Àite Miriah Gardener
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF278i08 ÀITE MIRIAH GARDENER
Beulaiche: Mairead bean Ruairidh | Margaret MacLean
Bàrd: Am Bàrd Ruadh , Lachlann MacMhuirich | Lachlann Currie
[Séist:] Air fàil ill èileadh o hó gù
Hill iù o hó nam b' àill/b' fheàrr leam/leibh e
Air fàil ill èileadh hó ro gù
O is mise fhuair an fhàilte choibhneil,
Aig Miriah Gardener
Nuair chaidh mi a-staigh dha 'n t-seòmbar
'S math a chòrd a fàilte rium
O 's nuair a ràinig mi 'na fianais
Gu robh fiamh a ghàir' oirre
Bha i laghach, 's bha i bòidheach
'S math a chórd a h-aire rium
O 's dh'aithnich mi nach robh i neònach
'S ghabh mi òran Gàidhlig dhi
'S nuair a thig a' samhradh Céitein
Bheir sinn réig a dh'àiteigin
Théid mi reimhe chun na dùthcha
Far an cùbraidh fàilidhean
Far a bheil na [staran/stoirean?] dlùtha
Ann an cùl nan gàrraidhean
Bidh toil-inntinn as a' mhìn seo
Nuair bhios oidhche phàigheadh ann
Bidh am botal air a' bhòrd
'S e a bhios sinn òl gus tràth dheth sin
Sgioba ghilllean òg' a dh'òladh
Is phàigheadh an deoch-slàinte dhuinn
'S bidh mi pòsda ri Miriah
M bi dìth mo shlàint' orm