Am balla beag. 14. Cranndairean. 15. Ùrlar dubh. 16. Tughadh. 17. Sìoman ruadh. [NOTES: see below for definitions.]
Location: [Tiree, Scarinish]
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
-
Sìoman-fraoich
-
Bhà.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
-
[clach]
-
Mu dheidhinn cù a bhàthadh chanadh iad, “Cuir clach is sìoman air”.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[rigneachadh]
-
“Abair gu robh na curracagan aig Calum air an rigneachadh.” – Air gabhail aca gu math le sìoman.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[sìoman]
-
“Deireadh nan ceannaichean a dhol a shnìomh an t-sìomain.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
balg
-
Is e a bha seo, chan eil mi ro chinnteach an e craicionn no an è sìoman air a fhigheadh, de’n an robh e dèanta. Ach có dhiu, is ann airson an aon fheum ri seice agus an leithid sin a bha e – feum sabhail – siol, buntàta, etc. Bha e mar seo: [see illustration]. Chan fhaca mise a riamh e ach a rèir mar a bha mi a’ cluinntinn bhiodh e mar a tha mi a’ soilleireachadh. Faisg air, co dhiù. Bha am màs aige na bu leatha na a bheul agus bha e a’ cheart uibhir ri seice, no na bu mhotha. Am ball-sa, chanainn gur h-e craicionn a bhiodh ann, có dhiu mar bu trice.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Leabhar Deilbh / Drawing Book
-
ball feòir
-
Ball-tìre [q.v.] airson eathair. Ball còrcaich bha e cruaidh agus geal, no bàn. Ach ball feòir, bha e na bu bhuige agus e ruadh. An aon seòrsa stuth ri sìoman-Theàrlaich [q.v.] a bh’ann, tha mi ’n dùil.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
gobhas, no gabhas, ruadh
-
Coir yarn. Sìoman nan cruachan arbhair. Sìoman na bùtha. Gabhas ruadh – ’Se seo a th’aca air an t-sìoman-sa an ceann shuas na sgìre againne. Ach anns a’ chòrr de an sgìre ’se ‘sìoman Theàrlaich’ a chanas iad ris. B’e Teàrlach fear aig an robh bùth ann an Steòrnabhagh. Cai-àr a chanas na Hearaich ris, tha mi ’n dùil.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
mulan
-
corn-stack in stack-yard. An ceann (thatched with seileasdair (iris) or [sic]: – Am bodach (½ doz sheaves). – Bann. – Crios. – Sìoman-sgéith. – Am màthair shìoman. An cal(a)ba. An t-sreath (outer row of sheaves). (Ears of adag to centre.) Biadh a’ mhulain (inner row of sheaves).
Origin: Tiree
Category: Àiteach / Agriculture
-
simean tarsuinn
-
[ʃimɑ˖n tɑ˖rsu̜nʹ] Notes: the vertical ropes on thatched house or a mullann [?]. [NOTES: slipped under ‘sìoman tarsuinn’.]
Location: Ross of Mull
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
simean-taoibh
-
[ʃi̜mɑ˖n töiv] Notes: side ropes running horizontally along the roof parallel to the ridge and tied to specially projecting stones in the gable end. [NOTES: slipped under ‘sìoman taoibh’.]
Location: Ross of Mull
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
sioman fraoich
-
[ʃimɑnfrɤ̈:ç] [NOTES: slipped under ‘sìoman fraoich’.]
Location: Mull
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
séidhear (E)
-
Airson séidhear faodaidh sibh smaoineachadh air séidhear cumanta, séidhear sìomain, agus séidhear bean an tighe. Séidhear-gàirdeanach, ’s ann a bhiodh e aig daoine a bha ’na b’ fheàrr air an dòigh ’s mar sin. An sìoman a bhiodh air séidhear sìomain b’e sìoman gathan–gainnisg no sìoman de phunnd-bàn. Agus mar sin.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
-
sìoman
-
clothesline. Outdoors as well as indoors.
Location: South Uist, South Boisdale
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
sìoman
-
rope of straw or heather.
Location: [Lewis], Siabost
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
-
sìoman
-
See siaman.
Location: Lewis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
sìoman
-
Quotation: cathair-shìomain. Notes: chair with wooden frame, covered on back and seat by plaited sea-bent.
Location: North Uist, Bayhead, Kylis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
sìoman
-
Quotation: a’ mhathair-shìomain. Notes: rope horizontally round the bottom of the thatch.
Location: North Uist, Bayhead, Kylis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
sìoman
-
air taigh, bàthach no sobhal air a thugadh.
Origin: [Barra]
Category: Àiteach / Agriculture
-
sìoman-ceàrr
-
Sìoman air a shnìomh le duine air an làimh cheàrr, gu a thaobh fhéin mar a shnìomhadh duine air an làimh dheis sìoman chun an taobh eile – gu a thaobh fhéin. Mar: na duail gu deas [see illustration]; na duail gu clì [see illustration]. Nuair a bhiodh an aibideil (galair) air a’ chrodh b’e siod an leigheas a bh’aig na bodaich air: sìoman-ceàrr.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous