GF348Bi03 MA THRÉIG THU MI, LEANNAIN Beulaiche: Flòraidh Bheag | Flora MacLean Bàrd: Màiri Eachainn Ruaidh | Mary MacLeod [Séist:] Ma thréig thu mi, leannain O, cha mhath leam fhéin e, Ma thréig thu mi, leannain Do shùgradh air m' aire 'S e bhith caoidh do chineal O, cha mhath leam fhéin e/thu. 'Sa mhadainn DiDòmhnaich Fhuair mi sgeul a leòn mi Gu robh thus' a' Dhòmhnaill Is nìghneag òg a' réiteach. Ged nach eil sin math leam Chan e fàth mo ghearain Ach mi fhìn 's mo leannan Bhith 'n taice ri chéile. Ged nach eil sin math leam Chan e fàth mo ghearain Ach mi fhìn 's mo leannan Bhith 'n taice ri chéile. Nam bithinn 's tu daonnan Ag iomain crodh le caoraich Gun dèanainn-sa sùrd dhut Air aodach na féileadh. Mo mhollachd air òigear Mealladh nìghneag ghòrach 'S na dèanadh a pòsadh Ann an còir no 'n eucoir Mo mhollachd air nighinn Bheireadh gaol a cridhe Do fhear falbh-is-tighinn 'S a tha rithist 'ga tréigsinn. Na faighinn mo dhùrachd Do chaileagan na dùthchadh Gum biodh poc as ùir orra Gun dùil a dh'éirigh. Cailleach air gach taobh dhìom 'S té eile ri m' aodann Ghiorraich iad mo shaoghal Ged nach saoil iad fhéin e.