-
coire n.
-
‘kettle’: gen. sg. màs a’ choire [ə xɔr ́ə].
Location: Canada, Cape Breton, Inverness County, Broad Cove Chapel
Category: Seosamh Watson collection notebook date: Jan-May 1991
-
càl n.
-
‘cabbage’:‘ siud mar chaidh an càl a dholaidh/ stick a’ mhin ri màs a’ choire/ aig na bodaich sgallte [ʃit mər xɑi̯ əŋ khɑ:ʁ̫ ə ɣɔʁ̫iç stik ́ ə vin ri mɑ:s ə xɔr ́ə ɛk ́ nə pɔtiç
skɑʁ̫t ́ə]; cf. Creighton, H. and MacLeod, C. ‘Gaelic songs in Nova Scotia’, Ottawa (1964), 248-250.
Location: Canada, Cape Breton, Inverness County, Broad Cove Chapel
Category: Seosamh Watson collection notebook date: Jan-May 1991
-
màs n.
-
‘bottom, base’: màs [mɑ:s] a’ choire.
Location: Canada, Cape Breton, Inverness County, Broad Cove Chapel
Category: Seosamh Watson collection notebook date: Jan-May 1991
-
stick vb.
-
‘stick’: past indep. stick [stik ́] a’ mhin ri màs a’ choire.
Location: Canada, Cape Breton, Inverness County, Broad Cove Chapel
Category: Seosamh Watson collection notebook date: Jan-May 1991
-
An deireadh no An màs
-
So far an cuir thu fon an t-sreang bonnach le im agus botul bainne air do shlighe chun a’ chladaich gu bhith agad ma thig an t-acras ort a muigh – mar as tric a thig. So cuideachd far an cuir thu crùbag, no creachan no beathach eisg annasach a thig air do lion beag fhein a bhios tu airson a thoirt dhachaidh leat.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
Màs an tighe
-
Bhà.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
-
Piceil ur
-
Bha piceil ur ga dheanamh anns an tuba rousaigeadh le salainn a dh’aon ghnothaich air son so. Thuirt aon seann chutair rium gur e ‘Salainn Dorabhaigeadh’ a bhiodh acasan air an t-salainn so. Bha toll ga dheanamh le torra anns gach baraille a bhiodh air a threas lionadh agus a’ chuid bu mhotha den phiceil air a leigeil as. Bha an uair sin am piceil ùr a bha air a dheanamh anns an tuba rousaigeadh ga chur troimh thonnadair air an sgadan agus spìc fiodha ga chur a dhùnadh an tuill anns gach baraille. Nuair a rachach am piceil ùr a chur do gach baraille bha iad air an roiligeadh leis a’ phutair gu an aite suidhe, agus air an cur ’na seasamh air an ceann dìreach ‘bottom-tier’ an àrda, agus air am fàgail an sin gus an tigeadh ceannaiche a thoirt sùil orra. Nuair a thigeadh esan bha an ceann ga thoirt a baraille is chitheadh e gu de seorsa sgadan a bha ann. Dh’itheadh am Pole, an Gearmailteach is an Ruiseanach fear amh dhuibh [sic] gus an dearbhadh. Bhiodh cuid de na ceannaichean aig am biodh spìc fhada iaruinn a bhrodadh iad sios tre mheadhon an sgadain gu màs a’ bharaille gus deanamh cinnteach nach do chuir am pacair bad corc no sean chòta oiliscin na theis meadhon gus am baraille a lionadh le cabhaig oir gur ann anns a’ bharaille a bha iad pàidhte.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
[each]
-
“Brollach an eich is màs na làir.” – a term used when buying horses. Whereas the strength of the male was the important criteria, the width of a mare’s shoulders was equally important.
Location: South Uist, South Glendale
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[leum]
-
Làrach do thòine do leum. – Nan tuiteadh sinn air ais an déidh an talamh a bhualadh anns an leum, agus gu’m buaileadh ar màs fodhainn, b’e seo “làrach do thòine do leum” agus ’se seo a bh’air a chunntadh. Is iomadh argumaid a bh’ann mu an seo.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[lion beag]
-
Tha an lion beag, a tha air a réiteach a cheana, air a dhòirteadh ’na chnap ri do chois chli. Suidh air stòl, no air an lar leis an sguil fhalamh eadar do dha chois. (Tha seir car àrd is trom air do dhruim.) Tarraing earball an lin bhig tarsainn air do shliasaid chli, is cuir a mach tarsainn air oisean màs na sguile e gus am bi e deiseil gus a cheangal ri lion beag eile aig am cura. Tha druim an lin-bhig a nise ga chuibhligeadh do bhroinn no mhionnach na sguile gus an tig thu chun a’ cheud snòta. Tha biadhadh ga chur air an dubhan, is tha an dubhan leis a bhiadhadh so ga chur ’na laighe ri cliathaich na sguile gu do laimh chli far am bheil broinn agus beul na sguile a’ coinneachadh, is tha thu gabhail air t-adhart a leigeil gach dubhan le biadhadh taobh ri taobh gus an ruig thu taobh eile na sguile is bidh sreath deiseil. Tha thu a’ tilleadh gu do laimh chli leis an dara sreath is leis gach sreath eile gus am bi an lion air a bhiadhadh gu h-iomlan. Nuair a theid an dubhan mu dheireadh a bhiadhadh tha thu ceangal earball (no cluas) an lin bhig ri cluais na sguile – ris a chluais dheis – oir ’se ise a bhios na’s fhaisge air an fhear cura anns an eathar. Cuiridh thu a nise an sgùil air a bhalla tarsainn no air an tobhta gus am bi thu deas gu falbh leatha, ach fiach gun cuir thu t-oiliscin no comhdach sam bith eile air a bhiadhadh anns an sguil air an neo ’se cait a’ bhaile a bhios tu a’ sgròbadh dheth mus fhaic e an fhairge.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
balg
-
Is e a bha seo, chan eil mi ro chinnteach an e craicionn no an è sìoman air a fhigheadh, de’n an robh e dèanta. Ach có dhiu, is ann airson an aon fheum ri seice agus an leithid sin a bha e – feum sabhail – siol, buntàta, etc. Bha e mar seo: [see illustration]. Chan fhaca mise a riamh e ach a rèir mar a bha mi a’ cluinntinn bhiodh e mar a tha mi a’ soilleireachadh. Faisg air, co dhiù. Bha am màs aige na bu leatha na a bheul agus bha e a’ cheart uibhir ri seice, no na bu mhotha. Am ball-sa, chanainn gur h-e craicionn a bhiodh ann, có dhiu mar bu trice.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Leabhar Deilbh / Drawing Book
-
bathais
-
Quotation: Màs na poit a’ cur athais air bathais na slabhraidh. Notes: The pot calling the kettle black.
Location: Ross-shire, Polbain
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
curra-thulchainn
-
[ku̜rəhu̜ɫuxĩnʹ] Note: the stick jutting up from the thatch at the end of a blackhouse (màs an tighe).
Origin: [Lewis], Arnol
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
deireadh-màs
-
blunt stern.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
dorus màs an tighe
-
a door at the lower end of the house.
Location: [Lewis], Siabost
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
-
drabhsaidh
-
[d̪ɾɑu̟si] Quot.: “Drabhsaidh an deireadh agad!” Note: i.e. Gheibh am màs agad teas a chuir ann.
Origin: Carloway, Doune
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
geugaire
-
Aig lamraig far nach fhaigheadh tu clach no carragh ris an ceangladh tu ball, chuireadh na bodaich clach ann an sgor agus theannaicheadh iad gu bàs i. Ris an seo cheangladh tu ball uair sam bith a bhiodh tu cur feum air an lamraig. ’Se ‘geugaire’ a bh’aca air an seo. Tha fear dhiubh seo air lamraig Màs a’ Mhachair aig Tràigh a’ Cheadha ann an Carnis ann an Uig. (Carnis, fuaimnich mar ‘varnish’ air a chantuinn aithghearr.) (Barrachd mu a dheidhinn ann an còmhradh.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
màs
-
iochdar na beinne.
Location: Na Hearadh [Harris], Cluer
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
-
màs
-
Notes: buttock.
Location: Sutherland, Embo
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
màs
-
i.e. “màs uachdar” is “màs iochdrach”.
Location: [Harris], Leverburgh
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
-
màs
-
the base.
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Iasgach a’ Ghiomaich / Lobster-Fishing
-
màs
-
(of creel) Bottom.
Category: Àiteach / Agriculture
-
màs
-
bottom. Màs na beinne.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
màs
-
bottom of something.
Location: South Uist, Milton
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
màs
-
[rump?]
Origin: Barra
Category: Crodh / Cattle
-
màs
-
Origin: Borraraig [Skye, Boreraig]
Category: Mòine / Peat-Working
-
màs
-
Quot.: màs an tigh; màs an t-sobhail. Note: the end away from the living quarters.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
màs
-
Notes: buttocks.
Origin: Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
màs (E)
-
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
-
màs an tighe
-
lower end.
Location: [Lewis], Siabost
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
-
màs a’ chleibh
-
the bottom [of the creel]. When this was worn out the creel would be taken to the maker gus màs ùr a chur ann.
Origin: Eileanaich [natives of Lewis]
Category: Mòine / Peat-Working
-
màs na cruaiche
-
So an ceann duinte – ceart dhìreach mu choinneamh an doruis. Canar ‘ceann na cruaiche’ ris a’ cheann so cuideachd.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
-
màs-leathainn
-
square-stern.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
spidean
-
this word came up in context of a pipe used for smoking. Not precisely sure but informant thinks it could be the lid of the pipe. “Agus spidean air a màs.” Personally not convinced about this.
Location: South Uist, Milton
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
toll-dilidh (E)
-
Toll agus àrd-dhorus air ann am màs na bàthach airson sùghadh sam bith a thigeadh as a’ bhàthaich a leigeil a mach. Bhiodh e anns na tighean far am biodh na h-ainmhidhean cuideachd.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
-
toll-fasgnaidh
-
Note: small opening (door) in barn wall, opened to create a draught for winnowing when the wind was on “màs an t-sobhail”.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
toll-lodain
-
[t̪oɫˈɔd̪ɑ̃nʹ] Note: exit at “màs an tighe” to allow passage of cattle urine and any other seepage.
Origin: [Lewis], Arnol
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
‘Bottom tier’
-
Bha am pacair an uair sin a’ deanamh ‘bottom tier’, ceann ri earball air màs a’ bharaille, is nuair a bhiodh sin deante dh’ eubhadh i ‘Bottom tier here sir’. Cha phacaigeadh i an còrr gus an tigeadh a ‘forman’ a dheanamh cinnteach gur e an aon seorsa sgadain a bha anns a chula gin a bha anns an tier so – an aon mheud, agus mus e iuchair a bhiodh anns a’ cheud fhear ’se iuchair a dh’fheumadh a bhith anns a chula h-aon eile an so, no mealg etc. As deidh sin phacaigeadh i an aon taghadh dhan a’ bharaille mealg no iuchair mar a thigeadh iad gu a’ laimh, ach ’se an aon seòrsa ‘top-tier’ ’sa bha anns a’ ‘bhottom-tier’ leis a’ feumadh i a dhùnadh. Chan eil fios agam carson a bha so mar ar ann air son toirt a char as na ceannaichean. Nuair a bhiodh am baraille lan bha an ceann air a chur air a bheul gun theannachadh agus air fhàgail airson la no dha.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle