Back to recordings

A' Bhana-Bhuidseach

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF264i08_265i01 A' BHANA-BHUIDSEACH


Beulaiche: Seonaidh mac Dhòmhnaill 'ic Dhòmhaill 'ic Fhilib 'ic Dhòmhnaill 'ic Chaluim | Johnny MacDonald



[Johnny MacDonald:] Bha a' chailleach a bha seo, bha i 'dol through. Bhiodh i 'trabhaileadh na dùthchadh, you know. Agus cha robh fhios aig duine gu dé—có i, na gu dé a bh' innte co-dhiubh ach tha seansa gur e bana-bhuidseach a bh' innte. Ach co-dhiubh, thàinig i dh'ionnsaidh an taigh' a bha seo. Agus bha 'ad gu math bochd a's an t-saoghal, you know. An uair ud, a's na tìmichean a bha siud, you know, a-null mu 'n àm seo dhe 'n bhliadhna agus roimhe seo, cha bhiodh bainn' ann, you know, bhiodh na beòthaichean tioram, you know. Bhiodh a h-uile rud ceàrr, 's cha bhiodh gnothaichean a' falbh ceart, you know.


Ach thàinig i dh'ionnsaidh an taigh' a bha seo is bha gille is a nighean, gille 's a bhean—a mhàthair—a' fuireach a's an taigh. Agus co-dhiubh, bha 'ad gu math còir 's bhiodh 'ad, rinn 'ad biadh dhi, rud nach robh uamhasach pailt. 'S rinn 'ad sin co-dhiubh ach thuirt a' chailleach, màthair a' ghille, thuirt i ris a' bhoireannach, "Tha mi uamhasach duilich," ars' ise, "cha do rug na beòthaichean againn fhathast agus chan eil boinne bainn' againn."


Ach co-dhiubh, rinn am boireannach, rinn i biadh dhi you know 's thuirt i rithe nach robh bainne aice na dòigh aice airson tì a dheanamh dhi. Cha robh—cha do rug na beòthaichean aca, cha robh. Agus by God, thionndaidh a' chailleach a thàinig dhachaigh, thionndaich i rithe 's thuirt i ris a' bhoireannach eile, 's thuirt i rithe, "Bheil," ars' ise, "bainn' a dhìth ort?"


"Uill," ars' ise, a' chailleach, "uill, bhiodh e glé mhath ach bidh sinn fhìn a' faighinn bainne an ùine ghoirid."


"Uill," ars' ise, a' chailleach a thàinig a-staigh, "Nam bristeadh tu," ars' ise, "[ugh?] 'na dhà leth 's na startadh," ars' ise, "shuas aig Ottawa Brook agus an uair sin MacKinnon's Harbour 's Jamesville 's all through 's gun toirinn làn, you know, leth an ugh you know what I mean, you know what I mean. Làn leth an [ugh/ùth?] o 'n h-uile mart o 'n a dh'fhàg mi Ottawa Brook gus a ruiginn far 'eil thusa, bhiodh pailteas do bhainne agad."


Uill, alright. Ach có bh' ann ach Miss Witch. You know. Chan eil fhios a'm. Thuirt a' chailleach rithe, "Fosgail an dorust dhi," ars' ise, "cho luath 's gun téid thus' a-mach, agus ... dé an Jesus, stad a-nis gus an cuimhnich mi a' siud, tha seo math.


[BREAK IN TAPE]


Thionndaidh a' chailleach rithe 's thuirt i rithe, dh'fhosgail i an dorus, thuirt i rithe, "Theirig a-mach! Ged is fluich, oh Jesus, fliuch do shùil 's bog do tholl 's gabh a Dhiabhal a-mach ás a' seo!"


I don't know if I finished that right, you know, fliuch do shùil 's smugaid ás do tholl 's gabh a-mach ás a' seo.


Oh Jesus, God.


[BREAK IN TAPE]


Bana-bhuidseach, you know, bha poidhle an diabhal mu 'n cuairt ann a' seo, you know.


[Dolly MacNeil:] Poidhle do diabhlan running around.


[JMD:] Bha.


Johnny MacDonald
An Acarsaid | Ottawa Brook 9 recordings Faic pròifil | view profile