GF220i06 ÒRAN AIR TÉ NACH DO PHÀIGH AN FHEÒIL Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bàrd: Sandy 'Illeasbuig Mhóir | Alexander MacIsaac Tha sgeul bheag tha 'seo air—mu òran a rinn Alasdair Mac Ìosag, Sandaidh 'Illeasbuig Mhóir. Tha e coltach 'san àm gu robh e ri dròbhaireachd agus bhiodh e 'ceannach crodh air feadh na dùthcha 's bhiodh e 'dol gu margadh leò agus rinn an té a bha seo, a-réir an òrain, bargan ris agus cha do thionndaidh an gnothach a-mach cho math 's a bha e an dùil. Rinn e 'n t-òran: 'S [mithich/miteach?] dhomhs' bhith tòiseachadh 'S a' dèanamh òran Gàidhlig dhuibh, An té rinn orm an t-slaightearachd Cho [foillteach? foilleachda? foilleachdach?] 's a thàinig i Gun d' dh'fhaighnich i gu briathrach dhìom, An robh mi 'm bliadhna dròbhaireachd Na a faighinn beòthach biadhta dhith Gu robh i 'biadhadh bhoarderan Is thuirt mi fhìn gun dèanainn siud Ma bha i 'g iarraidh òrdachadh 'Is fhuair mi beòthach biadhta dhith Bha mìos a dhìth air dhó-bhliadhnaich Nuair dh' ith e 's a chosg i e, Gun d' thàinig soc mar rocais oirr' 'S ann thionndaidh i gu crosda rium, Gun d' rinn mi oirre rògaireachd Cha ro siud 'nam dhaoine-sa No ann a h-aon bho 'n d' thàna mi' Ged nach b' e sin 'ga daoine-se Bha facal faoin ri 'g ràdht' an-diugh 'S gun d' dh' fhaighneachd i cho briathrach dhìom Ma b' fhìor 's nach robh na b' fheàrr na i 'S gun saoileadh sibh air an dìolachd, Gun dèanadh i ban-cràbhaiche Nas lugha na duine sònraicht' Bhiodh a' giùlan còta papanaich Cha saoileadh sibh air a' dòrnan Cho rògach 's a' thàinig i Cha d' dh' fhoighneachd mi gu daoine dhi Cha robh mi 'n dùil 's nach pàigheadh i No idir cò mhuinntir dùthchadh i Cha robh mi 'n dùil gum bu mheirleach i Ach fhuair mi 'mach le foighneachd O mhaighdeann a bha làmh rithe, Gum b' e Caimbeulach bu style i, Ge b' e dé 'n dream bho 'n d' thàinig i