Òran na Bainnseadh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF248i01N ÒRAN NA BAINNSEADH
Bàrd: John MacDonald and Dan MacNeil
Beulaiche: Mìcheal Iain Mhìcheil Dhòmhnaill Bhen | Michael John MacNeil
Chaidh an t-òran-sa a dheanamh ann an Eilean na Nollaig bliadhnaichean air ais. A réir choltais, chaidh e dheanamh do fear, Niall Dòmhnullach, Niall Aonghais Nìll Ailein an t-ainm a bheireadh 'ad air.
'S a' latha a phòs e, phòs e té a mhuinntir cùl Eilean nan Nollaig, agus a' latha sin, bha an dà bhalach a rinn an t-òran seo, cha d' fhuair 'ad cuireadh idir a dhol a dh'ionnsaigh na bainnseadh is tha teansa gu robh nàdur do throid orra o chionn gum b' aithne dhaibh an duine glé mhath agus gu robh e pòsadh caraid dhaibh fhéin 's nach d' fhuair e an cuireadh airson na bainnseadh idir.
Agus a' latha a bha 'ad a' dol gu àite an t-sagairt airson pòsadh, 's e a' fear Eóghainn—Iagan Eóghainn—'s e bha air an draibh còmhla riù. 'S e fleasgach, tha teansa, a bh' aige co-dhiù. Agus bha 'ad ann an seann sabhal, sabhal mar a chanadh 'ad, "Sabhal Sheumais Chaluim" aig Eilean nan Nollaig, is chunnaic 'ad an draibh a' tighinn is bha na rathaidean, tha teansa, dùinte aig an àm, cuid dhiubh, le sneachda gu bàrr na feansaichean is dh'fheumadh 'ad gabhail ro phàircean a' siud 's a' seo airson gum faigheadh 'ad gu ceann-uidhe aig àit' an t-sagairt. 'S rinn 'ad an t-òran seo air a chunnaic 'ad an draibh a' tighinn. Is ghabh 'ad an t-òran a' làrna-mhàireach do fheadhainn eile. Seo agaibh a-nisd mar a bha an t-òran a' falbh:
'S gura mise tha gu brònach
Gur ann mu dheidhinn thighinn an òigear
[Dhol/sheòl e thall ?] air a' bhoidse
'Dol a phòsadh ris a' chaileig
[Séist:] O hao tha mi air mo mhealladh
'S nuair a theann orra 'sa a' chiùird ud
Shaoil leoth' nach robh ann ach sùgradh
Ach nuair a theann 'ad ri do dhiùltadh
B' e neo-shunndach a bha d' aigne
Cha robh rathad mór 'san àite
Nach robh làrach do dhà shàil ann
O Acarsaid Clann an Tàilleir
Gun d' ràinig thu sràid nam Barrach
'S nuair a rinn thu rithe còrdadh
Cha robh an dàil agaibh, ach pòsadh
An ceann seachdain chruinnich [còrneal/coibhneil?]
Leam is brònach mar a thachair
'S ann Dimàirt a rinn sibh gluasad
'San taigh [?] thill a' fuathas
Soirbheas àrd bho 'n àite tuath ann
Frasan fuar do chlachan meallain
'S iad dha 'n fheadhainn a bha 'gar stiùireadh
[Poidhl' 'ad/ Pilot?] b' fheàrr a bh' anns an dùthaich
Combais bheaga làmh ri shùilean
Deanamh cùrs air àit' an t-sagairt
'S gum bu mhór a' chulaidh-nàire
A bhith faicinn mar a bha sibh
Leigeil leat 's [a/os cheann?] bheag phàircean
Gabhail ['ad/àrd?] gu bàrr nam beannan
'S ged bha [searbhta?] mar bha sibh
Chaidh a ceangail ann le fainne
Chan eil cùram gun sgaoil an t-athair
Nuair a gheobh e 'm blàths an [teaghlaich?]
Team notes:
This song was composed by two boys: John MacDonald and Dan MacNeil.