Òran an Election do Sham MacDonell
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF334i01 ÒRAN AN ELECTION DO SHAM MACDONELL
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bàrd: Anthony mac Niall 'ic Choinnich Mhurchaidh 'ic Dhòmhnaill | Anthony MacMillan
Tha am fear seo mu thimcheall air an election. Bha e a' tòiseachadh:
Cha téid Sam a-staigh am bliadhna,
Gur e dàn dha bhi 'ga iarraidh,
Rinn an fheadaireachd ga liathachadh,
'S chuir na antics sìos a phrìs.
Tha mi smaoineachadh gur ann an "Deoch Slàinte nan Gàidheal Gasda" gu b' e an séist a bh' ann. Agus:
Cha d' fhiach Sam na ceithir tasdain,
Bho'n a liath e 's dh'fhalbh a falt dheth,
Cha d' fhiach a ceann aig' ach tasdan,
'S cha d' fhiach a cholann ach a trì.
Agus, bha rann, ceathramh eile ann:
Mo bheannachd air Ailean Thullaich
Sheas e gu dìleas mar dhuine
Ach chan eil beachd agam dé a-nis an ath-fhacal a bh' ann ach…
Gun d' fhuair iad na na buillean
'S gum faicte iad an fhuil air an cinn
'S ged thuirt mi Ailean na ònar
Bha feadhainn eile 's a' phrovince
Sheasadh dìleas taobh na còireach
Fad' 's a rachadh m' eòlas fhéin
Sin a chuala mise e.
Notes (fieldnotes):
"SOURCE: MICHAEL MACLEAN (FRAGMENT)"