Back to recordings

Leisgeul

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF350i06 LEISGEUL


Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie Dan N. MacLellan


O b' fhurasda siud dhomhsa, duine còir a' chridh' bhlàth
Nam b' aithne dhomh do chòmhradh chuir air dòigh mar nì na bàird
Gun innsinn sìos gu thoirt amach h-uile dòigh mar rinn thu fàs
Gu flathail coibhneil sìobhalta 'is fìrinneach 's gach càil


Ged rinn mi 'n t-òran suarach, cha b' ann le fuath no foill
Ach uair a bha mi eòlach ort ‘on bha sinn òg 'nar cloinn
Gun gabhainn dhut 'ad ònar e nuair bhiodh tu còmhradh rium
O 's tric a rinn sinn còsachadh 's bhiodh spòrs againn gach àm


Tha mearachdan 'is fàillinnean air am fàgail dhuinn gu léir
Chan fhaod sinn bhith 'ga àicheadh 's sinn gach latha 'gan cur an céill
O thuiteam ‘ur ciad phàrantan 's a' ghàradh 'sa robh spéis
'S a' lean gach linn mar thàinig iad 's gach àl a thig 'nan déidh

Lauchie MacLellan
Dùn-bheagan | Dunvegan 158 recordings Faic pròifil | view profile