Seinn ì, seinn ò
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF217i07 SEINN I, SEINN O
Beulaiche: Calum Uilleam Murchaidh 'ic Iain 'ic Iain | Malcolm Smith
Bàrd: Donnchadh Rob | Captain Duncan Rob MacLeod | Duncan MacLeod
'S e a Choinnich Phàdraig a làmhaich i mus a fhuair
Nìonagan an àite ri càr [aca dé [?] dhan/a chuir cuideigin?] suas
Dol á Newfoundland le cargo oirre dha 'n a ghual'
Peigi air a' stiùireadh 's cùrs' aice ris an tuatha
[Séist]: Seinn air an o ho ro
Seinn ì, seinn ò
Seinn air an o ho ro
Seinn ò ro hà ro
'S e Dòmhnall a bh' innse gun [dèan i a/nighean a?] bheatha ann
On leig 'ad ma sgaoil i [gu m'inntinn/méinntean nach robh [?] mhath mi?]
A h-uile té cho dìreach cìr am mull' a cinn
'S sgadan air a bhruich, e gun heave ho aca fhéin
Nighean [bheir/bh' air ?] o' Fhionnlaigh 's roinn oirre fo' làn deck?
Coimhead air an fhuaireadh ma tigeadh a' sguail' orra grod
Nighean bhàn [Rhuaridh?] gu seòlta am bun na slat
Nighean Choinnich mhóir is i tarpaulin na hat
Iseabal Iain bhàn 's i gu h-àrd ann am bun na slat
Ealsaid Iain Chaimbeul gu ceann 'ga cumail a chleith
Belleag 's i cho handy gun handleadh a' flying jib
Nighean Rodaidh Pheutan, i baileadh i a' gad air
Ealasaid Iain bhàn i gu h-àrd ann am barraibh cruinn
'G éigheachd gu càch "O, tha mi 'faicinn tìr!
Chì mi na dh'fhàg sinn, 's a' bràigh a' bhail' againn fhìn
Fearann [ruig e?] mhór agus móran do Mharagaree"
Nighean Dhòmnhall grìosaich, am bliadhna cha dèan i càr
Tha ise dhol slaodach 's nach dìrich i mach a h-àite
Fasg(adh) air [tìr royal?] na seòl a bh' againn à slat
Gun dèan i 'ga buail mar a' sguabadh i [dhuinne leig/dhaoine/duine leath' ?]
Màiri Iain Bhàin i gu h-àrd ann am barraibh cruinn
A' riofadh [dhol gu?] aodach, is ma 's fhaod dèan i diofar rium
Chunnaic ise an taghadh 's maol i 'tighinn air an t-àm
Dh'èigh i "Halllelujah" is "O tha sinn uile caillt'"
Fear a rinn an t-òran nach neònach do chuir e ann
A' bhliadhna bha Danaidh 's a [fàiligeadh?] air a' cheann
Nan iarraidh e nìgheanag shìos gus buntàta pronn
[? is reòta?] is òl cha robh idir ann