Search


à   è   ì   ò   ù   á   é   í   ó   ú
  • ? - Any single letter
  • ~ - Any sequence of vowels
  • * - Sequence of any letters
    
Search Scope
  •  
  •  

  
Loading...

There were 70 hits for iteachan

4. Gach pàirt dhen eaglais agus àiteachan sonraichte am broinn na h-eaglais
Location: South Uist, Daliburgh
Category: An Eaglais / Ecclesiastical Terms
9. Iteachan (E), boban.
(‘Iteachan’ againn an Uig an iar. ‘Boban’ an cearnaidhean eile de’n eilean.)
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
Cuidheall-iteachan. (I)
(Tha e againn.)
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
Cùlaisd
Cha robh. Ach ann an cuid de dh’àiteachan ’s an eilean canaidh iad ‘cùlaisd’ airson ‘uachdar-an-tighe’ againne.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Taigh Gàidhealach / House and Furnishings
Deanamh na snòtaichean gaoisde
’Se muigh no earball eich a bha so – dubh no geal. Chan fhaca mi a riamh gaoisde ruadh. Tha mu shia gu ochd de ghaisneannan gaoisde agus mu ochd oirlich de fhad a’ dol gu snòta. Tha thu a’ cur snaim ‘half-hitch’ agus a’ deanamh da leth air fad air an aireamh de ghaisneannan so – tri no ceithir air gach taobh. Tha an t-snòta an nis ga toinneamh le do bhois air do ghlùin, agus gus a fàs craiceann do ghlùin cleachte ris an obair so tha thu a’ cur cràiteachan de luathaidh as an teine oirre an drasda ’sa rithist, ach am beagan uine cha leig sibh a leas so oir theid a’ ghlùin mar crodhan. ’S mise fear a bha thall ’sa dh’fhairich. Tha thu a’ dùnadh gach snota le ‘half-hitch’; a’ ceangal snota dhubh is snota gheal r’a cheile, agus an sin ris a’ chalp. Tha thu a’ reileadh dubhan aig ceann gach snota is tha an lion beag a nis air a chur thuige.
Origin: [Lewis], Dail a Tuath or [Lewis], Suaineabost [Swainbost] or [Lewis], Lional
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
[bualadh]
Anns a’ bhaile againn fhìn chan fhaca mi duine ri bualadh duine eile a riamh. Cha [sic] fhaca mi fhìn duine ann an greim. No a’ tarruing na làimhe air dhòigh sam bith. Chunnaic agus chuala mi trodan ’s mar sin ach sin uile e. Chan fhaca duine daoine a riamh cho ciallach agus cho cliùiteach riutha mar sin. Ged a bha nithean anns na gnàthasan-cainnte a chuir mi steach thugaibh, a shaoileadh sibh gu robh iad crosd is ann a bha sin a nuas bho làithean na b’aosda na chunnaic sinne. No bho àiteachan eile, ’s bho thighean-change, bho shabaidean aig òl, ’s bho shabaidean gun òl idir. ’S mar sin.
Origin: Leodhas [Lewis], Uig
Category: Cur-seachadan: Dèideagan, Geamaichean is Farpaisean / Recreation: Toys, Games, Contests
[ceartaich]
Ceartaich a’ bhó. – Atharraich a’ bhó bho phìos a tha i air ithe gu pìos ùr. Canaidh sinne an dà chuid, ‘ceartaich’ agus ‘atharraich’. Ann am Beàrnaraidh, ann an àiteachan, co dhiù, ’se ‘tog a’ bhó’ a chanas iad.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[currac]
“Cha d’thug e currac a nuas dha.” – ’Se seo a chanas sinne airson “Cha d’thug e bonaid a nuas dha” an àiteachan eile.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
[gràisg]
Chan ’eil fhios ’am a bheil e ann an àiteachan eile. Chanadh na bodaich againne ‘a’ ghràisg’ ri clann an cumantas. Gu h-àraidh nuair a bhiodh sinn a’ ruith a muigh. ’S mar sin. [SLIP: ‘Rascals’ – particularly used by older people when children e.g. running out.]
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Nàdur an Duine / Personality
[note]
Tha eagal orm nach bith móran agam air a’ cheann-sa. Móran as ùr, có dhiù. Chanainn gu’m faigh sibh feadhainn an àiteachan eile a bheir gu leòir dhuibh air a’ cheann-sa. Có dhiù móran a bharrachd air na bhios agam-sa.
Origin: Lewis, Uig an Iar
Category: Maorach / Shellfish
[note]
’S mar sin, ’s mar sin. Mar anns na h-àiteachan eile, móran ainmeannan mar a tha fios agaibh, airson an t-Sàtain.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: An Eaglais / Ecclesiastical Terms
[tobhta]
Anns na h-eathraichean uaireigin bha sia tobhtaichean mar a tha gu h-ìosal. Ach chan fhaca mise a riamh an tobhta thoisich ann an gin aca. 1. An tobhta thoisich. 2. Tobhta a’ chroinn. 3. An tobhta bhràghad. 4. An tobhta mheadhon/An tobhta chlèith (Is e ‘an tobhta-mheadhoin’ [sic] a bh’againn air 4. ach bha ‘an tobhta chlèith’ oirre ann an àiteachan.) 5. An tobhta amarra. 6. An tobhta dheiridh.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
boiteachan
[bɔtʹɑxɑ̃ṉ] Notes: piece of wood under the horse’s tail attached to panniers by a rope (?) and held the panniers from swinging to the horse’s head.
Location: South Uist, Eochdar, Balgarva
Category: Measgaichte / Miscellaneous
caiteachan
light snow.
Origin: Harris, Horgabost or Harris, Kyles Stockinish
Category: Sìde / Weather
cearcall a’ bhùirn
Bhiodh seo againn airson ar cuideachadh le na peilichean bùirn a’ tighinn as an tobair. Bha e mar seo shìos: [see illustration]. ’Se fiodh a bh’ann agus bha cuideachadh mór ann airson falbh le na peilichean. Chanadh sinn “Thoirt leat an cearcall”. Chanadh na seann fhir “a’ chuairt” ris, cuideachd. Tha mi deanamh a mach gu bheil e dol fhathast ann an àiteachan an Alba.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cleit
Quot.: na cleiteachan. Note: applied to hillocks locally.
Origin: Carloway, Doune
Category: Measgaichte / Miscellaneous
craiteachan
(also) sprinkle.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Coltas an Duine / Personal Appearance
craiteachan
[kɾɑtʹɑxɑṉ] Quotation: Cuir craiteachan salainn air a’ bhuntàta. Notes: put a sprinkling of salt on the potatoes.
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
craiteachan
Quotation: craiteachan mine anns an uachdar; craiteachan salainn air an iasg. Notes: sprinkling (< crath). Not in Dw.
Location: Lewis
Category: Measgaichte / Miscellaneous
craiteachan
a sprinkling – of salt etc.
Origin: Eileanaich [natives of Lewis]
Category: Mòine / Peat-Working
croit
[kru̟ʰtʹ] Quotation: pl. croiteachan [kru̟ʰtʹəxən].
Origin: Arisaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
croiteachan
humped [sic] backed person (male).
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
crotachan
[See croiteachan.]
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
cruaidh
Tha mi cinnteach gu’m bi i seo anns a chuid mhór de dh’ àiteachan. (Faic na faclairean.) (Faic Dwelly.) Chanadh na bodaich againne “air chruaidhean”: “Bha sinn ar chruaidhean a mach bho Staca na Beirghe.” Dé a’ chruaidh a bhiodh aca? Bhitheadh clach.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
cuibhle-iteachan
n.yellow'> ‘spinning wheel’’: cho luath ri ~ cuibhle [ˈku͜i:l´ə ˈiçt´əxan]
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
do
prep. ‘to’: 3pl.: ach Loch Abair ‘s na h-àiteachan, tha Gàidhlig aca dhaibh fhèin
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
droiteachan
Notes: eye of thread on dress for fastening with metal hook.
Location: Applecross
Category: Measgaichte / Miscellaneous
faing (I)
Tha seo againn ann an ainm àiteachan. Tha dhà dhiubh ’s a bhaile againn.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
fàireag
Cnap a thigeadh ann an ceann na sliasaid agad le cus ruith no cluiche, no nithean de’n t-seorsa sin, a dhèanadh [sic]. Dh’fhaodadh gu’n tigeadh fàireagan an aiteachan eile, cuideachd, saoilidh mi.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gathan
[ɡɑhɑṉ] Note: when the spinning-wheel was used to fill “iteachanan” for weaving this was the spindle on which the “iteachan” was put.
Origin: Carloway, Doune
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gheibh
vb. ‘get’ COND. PASSV. cha robh àiteachan ann anns am faighte a cheannach; PAST: cha deachaigh cur às daibh ach cha d’fhuair iad leoth’ mar a bha dùil aca
Location: Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
Category: Word List
gnìomhadh
[Airson stéidheadh (q.v.)] an àiteachan eile. (Faic gnìomhadh.)
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
gàireachdaich
’Se ‘gàireachdaich’ a th’againne. Ach Càrlabhagh ’s àiteachan mar sin sìos an Taobh Siar, ’se ‘gàireachdan’ (gàir’uch gun) agus ‘gàireachdainn’ a chanas iad. Tachraidh seo gu math ri fear na phonetics agaibh, bidh mi cinnteach.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
iasg-geal
daoine bha ag obair ag glacadh bhradan leis na lin an àiteachan sònraichte mu’n chladach theirte mu’n déidhinn “gun robh iad anns an iasg-gheal”.
Origin: Geàrrloch (Loch Iubh) [Gairloch (Loch Ewe)]
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
iteachan
bobbin used in shuttle.
Location: Lewis, Keose
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
iteachan
n. ‘reel’: an t-~ [əɲ ʧhiçt´əxan]; cho luath ri ~ cuibhle [içt´əxan ku͜il´ə]
Location: Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Category: Word List
iteachan
Notes: the bobbin that goes inside the shuttle.
Location: Harris
Category: Measgaichte / Miscellaneous
iteachan
Notes: spool used in shuttle.
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
iteachan
bobbin.
Location: Na Hearadh, Scalpaigh [Harris, Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
iteachan
nn ‘bobbin(?): ~, bidh e aca ‘ cur snàth ris [?], a’ figheadaireachd; chuireadh tu an t-~ sa spòl
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
iteachan
wooden bobbin, or spool.
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
iteachan
bobbin.
Origin: ([Canada], Inverness Co., Lochaber) or ([Canada], Inverness Co., Lochaber dialect) or ([Canada], Inverness Co., Lochaber)
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
iteachan
bobbin.
Origin: ([Canada], Inverness Co., Lochaber) or ([Canada], Inverness Co., Lochaber dialect) or ([Canada], Inverness Co., Lochaber)
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
iteachan
Notes: bobbin (probably the one inserted in shuttle for weaving).
Origin: Glenurquhart
Category: Measgaichte / Miscellaneous
iteachan
Notes: bobbin.
Origin: North Uist
Category: Measgaichte / Miscellaneous
iteachan
Notes: spindle which is put in weaving shuttle.
Origin: North Uist
Category: Measgaichte / Miscellaneous
iteachan
a bit of wood placed in the spinning wheel; more precisely it was placed in the ‘spàl’ or shuttle. This ‘iteachan’ was then fed with thread.
Origin: Uibhist a Tuath [North Uist]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
iteachan
bobbin.
Origin: [Arran]
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
iteachan
pirn.
Origin: [Arran]
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
iteachan
bobbin.
Origin: [Lewis], Leurbost
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
iteachan (E)
Bobbin.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Obair na Clòimhe / Wool-Working
iteachan (m)
Notes: bobbin.
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
liath-chladach
An cladach eadar na creagan móra agus am feur. Is aithne dhomh a dhà no trì àiteachan air cùl a’ bhaile againn fhìn anns am bheil liath-chladach.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
lion
Quotation: a’ lionadh na h-iteachanan. Notes: “filling” the spindles for going into the shuttle.
Origin: North Uist
Category: Measgaichte / Miscellaneous
lionadh
Quotation: a’ lionadh iteachanan.
Location: Lewis, Barvas
Category: Measgaichte / Miscellaneous
moine chalcas
So moine chòsach anns nach eil moran feuma, a dh’fhàs as a’ choinnich, gu h-àraidh ann an àiteachan far am biodh badan de ‘Sphagnum Moss’. (Co dhiù, ’s e sin a chaidh innse dhomh-sa.) Aig amannan tachraidh stiallan do’n chalcas so riut ann am poll monach réisg dubh.
Location: Lewis, Port of Ness
Category: Mòine / Peat-Working
raitheachan
quarterly magazine. Wasn’t there a similar word ‘raiteachan’, could be the same word but pronounced differently? Unless my memory fails me, I think there was.
Location: [Harris], Scalpaigh [Scalpay]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
rath-thiodhlaic (I)
Chanainn gur h-e “réilig” a bhios anns a’ chuid mhór de dh’àiteachan.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Bàs is Adhlacadh / Death and Burial
reithe, bliadhnach reithe
Tha seo againn. Ach chan eil ‘aona bhliadhnach reithe’. No ‘tiaraineach’, ‘tiarainneach [sic] rùid’. Ach tha ‘tiaraineach’ aca ann an Càrlabhagh, mur a h-eil anns na h-àiteachan eile sìos an shòs sin. Tiaraineach rùid. Chan eil ‘tiaraineach’ againne ach air creutar boirionn.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
rùdan
chan eil. Ach ann an àiteachan ag éigheach air rùd, tha ‘rùidein’ aca. “Trobhad, rùidein, trobhad.” Mar ag éigheach air tarbh: tairbhein. “Trobhad, tairbhein, tairbhein.”
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Caoraich / Sheep
sgathadair
Sgilb-fhuar. ‘Sgathaire’ ann an àiteachan. Ceann-shuas Uig an Iar againne ’se ‘sgathadair’ a chanas iad. An còrr de an sgìre ’se ‘sgilb-fhuar’ a chanas iad.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
sgùil
Bha an sgùil deanta mar seo: cearcall iaruinn agus lìon, agus am biadhadh air sreing ann am meadhon na sgùile. Bha àrc bìdeag an àirde bho an sgùil air sreang a’ bhiadhaidh airson am biadhadh a dheanamh faicsinneach do an ghiomach. Nuair a bhatar a’ tarruing na sgùilean, bha thu ’g a tarruing cho luath agus a dheanadh do làmhan agus do bhodhaig dhuit. Nuair a bha an giomach am broinn na sgùile, agus a bha i air a gluasad bho’n ghrunnd agus air a’ tarruing troimh an fhairge gu cabhagach, bha an giomach ag greimeachadh ris an nì a bh’aige agus cha charaicheadh e, gu’m beireadh am fear-tarruing air. Nam biodh an sgùil air a tarruing slaodach, bha e toirt cothrom do an ghiomach smaoineachadh de bha tachairt, agus an sgùil fhàgail. Chanadh iad na ‘cearcaill’ ann an àiteachan ris an t-seòrsa uidheam-iasgaich-sa. Tha eachdraidh nam ball-sa gu mionaideach aig Niall M’Dhòmhnaill, fear raoin Chùil-fhodair. Cumadh na sgùile: [see illustration]. An sgùil air a’ ghrunnd: [see illustration].
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Leabhar Deilbh / Drawing Book
spàrdanachd
Ruighinn an àirde air rudan, air mullach an dreasair, ’s air àiteachan àrda mar sin. Mar bu trice ’s ann air nithean a stigh ’s an tigh a bhiodh ‘spàrdanachd’ againn. [Cf. ruigheastaireachd]
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
spòl
nn ‘spool’ : dh’fhosgaileadh tu ann an ~ e, agus nuair a chuireadh [tu] an t-aodach sa bheirt, chuireadh tu an t-iteachan sa ~
Location: Canada, Cape Breton, Broadcove
Category: Field Notebooks of Seosamh Watson June-August 1983
sùil-chruthaich (I)
’Se seo a th’againn airson ‘suil-chrithach’ an àiteachan eile.
Origin: [Lewis, Uig an Iar]
Category: Cruth na Tìre / Landscape Features
tilgeil an ùird
throwing the hammer. Cha robh seo againne idir, no aig an fheadhainn romhainn, cho fada ’s is aithne dhomh. Ach bha lorg aca air glé mhath. ‘Tilgeil an ùird’ a chanadh iad. (Chì sibh ’s e ‘tilgeil’ a chanas sinne airson ‘tilgeadh’ ann an àiteachan eile.)
Origin: Leodhas [Lewis], Uig
Category: Cur-seachadan: Dèideagan, Geamaichean is Farpaisean / Recreation: Toys, Games, Contests
tàbh (E agus I)
Mur a lorg mi as t-samhradh, chan eil ainmeannan agam airson an tàibh ach ‘cas an tàibh’ agus ‘cearcall an tàibh’. Bhiodh aon cheithir aitheamh anns a’ chearcull, aig beul an tàibh. Ach bhiodh feadhainn na bu lugha na bhiodh againne aca ann an àiteachan eile. Cha chreid mi nach biodh tàbh againn E agus I mar a fhreagradh.
Origin: Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Category: Acfhuinn Iasgaich / Fishing Tackle
tònag (f)
Quotation: iteachan beag putach, deireadh iteachain.
Location: Harris, Ardhasaig
Category: Measgaichte / Miscellaneous
ìteachan
this was loaded prior to the wool going into the shuttle (spàl). [NOTES: corrected to ‘iteachan’.]
Location: South Uist, Iochdar, Baile Gharbhaidh [Balgarva]
Category: Measgaichte / Miscellaneous
“Thig gu mo chois”, “Gu mo chois.”
A’ toirt a’ choin thugad. Come ahint. “Come(r) ahint” (mar a bhiodh aig fear Port a’ Chuilinn [?]) Anns na Hearadh, an àiteachan có dhiù, ’se “cùl nan cas” a chanas iad ri “Gu mo chois” againne. [NOTES: slipped under ‘cas’.]
Origin: Leòdhas, [Lewis], Uig an Iar
Category: Stuigeadh Coin / Encouraging a Dog

^ Return To Top ^