Back to recordings

Òran air Té nach do Phàigh an Fheòil

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF220i06 ÒRAN AIR TÉ NACH DO PHÀIGH AN FHEÒIL


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bàrd: Sandy 'Illeasbuig Mhóir | Alexander MacIsaac



Tha sgeul bheag tha 'seo air—mu òran a rinn Alasdair Mac Ìosag, Sandaidh 'Illeasbuig Mhóir. Tha e coltach 'san àm gu robh e ri dròbhaireachd agus bhiodh e 'ceannach crodh air feadh na dùthcha 's bhiodh e 'dol gu margadh leò agus rinn an té a bha seo, a-réir an òrain, bargan ris agus cha do thionndaidh an gnothach a-mach cho math 's a bha e an dùil. Rinn e 'n t-òran:


'S [mithich/miteach?] dhomhs' bhith tòiseachadh
'S a' dèanamh òran Gàidhlig dhuibh,
An té rinn orm an t-slaightearachd
Cho [foillteach? foilleachda? foilleachdach?] 's a thàinig i


Gun d' dh'fhaighnich i gu briathrach dhìom,
An robh mi 'm bliadhna dròbhaireachd
Na a faighinn beòthach biadhta dhith
Gu robh i 'biadhadh bhoarderan


Is thuirt mi fhìn gun dèanainn siud
Ma bha i 'g iarraidh òrdachadh
'Is fhuair mi beòthach biadhta dhith
Bha mìos a dhìth air dhó-bhliadhnaich


Nuair dh' ith e 's a chosg i e,
Gun d' thàinig soc mar rocais oirr'
'S ann thionndaidh i gu crosda rium,
Gun d' rinn mi oirre rògaireachd


Cha ro siud 'nam dhaoine-sa
No ann a h-aon bho 'n d' thàna mi'
Ged nach b' e sin 'ga daoine-se
Bha facal faoin ri 'g ràdht' an-diugh


'S gun d' dh' fhaighneachd i cho briathrach dhìom
Ma b' fhìor 's nach robh na b' fheàrr na i
'S gun saoileadh sibh air an dìolachd,
Gun dèanadh i ban-cràbhaiche


Nas lugha na duine sònraicht'
Bhiodh a' giùlan còta papanaich
Cha saoileadh sibh air a' dòrnan
Cho rògach 's a' thàinig i


Cha d' dh' fhoighneachd mi gu daoine dhi
Cha robh mi 'n dùil 's nach pàigheadh i
No idir cò mhuinntir dùthchadh i
Cha robh mi 'n dùil gum bu mheirleach i


Ach fhuair mi 'mach le foighneachd
O mhaighdeann a bha làmh rithe,
Gum b' e Caimbeulach bu style i,
Ge b' e dé 'n dream bho 'n d' thàinig i


Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile