GF278i08 ÀITE MIRIAH GARDENER Beulaiche: Mairead bean Ruairidh | Margaret MacLean Bàrd: Am Bàrd Ruadh , Lachlann MacMhuirich | Lachlann Currie [Séist:] Air fàil ill èileadh o hó gù Hill iù o hó nam b' àill/b' fheàrr leam/leibh e Air fàil ill èileadh hó ro gù O is mise fhuair an fhàilte choibhneil, Aig Miriah Gardener Nuair chaidh mi a-staigh dha 'n t-seòmbar 'S math a chòrd a fàilte rium O 's nuair a ràinig mi 'na fianais Gu robh fiamh a ghàir' oirre Bha i laghach, 's bha i bòidheach 'S math a chórd a h-aire rium O 's dh'aithnich mi nach robh i neònach 'S ghabh mi òran Gàidhlig dhi 'S nuair a thig a' samhradh Céitein Bheir sinn réig a dh'àiteigin Théid mi reimhe chun na dùthcha Far an cùbraidh fàilidhean Far a bheil na [staran/stoirean?] dlùtha Ann an cùl nan gàrraidhean Bidh toil-inntinn as a' mhìn seo Nuair bhios oidhche phàigheadh ann Bidh am botal air a' bhòrd 'S e a bhios sinn òl gus tràth dheth sin Sgioba ghilllean òg' a dh'òladh Is phàigheadh an deoch-slàinte dhuinn 'S bidh mi pòsda ri Miriah M bi dìth mo shlàint' orm