GF217i07 SEINN I, SEINN O Beulaiche: Calum Uilleam Murchaidh 'ic Iain 'ic Iain | Malcolm Smith Bàrd: Donnchadh Rob | Captain Duncan Rob MacLeod | Duncan MacLeod 'S e a Choinnich Phàdraig a làmhaich i mus a fhuair Nìonagan an àite ri càr [aca dé [?] dhan/a chuir cuideigin?] suas Dol á Newfoundland le cargo oirre dha 'n a ghual' Peigi air a' stiùireadh 's cùrs' aice ris an tuatha [Séist]: Seinn air an o ho ro Seinn ì, seinn ò Seinn air an o ho ro Seinn ò ro hà ro 'S e Dòmhnall a bh' innse gun [dèan i a/nighean a?] bheatha ann On leig 'ad ma sgaoil i [gu m'inntinn/méinntean nach robh [?] mhath mi?] A h-uile té cho dìreach cìr am mull' a cinn 'S sgadan air a bhruich, e gun heave ho aca fhéin Nighean [bheir/bh' air ?] o' Fhionnlaigh 's roinn oirre fo' làn deck? Coimhead air an fhuaireadh ma tigeadh a' sguail' orra grod Nighean bhàn [Rhuaridh?] gu seòlta am bun na slat Nighean Choinnich mhóir is i tarpaulin na hat Iseabal Iain bhàn 's i gu h-àrd ann am bun na slat Ealsaid Iain Chaimbeul gu ceann 'ga cumail a chleith Belleag 's i cho handy gun handleadh a' flying jib Nighean Rodaidh Pheutan, i baileadh i a' gad air Ealasaid Iain bhàn i gu h-àrd ann am barraibh cruinn 'G éigheachd gu càch "O, tha mi 'faicinn tìr! Chì mi na dh'fhàg sinn, 's a' bràigh a' bhail' againn fhìn Fearann [ruig e?] mhór agus móran do Mharagaree" Nighean Dhòmnhall grìosaich, am bliadhna cha dèan i càr Tha ise dhol slaodach 's nach dìrich i mach a h-àite Fasg(adh) air [tìr royal?] na seòl a bh' againn à slat Gun dèan i 'ga buail mar a' sguabadh i [dhuinne leig/dhaoine/duine leath' ?] Màiri Iain Bhàin i gu h-àrd ann am barraibh cruinn A' riofadh [dhol gu?] aodach, is ma 's fhaod dèan i diofar rium Chunnaic ise an taghadh 's maol i 'tighinn air an t-àm Dh'èigh i "Halllelujah" is "O tha sinn uile caillt'" Fear a rinn an t-òran nach neònach do chuir e ann A' bhliadhna bha Danaidh 's a [fàiligeadh?] air a' cheann Nan iarraidh e nìgheanag shìos gus buntàta pronn [? is reòta?] is òl cha robh idir ann