GF334i01 ÒRAN AN ELECTION DO SHAM MACDONELL Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bàrd: Anthony mac Niall 'ic Choinnich Mhurchaidh 'ic Dhòmhnaill | Anthony MacMillan Tha am fear seo mu thimcheall air an election. Bha e a' tòiseachadh: Cha téid Sam a-staigh am bliadhna, Gur e dàn dha bhi 'ga iarraidh, Rinn an fheadaireachd ga liathachadh, 'S chuir na antics sìos a phrìs. Tha mi smaoineachadh gur ann an "Deoch Slàinte nan Gàidheal Gasda" gu b' e an séist a bh' ann. Agus: Cha d' fhiach Sam na ceithir tasdain, Bho'n a liath e 's dh'fhalbh a falt dheth, Cha d' fhiach a ceann aig' ach tasdan, 'S cha d' fhiach a cholann ach a trì. Agus, bha rann, ceathramh eile ann: Mo bheannachd air Ailean Thullaich Sheas e gu dìleas mar dhuine Ach chan eil beachd agam dé a-nis an ath-fhacal a bh' ann ach… Gun d' fhuair iad na na buillean 'S gum faicte iad an fhuil air an cinn 'S ged thuirt mi Ailean na ònar Bha feadhainn eile 's a' phrovince Sheasadh dìleas taobh na còireach Fad' 's a rachadh m' eòlas fhéin Sin a chuala mise e.