Air Fàillirìnn Iù
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF081i05 AIR FÀILLIRINN IÙ
Beulaiche: Flòraidh Bheag | Flora MacLean
Tar-Sgrìobhadh: Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)
[Séist:] Air fàillirinn iù,
Oro iù la rinn ò,
Air fàillirinn iù.
Gur mis' tha fo mhulad,
Air uilinn na' stùc.
Mi coimhead Caol Muile,
'S cha ghrunnaich mi null.
Far an d' fhàg mi mo mhàthair,
Air a càradh 's an ùir.
Far an d'fhàg mi mo leannan,
[Rosg?], mala a' chùil duinn.
Chì mi 'm bàta dol seachad,
'S leam is lapach a crew.
'S mur a deachaidh mi 'm mearachd,
Bha mo leannan air stiùir.
Dol seachad air Ìle,
'S leam is ìseal a cùrs'.
Dol seachad air Eige,
Caol—[BREAK IN TAPE]
Dol seachad air Eige,
Hm-mmm na' stùc—something.
Dol seachad air Éirinn,
Chaill mi coltas mo rùin.
Chaidh m' eudail dhan fheamainn,
'S i dol fairis a-null.
[BREAK IN TAPE] Air bhàrr nan tonn uaine,
'S iad a' suaineadh a siùil.
'S daor a cheannaich mi 'n t-eòrna,
'S beag a dh'òl mi dha shùgh.
'S daor a cheannaich mi 'n sgadan,
Air a' phacadh a's ùir.
'S daor a cheannaich mi a' bhranndaidh,
Thàinig nall oirnn a's ùir.
'S daor a cheannaich mi 'm bàta,
Rinn ur bàthadh 'nar triùir.
Reference sources:
Gaelic Songs in Nova Scotia, eds. Helen Creighton and C.I.N. MacLeod (1964), p. 20