-
Am buidhe ròpa
-
So an ròpa a tha ceangal a’ phuta ri cluasan da lion. Innsidh de an àirde aig am bi an sùlaire ri sgéith mus teid e air a cheann gu de am fad a leigeas iad am buidhe ropa mus ceangail iad ris an lion e. Mu bhios an sulaire ri seoladh ard tha an sgadan domhainn.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
An t-earball
-
Dean an nis earball an lin bhig leis na tha agad sios fo’n taraig, le lùbadh air a fhein agus toinneamh da dhual a chur air ga ghlasadh le ‘splice’. Teannaich an nis pios den druim bhon tarag so sios cho fada ’sa leigeas cliathaich an tighe dhuit agus ceangail e ri tarag eile gus am bi pios math den druim agad teann eadar an dà tharaig. Nuair a chuir thu na calpan air an druim dh’fhag thu cas fhada agus cas bheag mu thri oirlich no beagan na’s fhaide sios fon charcair. Tha a chas bheag so air a toinneamh ris a’ chalp fhada is air a glasadh le snaim. Nuair a ni thu so air a chula calp a tha eadar an da tharaig tha thu ga fosgladh bho na tairgean agus a’ slaodadh uiread eile don druim le na calpan troimh’n ulaig is gan ceangal a rithist. Lean air adhairt mar so gus an cuir thu an toinneamh air a chula calp.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
Clibeadh
-
Sin an slaodadh beag a tha an t-iasg a toirt air an dubhan nuair a shluigeas e am boite. ’Se cur seachad anabarrach solasach a tha ann a bhith dòrghachd gus an tig a’ bhiorach. Nuair a thig ise ’na sgaoth as dòcha gur e tri cinn adag a bheir thu steach don eathar air do dhubhain. Tha a bhiorach làidir is tha i dona gu bhith gearradh na snòta. Is iomadh biorach as an deacha an fhuil a leigeil is a’ tilgeil air ais don mhuir agus ann an tiota bhiodh i air a h-ithe aig a càirdean. Bhiodh cuid dhuibh [sic] a’ breith nan iseanan anns an eathar agus nuair a thilgeadh tu iad so a mach bhiodh iad am broinn chàich mus canadh tu sgian.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
Cluas
-
Nuair a ruigeas tu an ceann tha thu a’ cur cluas no earbull eile air an druim an so. Faodaidh cluas is earbull no dà earbull a bhith air a chula sreang lin bhig.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
Meidh (Ann an Nis); Maigh (Anns an Rudha)
-
Faic an dealbh. ’S ann air son iasg a’ chamuis a tha an dòrgh so freagarrach – adagan, cnodain, etc. Nuair a ruigeas tu an grunn iasgaich le na maighean tha toiseach an eathair ga cur ris an t-sruth, is mar a bi an sruth ro làidir cumaidh aon duine le da ràmh i faisg air an aon àite. Tha na dubhain air am biadhadh le sgadan, rionnach, feusgan no maorach is tha am maigh air a leigeil chun a’ ghrunna. Tha thu ga thogail mu throigh no dha bhon a’ ghrunn is a’ feitheamh gu fairich thu clibeadh.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
Roinn
-
Nuair a thig an dubhan mu dheireadh a steach air bòrd tha iad a’ deanamh air a’ chladach. Nuair a ruigeas iad, tha an t-iasg ga thoirt aisde agus air a roinn ’na earrannan cothromach air a’ mhol, is fear a’ dol air a shùilean gus eubhachd a mach co gheibh iad. Bidh earrain air leth ann airson an eathair.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
Siaplaich
-
Slaodadh na ‘flies’ air do shocair troimh’n uisge le do shlait air a’ chreig. Bidh cuideam beag luaidhe air an driamlach os cionn na ‘flies’. Tha thu a’ tilgeil a chuideam so a mach cho fada ’sa leigeas an dragh leat is ga shiaplaich a steach air do shocair gu bun na creige.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
Slaopadh
-
Ga chur gu feum cha teid ach slaopadh a dheanamh air a’ mhaorach. Nuair a bhlathaicheas e anns an t-slige air an teine cho luath as urrainn dhuit am biadh a chur as an t-slige le bruthadh bho t-òrdaig mhóir, tha e slaoipte is deas gus a chur air an dubhan anns an sguil no a thoirt leat chun a’ chreagaich. Ma leigeas tu goil leis tha am biadh a’ dol cruaidh is gun fheum airson iasgach leis.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
-
[gaoth]
-
“Gaoth a tuath a ruaigeas an ceò.”
Location: North Uist, Grimsay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[grinneal]
-
an grinneal – a ruigear nuair a theirgeas a’ mhòine.
Category: Mòine / Peat-Working
-
[gràinnean]
-
“Tha gràinnean ann.” – A spark of pluck. A spark of manliness. A spark of temper. Ged a tha e solt, agus glé sholt, ’s ged a dh’fhuilingeas e móran, an déidh sin tha gràinnean ann.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[meas]
-
’N uair a theirgeas gach meas, ’s math na mucagan.
Origin: [North Uist?]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[reub]
-
Reubadh an luingeas bharr an aeraichean. The fleet was torn from its anchors.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[seachrain]
-
Co a thuigeas uile sheachrain fhein. Who understands all his own errors. [NOTE in second hand: Psalm.]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
[teine]
-
’S fhearr an teine beag a dh’fhairaidheas tu na an teine mór a loisgeas tu. [NOTES: note added above ‘dh’fhairaidheas’ – gharas.]
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
an grinneal
-
am morghan nan greabhal a ruigear nuair a theirgeas a mhòine.
Origin: [Taransay]
Category: Mòine / Peat-Working
-
ceigeas
-
frisking.
Location: Skye
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
ciutaigeas
-
[cu̟ṯıɡʹəs] Quotation: a’ fighe paidhir chiutaigeas. Notes: calf-length socks. Not used in the singular.
Origin: North Uist
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
forca-shiubhail (I)
-
B’e seo seòrsa de chàrn-slaoid a bhiodh aca againne ro ar n-àm-ne. Dèanta de fhiodh. Clàir baraille anns a’ bhonn aige agus an còrr mar a thuigeas sibh. Gus a dheanamh sleamhuinn bhiodh na balaich a’ suathadh liaghag feamann(d) (feamad) ris. Abair gu’m falbhadh e an uair sin, agus abair gu’m falbhadh! Chan eil ainm àrraid sam bith agam airson nam pàirtean aige. Rinn mi-fhìn fear aca uaireigin, nuair a bha sinn òg, agus theab e ar cur as an rathad.
Origin: Leodhas [Lewis], Uig
Category: Cur-seachadan: Dèideagan, Geamaichean is Farpaisean / Recreation: Toys, Games, Contests
-
fàd
-
an doimhne ruigeas an tairisgeir le aon phutadh dhan chois a chuireas an “ceum” air cothrom ris “a’ charcaire”. Tha doimhne phuill air a thoimhis a reir ’ona th’ann a dh’fhoid os cionn a cheil.
Origin: [Taransay]
Category: Mòine / Peat-Working
-
geas
-
spell.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris,Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
geasach
-
witch.
Location: Na Hearadh [Harris], Cluer
Category: Nàdur an Duine / Personality
-
geasag
-
Quotation: “Géill thus do gheasag, ’s géillidh geasag dhuit.” You surrender to sorcery, and sorcery will play up to you! Notes: a kind of proverb to warn young people from placing faith in charms to bring them good luck.
Origin: West Lewis [the location given on the slips]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
geasagan
-
[ɡʹesɑɡəṉ] Quotation: Tha e làn gheasagan. Notes: full of superstition.
Location: Skye, Breakish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
geasalanachd
-
superstitions. “Ge be ghèilleas do gheasalanachd gèillidh geasalanachd dha.” In other words, if you believe in superstitions you will be forced to rely on that belief sometime.
Location: North Uist, Tigharry
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
geaslagach
-
superstitious.
Location: South Uist, Geirinish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
geaslagan
-
superstitions. “Tha thu làn de na geaslagan.”
Location: South Uist, Geirinish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
geastal-arm
-
weapon-drill.
Origin: [Strathglass]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
girgeasaich
-
pricking.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
leigeas
-
[lʹeɡʹɑs] Quot.: “Nach e do leigeas a tha glas!” Note: cheek.
Origin: Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
leigeas
-
[lʹeɡʹɑs] Quot.: “Bó a’ cumail leigeas ri t’éile.” Note: “leigeas” – the side of the face. Cattle standing like this, one side of the face towards the other beast, when threatening to fight. Can also be used of the human face. “’S e do leigeas a tha odhar.” – to someone who doesn’t look too healthy.
Origin: [Barvas]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
lòdraig
-
[ɫɔ:d̪əɾiɡʹ] Quot.: Tha a’ soitheach sin man a lòdraigeas e.” Note: as full as possible, almost brimming over.
Origin: [Lewis], Arnol
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
naidheachd
-
nn : pl.~an ‘news’: saoil nach bi na ~an aca nuair a ruigeas iad dhachaigh
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
-
nuair
-
Quotation: Nuair a ruigeas tu ’n t-iar-ogha, na bi ’g iarraidh a’ chàirdeis.
Location: Lewis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
snoigeasach
-
[sṉɔ̃ɡʹɑsɑx] Note: haughty.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
snoigeasan
-
Note: gearanach, do-riaraichte, dranndanach. Cho beag caomhalachd ri aog is ainneart.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
-
taigeas
-
[t̪ɑɡʹəs] Notes: haggis.
Location: Invergarry, North Laggan
Category: Measgaichte / Miscellaneous