Ma thréig thu mi, leannain
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF348Bi03 MA THRÉIG THU MI, LEANNAIN
Beulaiche: Flòraidh Bheag | Flora MacLean
Bàrd: Màiri Eachainn Ruaidh | Mary MacLeod
[Séist:] Ma thréig thu mi, leannain
O, cha mhath leam fhéin e,
Ma thréig thu mi, leannain
Do shùgradh air m' aire
'S e bhith caoidh do chineal
O, cha mhath leam fhéin e/thu.
'Sa mhadainn DiDòmhnaich
Fhuair mi sgeul a leòn mi
Gu robh thus' a' Dhòmhnaill
Is nìghneag òg a' réiteach.
Ged nach eil sin math leam
Chan e fàth mo ghearain
Ach mi fhìn 's mo leannan
Bhith 'n taice ri chéile.
Ged nach eil sin math leam
Chan e fàth mo ghearain
Ach mi fhìn 's mo leannan
Bhith 'n taice ri chéile.
Nam bithinn 's tu daonnan
Ag iomain crodh le caoraich
Gun dèanainn-sa sùrd dhut
Air aodach na féileadh.
Mo mhollachd air òigear
Mealladh nìghneag ghòrach
'S na dèanadh a pòsadh
Ann an còir no 'n eucoir
Mo mhollachd air nighinn
Bheireadh gaol a cridhe
Do fhear falbh-is-tighinn
'S a tha rithist 'ga tréigsinn.
Na faighinn mo dhùrachd
Do chaileagan na dùthchadh
Gum biodh poc as ùir orra
Gun dùil a dh'éirigh.
Cailleach air gach taobh dhìom
'S té eile ri m' aodann
Ghiorraich iad mo shaoghal
Ged nach saoil iad fhéin e.
Reference sources:
History of Christmas Island Parish, Archibald J. MacKenzie (1926), p. 161; An Rubha, vol. 15 no. 2 (2017), p. 9