Back to recordings

Òran na Ban-rìghinn

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF037i08_038i01N ÒRAN NA BAN-RÌGHINN


Beulaiche: Eóghainn Nìll Eóghainn Iain | Dan Hughie MacInnis
Bàrd: Ailean Dòmhnaill | Allan Dan MacInnis
Tar-Sgrìobhadh: Froilig air Loidhne


Tha an t-òran seo, 's e Òran na Ban-rìghinn a th' ann. 'S e fear a rinn an t-òran seo Ailean Dhòmhnaill mac Aonghais á Bràigh na h-Aibhne. Tha an t-òran seo—'s e—chaidh a dhėanadh car mar spite. Cha d'fhuair e fhéin cuireadh a dh'ionnsaidh na frolig idir. Agus, poidhle dha na coimhearsnaich mun cuairt nach d'fhuair cuireadh. Bha iad—cha robh iad glé thoilichte mu dheidhinn. Ach co-dhiù, chaidh—cha do chòrd e ri Ailean idir, agus smaointich gun déanadh e an t-òran seo car mar spite riuth'.


[Séist:] 'S e cnuic 's glinn bu bhoidhche leinn,
'S e cnuic 's ghlinn a' Bhràighe;
'S ann tric bha sinn ri mànran binn,
'S e an comann cinn a b'fheàrr leinn.


An cuala sibh mun fhroilig,
A rinn 'ad aig àit' na Ban-Rìghinn;
Air Oidhche Shamhna bha i ann,
Bha stampa ann a bha gàbhaidh.


Thug sibh Cloinn 'Ill'Illein ann,
Cha d' thug sibh ann ur càirdean;
Cha b'fhiach a' mhadainn uasail,
Gu gruam a chur air—[break in tape]


Bha Ailig Dhòmhnaill Bhoyd ann,
Bha sìobhalta 'm measg càcha;
Nam bhithinn-sa air bhith ann mi fhéin,
Gun d'fhuair mi sràc air pàirt dhiubh.


Bha mac Alasdair Mhór ann,
Gille mór 's e làidir;
Gun do dh'fhiathaich e na bh' air an danns
Cha robh aon ann [cho glan/thug làmh?] ris.


Bha Eairdsidh 'Ic IllFhaolain ann,
A' fidhlearach mar b'àbhaist;
Nam bithinn-sa air bhi ann mi fhéin,
Gun do sheinn mi ruidhle làmh ris.


Cha d' thug sibh Ailig Aonghais ann,
Cha b'fhiach e le bha 'm measg chàcha;
Ach nam bitheadh e air bhith ann,
Gun d' fhuair e spórs air pàirt dhiubh.


Ach ma nì sibh froilig tuilleadh,
Beiribh ann ur càirdean;
Beiribh ann Iain Dhòmhnaill,
'S Dòmhnall a bha làmh ris.


Thuirt Annie 's i ag éirigh,
Is i labhairt anns a' Ghàidhlig:
"Illean a' Chross Roads, bithibh socrach,
'S mise fo chrùin a' bhanrigh."


Gu robh na daoine fo ghruaim,
'S an uair a dh'fhàg 'ad baile;
Gum b' fheudar cuir an darna taobh,
Gu robh na daoine stàrbhadh.


'S fheudar dhomhsa sguir dha'n òran seo,
Mun tòisich 'ad ri'm chàineadh;
A' [?] 's i cho bòdhach,
Còmhla rinn 'sa Bhràigh'.


Reference sources:
Guthan Prìseil, ed. Anne Landin (2009), p. 39

Hughie MacInnis
Siudaig Bheag | Little Judique 1 recordings Faic pròifil | view profile