Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 149 hits for obair

(5) Tàbh mór
’Se ‘tigh-thàbhaidh’ a chanas na Nisich ris an tàbh so agus faodaidh mi a radh gur e Nis dachaidh an taibh so oir tha iad ann ’nan dusain. Chan fhaca mise gin ach aon dhuibh [sic] anns an Rudha, ’se ‘am poca’ bhiodh againne is bha am poca againn cho pailt is a tha an tigh thàbhaidh aig na Nisich. Tha e cho mór is cho trom is gum bi buarach air a cur mu mheadhon an fhir a bhios ag obair leis, is fear air a chùlaibh ga cumail, oir na’n tigeadh muir tarsainn gun fhiosd is an tàbh a muigh bhiodh e dualtach car a chur do’n tàbh is an t-iasgair a tharraing a mach. Ag iasgach le tàbh mór tha iad a’ biadhadh na creige, is nuair a chruinnicheas na cudaigean chun a phronnabhaidh-so, tha an t-iasgair a’ sàthadh sios an tàbh air an taobh a muigh is gan crodhadh ann eadar an tàbh ’sa chreag. Tha e a’ doirteadh na ghlacas e air a’ chreig is togaidh na bhios timchioll do na peileachan iad. ’Se duine làidir a dh’fheumas tu airson tigh thàbhaidh oibreachadh, ach is e daoine làidir a tha anns na Nisich.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
5. Acfhuinn an eich airson gach seòrsa obair
Location: Na Hearadh [Harris], Finsbay
Category: Àiteach / Agriculture
5. Acfhuinn an eich airson gach seòrsa obair
Category: Àiteach / Agriculture
5. Acfhuinn an eich airson gach seòrsa obair
Origin: Bràigh-Lochabar [Brae Lochaber]
Category: Àiteach / Agriculture
5. Acfhuinn an eich airson gach seòrsa obair
Origin: Leòdhas [Lewis]
Category: Àiteach / Agriculture
5. Acfhuinn an eich airson gach seòrsa obair
Origin: Na Hearadh [Harris]
Category: Àiteach / Agriculture
5. Acfhuinn an eich airson gach seòrsa obair
Origin: [Barra]
Category: Àiteach / Agriculture
Ath-lionadh
Bhiodh an sgadan a’ ‘sinceadh’ sios anns gach baraille a bhiodh air a lionadh, agus ann an la no dha bha aca ri ath-lionadh le sgadan eile. Bhiodh an criudha gu leir a’ gabhail pàirt anns an obair so, oir ’sann anns a’ bharaille a bha iad pàidhte agus pàidhte anns an uair airson an ath-lionadh is an treas lionadh.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Cum fodha
Back water. Ma bhios a’ ghaoth air a gualainn, bidh an t-eathar ag iarraidh chun na gaoithe, is feumaidh buille nas làidire a bhith aig an fhear a bhios air ràmh an fhuairidh. So cuid de bhriathran sgiobair don dithis a tha iomradh: Cum agad i; Na leig thugad i; Ràmh a tha thall as fheàrr; Socair – bheil sibh a’ faicinn an lion a’ tighinn as mo dheidh; Buile mhath le cheile an nis; Cum bhuat i; Bheil sibh a’ faicinn gu bheil sibh a’ ruith air a dhruim, etc. Chan e obair thlachdmhor a bhith air na raimh agus sgiobair greannach a togail.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Deanamh na snòtaichean gaoisde
’Se muigh no earball eich a bha so – dubh no geal. Chan fhaca mi a riamh gaoisde ruadh. Tha mu shia gu ochd de ghaisneannan gaoisde agus mu ochd oirlich de fhad a’ dol gu snòta. Tha thu a’ cur snaim ‘half-hitch’ agus a’ deanamh da leth air fad air an aireamh de ghaisneannan so – tri no ceithir air gach taobh. Tha an t-snòta an nis ga toinneamh le do bhois air do ghlùin, agus gus a fàs craiceann do ghlùin cleachte ris an obair so tha thu a’ cur cràiteachan de luathaidh as an teine oirre an drasda ’sa rithist, ach am beagan uine cha leig sibh a leas so oir theid a’ ghlùin mar crodhan. ’S mise fear a bha thall ’sa dh’fhairich. Tha thu a’ dùnadh gach snota le ‘half-hitch’; a’ ceangal snota dhubh is snota gheal r’a cheile, agus an sin ris a’ chalp. Tha thu a’ reileadh dubhan aig ceann gach snota is tha an lion beag a nis air a chur thuige.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Innse-Gall
Orkney and Shetland Islands (since 13th century); not a fixed place-name, but a descriptive term, the extent of which varied as the power of the Norse waxed or waned. At height of Norse power, Innse-Gall = all islands from Shetlands to the Isle of Man; after Somhairle Mac Giolla Bride’s first victory Innse Gall = islands north of Ardnamurchan; after Somhairle’s 2nd victory Innse Gall = Orkneys and Shetlands only. NE Highl. C. S. – Innse Gall but more commonly Innsean Gallach, Eileana [?] Gallach = Orkney, Shetland. Innse Gaidheal(ach) – Western Isles (Lewis to Islay) + Arran, Bute. Innse-Gall not applied to any Gaelic-speaking islands. Bardic usage: Innse Gall = Western Isles (Lewis to Islay) regardless of fact that they had ceased to be Innse-Gall in 13th century and had become Gaelic. As long as the Bards had comharda, uaithne, uaim, and the other obair-ghréis of their trade, they didn’t bother about truth. Modern literary, artificial – imitation of Bardic usage, above. Incorrect.
Origin: [Strathglass]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
Seine nets
An diugh ’se ‘seine-netters’ a tha anns a’ chuid as motha de iasgairean Leódhais ag iasgach an eisg ghil is na musgain caol. Chan eil an obair so cho cruaidh oir tha iad anns a’ chidhe a chula h-oidhche. Cha t-fhuair mi eòlas ’sam bith air an obair so.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
Sgileadh
(Unhusking) Fosgladh an fheusgain le sgithinn is a’ toirt a’ bhiadhaidh as. Tha an t-ainm so – sgileadh – aca air an obair so air feadh an eilein so air fad, ach tha ainmeannan eile aca air an obair so an sud ’san so: Spioladh fheusgan – canaidh iad sin ris anns an Rudha (Portnaguran); Sgiuileadh fheusgan – air na Lochan; Sgiuileadh no sgiuileagadh – ann an Nis.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
[Di-luain]
Obair mhoch Di-luain bi i luath no bi i mall.
Origin: [North Uist?]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[aois]
“Bha i an aois sin aig an obair sin.” ‘Aois’ used in the sense of a person being in a job for a number of years.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[bladh]
Obair gun bhladh – useless work.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[buidseachd]
Tha buidseachd air an obair. – The work is cursed, going awry.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[claoidh]
Air do chlaoidh ag obair – exhausted.
Location: North Uist, Tigharry
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[crioch]
Cuir crioch air an obair. – Finish the job.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[crioch]
Cuir crioch air an obair! – Finish the job!
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[crioch]
Cuir crioch onorach air an obair – finish the job properly.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[crom]
Crom air an obair. “Wire” in.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[f
[ai]ˈiri] Quotation: Bha m’athair glé [f[ai]ˈiri] agus bha e daolan a’ deanamh an obair da na croitearan.
Origin: Loch Tay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[fear]
Am fear nach dean obair neo gniomh / Chan fhaigh e biadh feadh nam preas.
Location: South Uist, South Lochboisdale
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[ionnsachadh]
“Cha bhith thu na’s òige ri d’ionnsachadh.” Calum: “Cha do rinn mise obair de’n t-seòrsa-sin a riamh.” Aonghus: “Cha bhith thu na’s òige ri d’ionnsachadh.” – Tha Aonghus a’ ciallachadh do Chalum tòiseachadh agus feuchainn air an obair. Cha bhith e na’s òige ri a ionnsachadh.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[ite]
“Ag obair leis an ite.” B’e sin a bhith ag iasgach leis na h-ìtean – cast a bhiodh iad fhéin a dèanamh. Ite faoileig a bhiodh a’ dol air na dubhanan.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
[la buain na monach]
’S e la mor a b’abhaist a bhith ann an la buain na monach, gu h-àraidh do’n chloinn. Bha a’ mhoine cho faisg air bailtean ceann shios an Rudha is gum biodh an sgiobadh a’ tighinn dhachaidh gu gach biadh. Dh’innseadh bratach dhaibh ’cuin a bhiodh am biadh deiseil. Bha searbhadair shoithichean, no pios aodaich air chor-eigin eile ga cheangal ri bàrr slait chreagaich fhada, agus rachadh duine leatha chun an tobhta, no eadhon suas gu mullach an tigh dhuibh ga cumail suas riu. ’S e urram mór a bhiodh ann do’n ghille a gheibheadh suas leis a’ bhrataich so, ach b’e a dhleasdanas airson na duais so an teine a fhrithealadh is gun a leigeil as, agus e bhith cinnteach gum biodh pailteas do uisge na tobrach ri laimh a’ chòcaire. Cuideachd, air an la so, bhiodh mìlsean ann, gu h-àraidh silidh, agus as docha lof, nithean a bha gle annasach roimh am a’ cheud chogaidh mhóir. Bhiodh cuid de thighean ann is cha bhiodh so aca, agus a chionn sin bhiodh e duilich dhaibhsan òigridh fhaighinn do’n sgiobadh aca. Bhiodh iad so aig amannan air an aoireadh ann an rabhd: ’An Dhomhnuill ’s cha bhi silidh ac’ / ’S cha bhith [sic] càil milis ac’, / ’S mise nach teid idir thuc’ / A dh’ithe bioraich shioman. Agus a ris: Bhuain dhan Donnach cha teid sinne, / So a bheir an Donnach dhuinn, / Buntàt’ athurrnach gus ithe, / Teatha gun shiùcar, ’s brochan lom; / Rionnaich ruadh’ thug bliadhn’ am piceil, / ’S bidh sinn seachdain le ar com. Nuair a rachadh la a shuidheachadh gu buain ’se la nan seachd sian a bheireadh orra an la sin a bhristeadh, agus bhiodh iad ’nam botunnan ’s nan oiliscin anns na puill. Cha chuireadh uisge stad idir orra, ach chuireadh sneachd. Bhiodh iad a’ buain na monach na bu tràithe aig an am ud is aig iasgairean agus aig clannighean an sgadain togail orra a Ghallaibh, a Shealtuinn is dhan a’ Bhruaich is bhiodh iad airson obair an fhearainn is na monach a bhith ullamh mas fhàgadh iad. An diugh chan eil a’ chabhaig cho mor, agus an diugh tha tentaichean an cois luchd na monach, eadhon ann an cridhe an t-samhraidh far an ruith iad ma thig fras. Faic ‘An Sireadh’ le Ciorstai NicLeòid as Paible an Rudha. T.D. 7-8 ‘Buain na Monadh’.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
[làmh]
“Chaidh an solus as agus bha mi ag obair fo mo làmhan anns an dorchadas.”
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[note]
Na’m biodh Donnchadh MacDhòmhnaill air ceann shìos a’ bhaile againn fhìn beò bheireadh e cuideachadh dhuinn mu chùisean na beairte. Cha deacha làmh a riamh air cùl beairte na b’fheàrr na e air dhòigh sam bith. Bheir mi dhuibh ainm fear a tha beò an diugh a bha ag obair air a’ bheairt mu’n d’thàinig na beartan ùra, na beartan abhtamataiceach: Calum MacMhathain (Calum Og), 6 Aird Uige, Ann an Leòdhas. Bhiodh e ag obair air a’ bheairt còmhla ri a athair. Tha a athair beò fhathast agus e gu bhith ceud bliadhna. “An Leddie” am far-ainm a bh’air. Chanainn gu’m bi na h-ainmeannan Uigeadh aig Calum Og. Is iongantach mur a h-eil mise air feadhainn dhiubh a chall.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
[note]
Tha an uine cho fada bho an bha mise ris an obair so, is nach ’eil cuimhne agam air far leth-dusan facal, agus is iad sin, tha mi cinnteach, bithidh agaibh mu thràth. Boyd. Bagh-a-Chaisteil.
Origin: [North Uist - according to the card index of Informants]
Category: Mòine / Peat-Working
[obair an datha]
Chan fhaca mise a riamh móran de obair an datha. Chunna mi na h-uibhir dhe, ach bhithinn a’ cluinntinn bho fheadhainn a thàinig romham.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
[obair]
Obair is ath obair. Useless repetition of work.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[obair]
Chaidh mi bho obair, bho fheum. I was past work and useless.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[obair]
Rinn e a dh’aon obair e. He did it on purpose.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[obair]
Obair is ath-obair – idle repetition of labour.
Location: Killearn
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[obair]
Obair is ath-obair.
Origin: [North Uist?]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[piantaiche]
’Se piantaiche a th’anns an t-sùlaire. – Cho cruaidh ’sa tha e ag obair.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[rodaigeadh]
Chan eil cuimhne agam a riamh mi fhìn an obair-sa a dheanamh, ach ’s ann mar siod a bhà cho fad agus a tha lorg agam-sa. Nì àrraid eile, chan fhaca mi a riamh poll air a rodaigeadh. Agus mi air mo bhreith ’s air m’ àrach ann an saoghal na monach.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
[sgur]
Gun sgur, gun snasadh, gun innealadh. – ’Se sin dìreach a’ dol gun stad, gu h-àraidh ag obair.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[siol-ghainmheach / sìol-ghainmheach]
Chunnaic mi am prògram “A Boy in Harris” air an T.V. an oidhche roimhe, agus chòrd e rium. (…) Ach a nise gu aon nì anns a’ phrògram do’n d’thug mi an aire – marbhadh nan siol, no glacadh nan siol (an t-siol-ghainmheach mar a chanas sinn) leis a’ chorran anns an tràigh. Obh, obh is iomadh ceud a ghlac an làmh a tha sgrìobhadh na litreach-sa. Anns an Fhadhail Mhóir aig Crabhlastadh, an Sgìr Uige againn fhìn, ann an Leòdhas. Am boirionnach Hearach a’ sgrìobadh leis a’ chorran anns an tràigh (air an tràigh thioraim). Chuala mi iad a’ deanamh nì de’n t-seòrsa-sa a ghlacadh na sìl air Na Ceithir Peighinn Deug an ceann shìos na Sgìre againn fhìn (Uig Leòdhais) a’ sgrìobadh le croman, no le hoe, air an tràigh thioraim. Cha’n fhaca mi a leithid shuas againn fhìn a riamh. Nì ach an corran anns an fhadhail. Bha an corran shìol air a dheanamh de’n chorran mhór. Bha an gob far an robh e dol na bu doimhne na bhith réidh ris an làimh, air a ghearradh dheth, agus am faobhar air a mhadadh gus nach gearradh e na sìolan mar a ghlacaist iad. Bhiodh cuid a’ toirt seòrsa de dh’fhiaclan anns a’ chorran shìol. Chunnaic mi a dhà dhiubh seo (corrain shiol) nuair a bha mi shuas aig an tigh air an t-samhradh-sa fhéin. Bidh cuimhne agaibh gu robh corran eile aig na bodaich: corran-speal. Bha e mar seo: [see third illustration below]. Is e arm eagalach a bha seo. Bha cùl air an iarunn aige mar air iarunn na speala agus bhiodh sibh ga ghleusadh le cloich-speal. Bha e mór seach corran cumanta. Seo a nise mar a bhithist a’ glacadh nan sìol leis a’ chorran-shiol anns an Fhadhail Mhóir shuas aig Crabhlastadh, ann an Uig Leòdhais. A’ tòiseachadh ann an seo [i.e. àite tòiseachaidh in the illustration] agus a’ gabhail air aghaidh. Bha peile-mór ceangailte le sreing ri do mheadhon. Peile-mór a’ cheàird no peile suinc. No peile-caol a’ cheàird (chan eil easan a’ dol an diugh idir). Bha thu a’ tòiseachadh na sgrìoba mar bu trice thugad. An uair sin a’ tionndadh a’ chorrain agus a’ toirt na sgrìoba bhuat. Mar sin a’ gabhail air d’adhart gu’n tachradh sìol riut. No beathach beag neimheil eile. Biast na Fadhlach, mar a chanas fear Chrabhlastaidh rithe. Iasg beag airgiodach ann an dath ’s an sgeilm, agus gathan neimheil innte. An stangaran a tha mi an dùil a chanas an Hearach rithe. (Ri siol air leth mór canaidh sinne an Uig gobag rithe. Dé a chanas an Hearach chan eil fhios agam.) Ma bhios tu airson cuideachadh air glacadh nan siol a shealltuinn uair sam bith, cha dean e deifir foighneachd mu an chùis do Mhurchadh. Bha Murchadh ris an obair sin mu na siolan bho bha e òg ’s a’ dol do an sgoil gus an a dh’fhàs e ’na dhuine agus a’ dol leis an lìon-bheag. (Siol as fheàrr airson cnòdan, agus là grianach nach bi ro fhuar. Is e luga as fheàrr airson na h-adaige. Sin gliocas agus léirsinn nam bodach a bha sean nuair a bha Murchadh òg.) Cha chanainn gu bheil móran lìon-bhig ’ga dheanamh ri cladaichean na Hearadh an diugh. Is e glé bheag dheth a tha ri cladaichean Uige an diugh mar an ceudna. Tha sabhs air na siolan air leth math, cuideachd. Agus tha iad air leth blasda mar bhiadh, agus air leth tacmhor. Cha tig acras air duine air luathair [?] as déidh feed de na siolan. A thaobh sealladh air lìonmhorachd, cha chreid mi nach e sealladh air an t-sil-ghainmhich anns a’ bhàgh againn fhín (Camus Uige) a dhleasas a’ cheud àite. Cia mheud mìle, no cia mheud muillion dhiubh seo a bh’ann? Agus faoileag is biorach air am muin [?], as an déidh, gu’n robh iad a’ leum ’nan sgaothan as an uisge, airson teàrnaidh, ged nach bu mhór an ciall. Bha dùil ’am gu robh bleideagan an t-sneachda ann an lìonmhorachd gu leòir. Bha dùil agam sin, gus an siod. Is iomadh rud a chì am fear a bhios air an dùthaich nach fhaic fear a’ chabhsair luim! Dà nì a chunnaic mi-fhín le mo shùilean aig sìol ’ga dheanamh: Chunnaic mi siol (te mhath mhór) a’ snàmh cho neo-lochdach, ma b’fhior, am measg cliath de chudaigean òga (siol chudaig) agus an uair a b’fheàrr ’s a b’fheàrr a bhiodh na creutaran bochda, bheireadh i tè as agus dh’itheadh i i. A rithist, uair eile, chunnaic mi sìol a’ gabhail na h-ite a bhiodh againn ag iola (fly-fishing). Sin agad ma tha na rudan a chì duine nuair a bhios e muigh, agus a shùilean fosgailte.
Origin: Lewis, Uig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[siolp]
Gheàrr e mu’n t-siolp e. Bha Donnchadh a’ cur an àirde bùth (tent) aig an fhéill, a’ dol a thòiseachadh a’ creic deoch-làidir. Agus sin gun òrdugh laghail. Có a nochd ach am polas. Cha deacha an obair aig Donnchadh na b’fhaide air adhart, gheàrr e mu’n t-siolp e.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[snasail]
Obair-laimhe snasail – neat handiwork.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[éirich]
Dh’eirich e air an obair. He started the work. [NOTE in second hand: (in earnest).]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
a-mach
adv. ‘out; beyond’: dh’fhaodte gum bi ’ -mach gu math air fiche ceathramh air; cha robh e a’ còrdadh rium-as -- ~ ’s ~ a bhith ’g obair oirre idir; gu robh ’-mach air còig troigh shneachd agad
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
air n-adhart
advb ‘forward’: bha i gàbhaidh, chuireadh i ~ an saoghal le obair
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
alt
knack. “Bha an t-alt aig air an obair.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
an gocair
am fear d’am b’obair a bhith toirt an éisg de’n dubhan mar a bhathas a’ tarruing. (Droch obair air fhàgail air fear-easgaidh.) [NOTES: slipped under ‘gocair’ with ‘an gocair’ as the quotation.]
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
arralach
attentive, steady, e.g. “Bha e arralach na obair.
Location: South Uist, South Lochboisdale
Category: Measgaichte / Miscellaneous
a’ sgileadh fhèasgan
Nuair a bhiodh na bodaich a’ fosgladh nam fèasgan ’s a’ toirt a’ bhidh asda airson a chur ’n a bhiathadh air an lìon-bheag, ’s e ‘sgileadh’ a chanadh iad ris an obair. “Tormod a’ sgileadh nam fèasganan.”
Origin: Lewis, Uig an Iar
Category: Maorach / Shellfish
bidealais
[bıdʹəlɑʃ] Quotation: “Na rinn e tòrr obair?” “Cha do rinn, cha robh e ach a’ bidealais.” Notes: noun and verb. Doing things in bits. Footering about doing something but not getting anywhere with it.
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
bonnach bois
aig an obair.
Location: Na Hearadh, Gòbhaig [Harris, Gobhaig]
Category: Biadh is Deoch / Food and Drink
brath
Quotation: “Bheil brath aige air obair?” – has he any word (information) about work. “Bha iad ag radh gur h-esan a bhrath air…” – acted the traitor. Brath – treachery.
Origin: West Lewis [the location given on the slips]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
bun
Quot.: “’S ann agad a tha’m bun obair a’ deanamh sin.” Note: work that will not come to any fruition.
Origin: [Barvas]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
bun-obair
Quotation: Tha bun-obair agam a bhith dèanamh sin. Notes: ‘It’s pointless for me to be doing that.’
Origin: [North Uist?]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
bòrd
Quotation: obair a’ bhùird. Notes: serving at tables in a hotel.
Origin: Arisaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
bòrd
Quotation: bòrd obair. Notes: work bench.
Origin: Islay, Port Charlotte
Category: Measgaichte / Miscellaneous
car obair
A turn of work – performance.
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ceann
n. ‘head, start’.: bhiodh tu ’g obair fos do ch. mar seo; na seann òrain, tha iad a’ gabhail bho ch. gu ch.
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
comasach
adj. ‘capable’: bha iad ~ air … an obair a dhèanamh iad fhèin
Location: Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
Category: Word List
cosnach
nn ‘workman’: bha an t-Èireannach ag obair dha, duine ~ math [DAG];
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
cruachan-tarruing
Cruachan a bhithist a’ deanamh aig an tigh mar a dheadh agad air. Cha robh làmh a’ dol orra gu’m biodh feum air – gu’n tòisicheadh an obair.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
cruinn
adj. ‘together’: obair mhòr air cur ~ rudan; tha iad an sin a' dol ~ còmhla[dh]
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
cunnabhalach
working at a steady pace. “Obair chunnabhalachd [sic] fad an latha.”
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
còmh’ [for còmhla] ri
prep. ‘along with’: an robh sibh ag obair air an fheur ~ le Seumas?;
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
dallan-allaidh
spider. Obair an d-a – spider’s web.
Location: Inverness
Category: Measgaichte / Miscellaneous
damh
nn ‘ox’: pl. ‘s ann le daimh a bhiodh iad ag obair
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
diomhaidh
[dʹĩɤ̃vi] Quotation: obair diomhaidh. Notes: worldly.
Origin: Assynt, Stoer
Category: Measgaichte / Miscellaneous
diongalta
referring to something that had been well completed. “Bha an obair diongalta.”
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
dromanach (caol)
slatan caola seilich ùr no calltuinn mu 3' am fad. Bha thu ’gan dèanamh biorach air an dà cheann, ’gan dathadh ’sa’ mheadhon le dreiseag air an teine, ’gan lùbadh gu cumadh prine-fuilt, ’gan cur eadar rungas cathrach ’gan cumail crom. Bha iad aig an tughdair ag cumail an fhraoich ’na àite. Thogadh e gus an ath bhreth iad mar a bha e ag obair. Rachadh am fagail ’sa’ mhullach. Bha thu ’gan dathadh is ’gan toinneamh an seo [see the arrow in the picture] mus bristeadh iad anns an lùbadh.
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
dòigh
n. ‘way’: an ceangal ris air ~ air an t-saoghal; chan eil thu ’ còrdadh rium idir nad dhòighean; dh’ionnsaich mi san ~ chruaidh i; an ~ a bheireadh e air an locair; ach ’ fhaicinn an ~ ’ tha e air a dhèanamh; an ~ -- a dh’obraicheadh e an t-iarann; an ~ ’ bh’ aca air luathadh an seo; an ~ ’ bh’ aca air a dhèanamh; bha ’n ~ fhèin aca air a chuile sian; cha do rinn mise sianmu dheidhinn obair iasgaich riamh do dh. air an t-saoghal; cha bhiodh iad a’ dol an aghaidh a chèile ~ air an t-saoghal; nì iad an-diugh an ~ eile e; anns an ~ bu dhuiliche
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
eàrrlais
[ȷɑ:ʴliʃ] Quot.: “Bhiodh clann-nighean a’ sgadain a’ faighinn eàrrlais mas tòisicheadh iad ag obair.” Note: an advance payment, say 10/-, before starting work on the herring. [NOTES: the turned r used for the symbol which is unclear in the original.]
Origin: Carloway, Doune
Category: Measgaichte / Miscellaneous
fad
n. ‘length’: bha e ceithir cheud is dà fhichead troigh a dh’fhad; ’s ann aire sin ’ bha mise ’g obair fh. ’s a bha mi shìos; mholadh e thu ~ an òrain
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
feansa
nn f. ‘fence’: dat.: a-staigh fon fheansaidh mar seo; bhith ‘g obair air ~; thig thusa gu ‘ leithid seo a dh’fh.
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
flodraich
Tarmod air tighinn leis a’ chliabh-mhònach agus e ag obair air an trinnsear lite. Flodraich air bainne aig leis an lite. (An lite a’ snàmh ann.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
foileadh
[ɸɔ̣lʹəɣ] Quotation: foileadh de dh obair. Notes: useless work. [NOTES: slipped under ‘(f)eocladh’.]
Location: Ross of Mull
Category: Measgaichte / Miscellaneous
foileag
Note: te a’ sàs an obair tighe. “De a tha thu a’ cur air adhart?” “Chaneil, a’ ghraidh, ach a’ foileadh ’s a’ riasladh.”
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
fon
(far) conj. ‘where’: shin ~ a bheil mi air call; shin ~ andeachaidh a’ mh[...] a dhèanamh; ~ a robh sinn ag obair
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
gabh
vb. ‘undertake’: VBL. N.:: ma dh’fhaodte bhith ’ gabhail uime leis ag obair
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
garrdha
n. ‘plot’: tha ~ beag agam; PL. bha ~n [kɑrè-ən]; obair mhòr, ~n
Location: Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
Category: Word List
goibhneach’
nn ‘blacksmith’s trade’ : ‘s e obair tha sa gh.; vbl nn: agus bhinn a’ ~ an seo
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
gu
prep. ‘to; till’ : chan fhaca mise a-riamh thusa roimhe ~ seo [DAG]; bha na Gàidheil math ~ dannsadh [MAE]; bha iad math gu iasgach ‘s tha iad math gu obair  [MAE]
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
gàradh
gàradh de an mhòine air a dheanamh air bearradh a’ phuill airson barrachd ruma a thoirt dhuit no airson na h-uibhir de mhaise a thoirt do’n obair. Dà sheorsa gàraidh: gàradh cumanta, gàradh-air-oir.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
iaradh
non stop. “Cha deach iaradh air riamh ach ag obair.
Location: Skye, Bernisdale
Category: Measgaichte / Miscellaneous
iasad
Quotation: Tha móran obair ann an each iasaid.
Location: Skye, Breakish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
iasg-geal
daoine bha ag obair ag glacadh bhradan leis na lin an àiteachan sònraichte mu’n chladach theirte mu’n déidhinn “gun robh iad anns an iasg-gheal”.
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
le
prep. ‘during [of weather]’’ : 's e àite uamhasach a tha ann an Chéticamp ~ stoirm; ri marbhadh le sìde thioram; ‘possession’: dhan duine ‘m bu leis am beathach; ‘with’: 2sg.: gu bheil thu air falbh leat dhan taigh mhòr, dhan asylum; 3sg.: bha muinntir na town a’ smaoineachdainn gun toireadh e duine beò leis cho math ‘s a bha e [ADM]; 3m.: thuirt e leis [liʃ] [FMM];Rover a theireadh iad leis;+ mo: lem linnse, nuair a chaidh mise ag obair an toiseach; + a ‘his’: chanadh e le ' phiuthar
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
leacan
[liəxkən] Quotation: obair na liocan.
Location: Mull
Category: Measgaichte / Miscellaneous
learach
Agus ‘learach’ airson boirionnach a bhiodh comasach (glé chomasach) air obair ’s mar sin a dheanamh, ach a bha leisg agus nach robh ’ga dhèanamh. Chan eil fhios agam an ann bho ‘leireach’ a thàinig ‘learach’.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
linn
nn ‘lifetime, generation’ : lem ~se, nuair a chaidh mise ag obair an toiseach; pl. bha iad bho chionn na ~ean air ais [DAG]
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
lios
a garden. (Kintail) Nuair a bha mi ag obair anns an lios ud thall.
Origin: [Kintyre, Tarbert]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
luiriste
[ɫu̜ɾiʃtʹ] Note: “Te chaol àrd gun aille gun dreach ’s gun rath air a h-obair.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
làmhaganaich
[ɫɑ̃:vəɡɑṉiç] Quot.: “Cha bhiodh e a’ deanamh obair throm ach bhiodh e a’ làmhaganaich timchioll.” Note: doing little jobs.
Origin: Kershader
Category: Measgaichte / Miscellaneous
làraidh
Chan eil móran each a’ dol an diugh an àite sam bith, cò dhiù mu ghabhas e seachnadh. Ach am bheil fhios aca de an fhìor rud a th’ ann horse-power? Cha robh duine de an obair mhóir a bh’aca ann an Aird Uige uaireigin a bha comasach air a’ cheist fhuasgladh, agus bràthair dhomh ’n am measg. ’Se mise a thachair a bhith comasach airson fuasgladh a thoirt dhaibh. Thug mi dhaibh togail 33,000 punnd aon troigh ann an aon mhionaid. Gheibh sibh an aon suidheachadh aig daoine ’s a’ bhaile-sa fhéin. Bha fear ag argumaid rium aig Kelvindale nach robh a leithid a rud agus differential ann an càr. Gu robh easan air a bhith a’ draibheadh fad bhliadhnachan.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
mailleadh
early morning. Obair mhailleadh. (Ann am facail eile neo ann am facal eile – moch-thràth.)
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
mànran
Quotation: Bha e ag obair air a’ mhànran fhéin. Notes: working on his own.
Location: Skye, Portree
Category: Measgaichte / Miscellaneous
mìnnt
[= mèinn] nn ‘mine’: anns a’ mh. a bu mhotha a bha mi ‘g obair
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
obair
nn f. ‘work’ : chan urrainn dhomhsa ìnnse dè ‘n ~ anns a robh e; vbl nn : ‘s e ag ~ ‘s a’ cur a-mach a theanga; bha ‘ phìob ag~ ; bha cèilidh ann, ceòl is pìobaireachd is dannsadh, dh’fhàg sinn ag ~ e; nuair a chaidh iad a dh’~
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
obair
Quotation: Robh obair trom [opər trom] anns a’ speal. Notes: masculine in Arran Gaelic.
Location: Arran, Pirnmill
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair
Quot.: “’S e obair gun bhiadh gun thuarasdal a th’agad.” Note: useless, pointless work.
Origin: Kershader
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair
Quot.: “Cha do rinn sin difir sam bith air obair na sia là.” Note: had no visible effect, made no improvement. (Obair na sia là – the earth.)
Origin: [Barvas]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair
Quotation: Fhuair thu obair! Notes: (Skye) ‘Some daft idea that!’
Origin: [North Uist?]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair an’ earraich
spring work.
Origin: Ross and Cromarty, Lewis
Category: Àiteach / Agriculture
obair eallaich
work that involved carrying heavy weights on your shoulders.
Location: South Uist, Milton
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair iaruinn
amount of work expected of a team of two people in a day, or a certain number of yards which had to be cut before wages could be claimed.
Location: Harris, Tarbert
Category: Mòine / Peat-Working
obair iaruinn
B’e sin sia fichead slat a bhuain agus leud an rùsgaidh dà throigh airson poll dhà fhad, agus troigh gu leth airson poll thrì fàd. Mar “Moine an tigh-mhóir (an Luige [?]) fichead obair iaruinn.”
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
obair inntinneach
interesting work, a work which kept the mind happy.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair is ath obair
double the work.
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair seasmhach
permanent work.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair shaoghalta, mhi riatanach
work that could be done on another day. Applied to work done on a Sunday.
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair snasail
neat (?) job.
Origin: Lochaber
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair-bhearraideireachd
design on wood, engraving. [SLIP: Design engraved on wood.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair-chloinne
Quot.: “Tha i ann an obair-chloinne.” Note: in labour.
Origin: [Barvas]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair-ciùil
musical ‘work’ art.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair-ghréis
fancy needlework.
Location: Killearn
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair-lion
[sic] net work, associated with nets, or a sort of woven process in like mesh form, communicating likewise or associating.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair-na-h-ola
oil work(s).
Location: Harris, Scalpay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obair-ri-shùl
[sic] a useless performance.
Location: Killearn
Category: Measgaichte / Miscellaneous
obrach
[ọbrəx] Notes: genitive of obair.
Location: Mull
Category: Measgaichte / Miscellaneous
peathairean
young children. “Nach eil peathairean aice a nì an obair.
Location: South Uist, Lochcarnan
Category: Measgaichte / Miscellaneous
peilear
Quotation: ag obair aig peileir a bheatha; ag obair aig peileir dearg a bheatha. Notes: peithir?
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
peilear
[pelɑð] Quot.: “Tha e ag obair aig peilear a’ bheatha.” Note: He is working at full steam.
Origin: [Barvas]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
peneisteach
penal, difficult, penance. ’S e obair pheneisteach th’aige.
Location: Harris, Scalpay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
pitchers
A’ cheud ghèim a tha cuimhne agam-sa riamh fhaicinn ’se ‘pitchers’. (’Se seo a th’aig na balaich mhóra air.) Is ann le leacan [?] freagarrach a bhiodh iad ag obair air. Roimhe ’n seo aig an fheadhainn a th’ann romhainn bha na peileastairean (‘Peilistearan’ aig Dwelly.) Bha an gèim-sa faisg air an aon seòrsa ri na pitcher-an aig na balaich. Mur a h-e an aona ghèim a th’ann! ’Se gèim de’n t-seòrsa-sa a’ cheud ghèim a tha lorg air a bhith anns na h-Eileanan Breatunnach.
Origin: Leodhas [Lewis], Uig
Category: Cur-seachadan: Dèideagan, Geamaichean is Farpaisean / Recreation: Toys, Games, Contests
piullidh
Quotation: “Se obair phiullidh a tha sud.” Notes: It is the work of Satan that it is.
Origin: West Lewis [the location given on the slips]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
poidhl'
nn 'a lot': ~ airgid; ~ dhiubh; bha ~ dhan obair ga dèanamh by hand; bha ~ ann a dhèanadh òran an uair sin; well, bha sin a’ meanigeadh ~ dhaibh
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
pàirt
Quot.: “Tha iad ag obair ann am pàirt.” Note: said of people sharing work, e.g. communal work such as peat cutting, sheep-shearing, fishing, etc.
Location: [Lewis], South Lochs, Caversta
Category: Measgaichte / Miscellaneous
riamh
adv. [rĩɑ̃] ‘ever’: tha chuile baile ~ an seo ag obair
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
riomhanach
someone doing a job in fits and starts. “Dè an riomhanaich obair a tha ort.”
Location: South Uist, Peninerine
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ruisealachadh
rushing, haste in housework. Bha mi ruisealachadh a stigh, leis an obair – ref. from a female at home.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
rùdhadh
’S e a’ cheud togail an rùdhadh – ceithir fòid gan cur ’na seasamh an taca r’a cheile, ’san coigeamh fàd ’na bhonaid orra. Obair dhórainneach do dhruim an ana-cleachdaidh.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
saothair
Quotation: saothair an [dɤhə]. Notes: a pointless task, “obair gun fheum”.
Location: Barra, Bruernish
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sgal
Quotation: Ghabh e sgal mu ’n obair. Notes: He had a craze, strong liking for …
Location: Tiree, [Caolas? – one slip]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sgiobadh
Nuair a bhiodh grunn mór thoirbhsgearan de mhuinntir eile a bhaile agad a buain na mona. Bhuaineadh iad i ’s an aon latha. Bhitheadh tu fhéin a rithist aca-san air là an sgiobaidh aca. Chan eil fhios agam dé cho tràth ’s a thòisich an obair-sa, an sgiobadh. Iomadach uair do dhuine leth-làmhach a rinn sinn a bhuain dha ’s an aon latha. Cha chanadh sinn sgiobadh ris an seo idir.
Origin: [Lewis, Uig]
Category: Mòine / Peat-Working
sgiodaran
[sɡwd̪ərɑn] Note: fear leis an toigh a bhi ’g obair am poll ’s an innear.
Origin: Swainbost
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sgrìoban
car coltach ri ràcan ach nas giorra agus nas gairbhe. ’Se am feum a bha ann, gu lìonadh nan toll anns an cuirte buntata ann an feannaig no ann an achadh beag no gàradh. Seo an obair a dhèante le cliath air achadh nas motha.
Origin: [Barra]
Category: Àiteach / Agriculture
siodhraig
to overexert yourself. “Thug e siodhraig as fhein ag obair.” [NOTES: note added above ‘siodhraig’ – siaraig.]
Location: South Uist, Garrynamonie
Category: Measgaichte / Miscellaneous
slupraich
An t-slupraich as fheàrr as aithne dhomh, ’s e each ag obair air siol ann am peile. Ag ithe ’s ag òl.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
srulaichean
Bha Dòmhnull (balach) ag obair leis an sgithinn (agus i cho geur). Cha robh mi ann nuair a chaidh i chun na h-òrdaige aige, agus thàinig na srulaichean de an fhuil.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
teachd-an-tìr
n. ‘living expenses’: dh’fheumadh rudeigin a bhith ag obair airson ~ a fhaighinn; bha iad a’ pàigheadh mo th.
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
teas (m)
Quotation: a’ gabhail teas gu rud (gu obair air choireigin, gu seòrsa biadh). Notes: craze; passion for.
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
thig
vb. ‘come’: FUT.: cha tig sian riut ‘happen’ … ach tha thu ’ tòiseach’ air obair glè òg; PAST: no’ [nuair] ’thàinig an gnothach thugam‘I learned it’, bha e agam; COND.: gus an tigeadh agad ‘you could’ air an cota-mòr a thoirt dhìot; VBL. N.: tha deathach ’ tighinn [t´i-aɲ] às
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
toinnte
intelligent. “Gheibh e an obair ma tha e toinnte gu leor.”
Location: North Uist, Tigharry
Category: Measgaichte / Miscellaneous
treòsd (-ach, -adh)
experience; knowledgeable. “Och tha esan treòsdach gu leor ’s an obair sin.” Proverb: “Teagaisgidh treòsd tuigse.” – experience teaches understanding.
Location: North Uist, Sollas, Malagleit [Malaglate]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
trom
Quotation: Cha robh an obair cho trom [trom].
Origin: Loch Tay
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tàrlaid
a female of male characteristics in work. ’S e tàrlaid th’innte (fearail ann an obair).
Location: [Harris], Scalpaigh [Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
tèim
[t̪ɛ̃:m] Quotation: Chaneil [t̪ɛ̃:m] aca gu bheil an rathad cho caol. Chaneil [t̪ɛ̃:m] aca air an obair. Notes: sense, skill.
Location: Skye?, Braes, Baile Meadhonach
Category: Measgaichte / Miscellaneous
òrdaich
vb ‘command’ : cond.: dìreach dh’òrdaicheadh tu bho ghrunn do chridhe [FMM]; vbl nn: ‘s e òrdachadh fhèin a bhith aig an taigh, ‘s e ‘g obair sa mhèinn; agus tu gad òrdachadh fhèin a bhith air an àite seo còmhla ri duine heile, dìreach dh’òrdaicheadh tu bho ghrunn do chridhe [FMM]
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
‘Dandy’
Chan eil fada bho thòisich an dòigh iasgaich so idir. Ag obair leis an ‘dandy’ – ’se sin cuideam luaidhe air an dubhan mu dheireadh do na ‘flies’, agus ag oibreachadh na slait sios is suas anns an aon àite ann an dòchas gu ruith iasg gu dubhan. Chan eil dad a dh’fhios agam carson a chaidh ‘dandy’ a thoirt air.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
“Bhrist sinn an la.”
Tha sin a’ ciallachadh gun tainig air an sgiobadh sgur a bhuain leis an droch la gun an obair a chriochnachadh. Bha cuid do dhaoine ann is bha e eu-comasach dhaibh la math buain a bhith aca. Bha iad so somhraichte anns gach baile agus dh’fheuchadh muinntir eile a’ bhaile an la shuidhicheadh iadsan a sheachnadh gu buain iad fhein.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working

^ Return To Top ^