GF311i03 THA MO BHREACAN FLIUCH FO'N DÌLE Beulaiche: Fionnlagh Dhòmhnaill Alasdair | Philip MacDonald Tar-Sgrìobhadh: An Drochaid Eadarainn (Baile nan Gàidheal | Highland Village) [Séist:] Tha mo bhreacan fliuch fo 'n dìle, Chan fhaod mi innse mar tha e, Tha mo bhreacan fliuch fo 'n dìle. 'S tha mo bhreacan-s' air a mhilleadh, Aig na gillean air a' bhàta. 'S tha mo bhreacan gu fliuch, fuar, Chan fhaod mi chur suas a-màireach. Cuiridh mi suas am breacan guailleadh, Claidheamh is crios-gualainn 's charger. Cuiridh mi suas am breacan bòidheach, Criosan òir air còta sgàrlaid. 'S mis' a-màireach falbh a sheòladh, Chan ann dha m' eòlas a tà e. Dol a dh'eilean an eòin uaine [BREAK IN TAPE], Cha robh duine riamh a' tàmh ann. 'S dol a dh'eilean nan eòin dhubha, Cha bhi mi dubhach na slàn ann. 'S tha na h-ìghneagan an gruaim leam, O' n làth' fhuair mi 'n còta sgàrlaid. 'S tha na h-ìghneagan an gruaim leam, O' n làth' fhuair mi 'n còta sgàrlaid. 'S fhuair mi naidheachd o chionn seachdain, Soitheach Lachlainn a bhith sàbhailt'. 'S chunna mi dol seachad suas i, 'S am muir uaine ás deoghaidh a sàileach. Canabhas geal, òg gu Judy, 'S faileas ás a taobh le varnish. 'S ann le bagaichean nan Geangach, A rinn sinn Ceamaileon fhàgail. Dol a-steach gu wharf a' Noble, Cha robh aon seòladair ceàrr innt'.