Òran an 85mh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF220i05 ÒRAN AN 85MH
Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil
Bàrd: Sandy 'Illeasbuig Mhóir | Alexander MacIsaac
Seo ceathramhan de dh' 'Òran a' Réisimeid' a rinn Alasdair MacÌosag, Sandaidh 'Illeasbuig Mhóir mar a bheireamaid. Bha 'ad fuireach shìos aig Caolas Naoimh Anndrais. Tha sin sìos eadar, eadar am Pòn Mór 'is Beinn Eòin, 's ann a tha an t-àit' a bha seo. Agus 's e fear Ailean A. Quinn nach maireann, 's e sgrìobh na h-o—na rannan—an òran a bha seo dh' ionnsaigh a' Chasket a bha air clò-bhuaileadh an Antigonish. Agus tha ùine mhór bho 'n a chunna mi 'ad. Cha robh mise ach air tòiseachadh air ionnsachadh, beagan ionnsachadh air leughadh Ghàidhlig as an àm. Agus seo agad mar a rinn e, 's ann dhe 'n cheithir fichead 's a còigeamh buidheann as a', as a' chogadh mhóir, a' chiad chogadh mhór, no mar a bheireadh 'ad, an '85th Battalion'. Chaidh an t-òran a dhèanamh agus 's e séisd a bh' air:
[Séist]: Soraidh bhuam thar chuan air astar
Gu fir shuaicheanta nam breacan
A chùm suas gu buan an cleachdadh
Anns a' riochd bu dual dhaibh
'S e chuir mis' an diugh ri dànachd
A' toirt iomradh air na Gàidheil
Na gaisgich a dh' fhalbh thar sàile
Gus am blàr a bhuannachd
Chuir 'ad fios air Clann nan Gàidheal
Riamh nach d' dh' aom ri aodann nàmhaid
Friamh de 'n chraoibh as daoire dh'fhàsas
'S iomadh blàr a fhuair iad
Fhir Albainn Ùir gun d' rinn sibh tapaidh
Fhuair sibh cliù bhos cionn fir Shasainn
Luchd mo rùin nach lùb le gealtachd
'Dol ri aodann cruadail
'S iomadh màthair a tha brònach
'S a mac gaoil ri aodann còmhstri
Agus fear tha fo na fòd
A chaidh a leòn 'sa chruadail
'S iomadh bean a tha gu deurach
'S a companach an déidh a tréigsinn
Nach tig dhachaigh gu a chéile
A thoirt dhi sgeul a chruadail
Ach ged a bha an Gearmailteach cho làidir
A' cumail cogadh ris gach nàmhaid
Gheibh na Breatannaich an àird' air
Luchd nan còta ruadha
Théid an Caisear a dhìteadh
Théid a chrochadh; sin tha dhìth oirnn
'S gheobh sinn réite anns gach rìoghachd
'S sìth a bhios buan dhuinn
Sin na bheil cuimhn' agam, ma bha an corr ann, cha eil beachd agam idir air.