GF248i01N ÒRAN NA BAINNSEADH Bàrd: John MacDonald and Dan MacNeil Beulaiche: Mìcheal Iain Mhìcheil Dhòmhnaill Bhen | Michael John MacNeil Chaidh an t-òran-sa a dheanamh ann an Eilean na Nollaig bliadhnaichean air ais. A réir choltais, chaidh e dheanamh do fear, Niall Dòmhnullach, Niall Aonghais Nìll Ailein an t-ainm a bheireadh 'ad air. 'S a' latha a phòs e, phòs e té a mhuinntir cùl Eilean nan Nollaig, agus a' latha sin, bha an dà bhalach a rinn an t-òran seo, cha d' fhuair 'ad cuireadh idir a dhol a dh'ionnsaigh na bainnseadh is tha teansa gu robh nàdur do throid orra o chionn gum b' aithne dhaibh an duine glé mhath agus gu robh e pòsadh caraid dhaibh fhéin 's nach d' fhuair e an cuireadh airson na bainnseadh idir. Agus a' latha a bha 'ad a' dol gu àite an t-sagairt airson pòsadh, 's e a' fear Eóghainn—Iagan Eóghainn—'s e bha air an draibh còmhla riù. 'S e fleasgach, tha teansa, a bh' aige co-dhiù. Agus bha 'ad ann an seann sabhal, sabhal mar a chanadh 'ad, "Sabhal Sheumais Chaluim" aig Eilean nan Nollaig, is chunnaic 'ad an draibh a' tighinn is bha na rathaidean, tha teansa, dùinte aig an àm, cuid dhiubh, le sneachda gu bàrr na feansaichean is dh'fheumadh 'ad gabhail ro phàircean a' siud 's a' seo airson gum faigheadh 'ad gu ceann-uidhe aig àit' an t-sagairt. 'S rinn 'ad an t-òran seo air a chunnaic 'ad an draibh a' tighinn. Is ghabh 'ad an t-òran a' làrna-mhàireach do fheadhainn eile. Seo agaibh a-nisd mar a bha an t-òran a' falbh: 'S gura mise tha gu brònach Gur ann mu dheidhinn thighinn an òigear [Dhol/sheòl e thall ?] air a' bhoidse 'Dol a phòsadh ris a' chaileig [Séist:] O hao tha mi air mo mhealladh 'S nuair a theann orra 'sa a' chiùird ud Shaoil leoth' nach robh ann ach sùgradh Ach nuair a theann 'ad ri do dhiùltadh B' e neo-shunndach a bha d' aigne Cha robh rathad mór 'san àite Nach robh làrach do dhà shàil ann O Acarsaid Clann an Tàilleir Gun d' ràinig thu sràid nam Barrach 'S nuair a rinn thu rithe còrdadh Cha robh an dàil agaibh, ach pòsadh An ceann seachdain chruinnich [còrneal/coibhneil?] Leam is brònach mar a thachair 'S ann Dimàirt a rinn sibh gluasad 'San taigh [?] thill a' fuathas Soirbheas àrd bho 'n àite tuath ann Frasan fuar do chlachan meallain 'S iad dha 'n fheadhainn a bha 'gar stiùireadh [Poidhl' 'ad/ Pilot?] b' fheàrr a bh' anns an dùthaich Combais bheaga làmh ri shùilean Deanamh cùrs air àit' an t-sagairt 'S gum bu mhór a' chulaidh-nàire A bhith faicinn mar a bha sibh Leigeil leat 's [a/os cheann?] bheag phàircean Gabhail ['ad/àrd?] gu bàrr nam beannan 'S ged bha [searbhta?] mar bha sibh Chaidh a ceangail ann le fainne Chan eil cùram gun sgaoil an t-athair Nuair a gheobh e 'm blàths an [teaghlaich?]