Tha Mo Bhreacan Fliuch fo'n Dìle
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF311i03 THA MO BHREACAN FLIUCH FO'N DÌLE
Beulaiche: Fionnlagh Dhòmhnaill Alasdair | Philip MacDonald
Tar-Sgrìobhadh: An Drochaid Eadarainn (Baile nan Gàidheal | Highland Village)
[Séist:] Tha mo bhreacan fliuch fo 'n dìle,
Chan fhaod mi innse mar tha e,
Tha mo bhreacan fliuch fo 'n dìle.
'S tha mo bhreacan-s' air a mhilleadh,
Aig na gillean air a' bhàta.
'S tha mo bhreacan gu fliuch, fuar,
Chan fhaod mi chur suas a-màireach.
Cuiridh mi suas am breacan guailleadh,
Claidheamh is crios-gualainn 's charger.
Cuiridh mi suas am breacan bòidheach,
Criosan òir air còta sgàrlaid.
'S mis' a-màireach falbh a sheòladh,
Chan ann dha m' eòlas a tà e.
Dol a dh'eilean an eòin uaine [BREAK IN TAPE],
Cha robh duine riamh a' tàmh ann.
'S dol a dh'eilean nan eòin dhubha,
Cha bhi mi dubhach na slàn ann.
'S tha na h-ìghneagan an gruaim leam,
O' n làth' fhuair mi 'n còta sgàrlaid.
'S tha na h-ìghneagan an gruaim leam,
O' n làth' fhuair mi 'n còta sgàrlaid.
'S fhuair mi naidheachd o chionn seachdain,
Soitheach Lachlainn a bhith sàbhailt'.
'S chunna mi dol seachad suas i,
'S am muir uaine ás deoghaidh a sàileach.
Canabhas geal, òg gu Judy,
'S faileas ás a taobh le varnish.
'S ann le bagaichean nan Geangach,
A rinn sinn Ceamaileon fhàgail.
Dol a-steach gu wharf a' Noble,
Cha robh aon seòladair ceàrr innt'.
Notes (fieldnotes):
"WITH ADDITIONAL VERSES FOR CAPT. LAUCHIE MACDONALD, FRAMBOISE"