Back to recordings

Ceann Crathaidh

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF170i02_172i01 CEANN CRATHAIDH


Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil



Aig an àm seo tha mi an dùil gun inns mi sgeulachd bheag ann a' seo. 'S e—tha mi cinnteach gur a h-e sgeulachd Éirinneach a th' innte cinnteach gu leòr. Agus chan eil beachd agam a chluinntinn aig aon sam bith ach bhithinn a cluinntinn sgeulachdan a tha glé choltach rithe ann an aithris. Co-dhiù 's e sgeulachd air—air mac Rìgh Éirinn agus Ceann Crathaidh.


Bha rìgh ann am móran de dh' Éirinn agus bha aona mhac aige agus bha e fìor mheasail air a mhac agus nuair a thàinig e gu aois dhol dha 'n sgoil, chaidh a chuir dha 'n sgoil. Agus nuair a bha e 'dol dha 'n sgoil, an t-àite dha robh esan a' dol gu ionnsachadh, bha triùir eile 'tighinn ann de phrionnsaichean, mac trì—de thriùir de rìghean eile, a bh' ann an ceàrnaichean eile de dh' Éirinn air an dùthaich.


Agus chuir 'ad teachdaireachd leis-san latha gu athair, mura cuireadh athair ás dha, gun tigeadh 'ad fhéin agus gun cuireadh 'ad ás dhe 'n dithist aca. Tha mi—tha e coltach gu robh farmad aca ris co-dhiù. Agus thàinig e dhachaigh agus thug e 'n teachdaireachd seo dhe athair.


O bha athair gu math duilich mar a bha cùisean a' dol agus bha a mhàthair duilich mar an ceudna. Ach thuirt esan, airson an gnothach a shàbhaladh dhaibh, nach biodh e a' gabhail ri esan a chuir gu bàs, gun togadh e rithe, is rachadh e air ceann fhortain air feadh an t-saoghail.


Agus air làrna-mhàireach rinn e deiseil gu falbh. Agus thug e leis còig puinnd Shassanach. Sin na thug e leis de dh' airgead na phòcaid, agus dh' fhalbh e.


Ach co-dhiù, fada neo goirid an ùine gu robh e siubha,l no gu dé an t-astar a chaidh e, thàinig e gu cladh a bha an taice ris a' rathad agus bha ceathrar ann a' sin agus 'ad a' sabaid, agus ciste ri taobh uaigh. Chaidh e suas feuch gu dé a bha a' dol air n-aghaidh a' sin 's dh' fhaighneachd e gu dé a bha a' dol.


Agus thuirt fear dhiubh dha na bha sin, "Tha mi fhéin 's mo bhràthair ann an seo," ars' esan, "agus tha ar bràthair marbh 'sa chist' ud. Chì thu ann a' sin. Agus tha sinn airson a chuir fo 'n talamh. Agus tha dithist ann a' seo tha a' cathadh ruinn 's a' conas nach leig 'ad leinn a chuir ann."


Agus thionndaidh e ri fear dhiubh seo agus dh' fhaighneachd e gu dé bha dol, 's thuirt a' fear seo gu robh fiachan acasan air an duine agus nach leigeadh 'ad fo 'n ùir e gus an rachadh e sin a phàigheadh.


" 'S gu dé uimhir 's a bh' ann?",dh' fhaighneachd e, 's dh' innis 'ad gu robh còig puinnd Shassanach. "Leigibh leotha," ars' esan, "a' chist' a thìodhlacadh agus pàighidh mise na fiachan sin."


Agus sin mar a bha e. Bha e a' cur —thìodhlaic—thìodhlaic na daoin' am bràthair agus phàidh iadsan an dithist eile agus dh' fhalbh 'ad. Is dh' fhalbh e fhéin, is dhealaich e riutha agus bha e greiseag dhe 'n ùine siùbh—a' falbh a' rathaid agus chual' e fuaim air a chùlaibh agus thug e sùil agus bha bodach beag ruadh an sin a' tighinn a-nuas an taice ris.


Agus dh' fhaighneachd e dha am biodh e airson seirbheiseach a ghabhail—sheirbheisich a ghabhail. "Tha e duilich gu leòr dhomhsa," ars' esan, "greim de bhiadh fhaighinn a bheathaicheas mi fhìn, gun ghuth air seirbheiseach a chumail."


"Coma leat dheth sin," ars' esan. "Ma tha thu deònach mis' a ghabhail ann an seirbheis, falbhaidh mi còmhla riut agus bidh mi 'nam sheirbheiseach dhut."


O thuirt e ris sin—a' sin gun—gun gabhadh, gum biodh e riaraichte ás a' sin.


"Agus gu dé h-ainm a thoirt?" ars' esan ris—ris an fhear a bha dol 'na sheirbheiseach dha.


"Tha," ars' esan, "Ceann Crathaidh."


"O seadh," ars' esan. "Càit' a-nist," ars' esan, "am bi sinn a-nochd?"


"An dà," ars' esan, Ceann Crathaidh, "bidh sinn a-nochd aig àite fuamhair agus ma bhitheas," ars' esan, "Chan e fàilte mhath a gheobh sinn ann no furan."


"Nach coma leat," ars' esan. "Fuirichidh sinn ann fad na h-oidhcheadh."


Co-dhiù dh' fhalbh 'ad, agus ann an—ann an cromadh sìos an fheasgair, bha i fàs glé anmoch. Thàinig 'ad gu taigh mór agus shaoil leis an fhear seo gur fheudar gur e seo taigh an fhuamhair 's ghabh 'ad suas. O bha cailleach mhór eagallach a-staigh am broinn a taighe sin agus thuirt i riutha nach robh 'm fuamhaire aig an dachaigh, ach gum biodh e tilleadh dhachaigh as a' bheinn sheilg an ceann tacain agus cha b' fhada gus an cualas fuaim a bha crathadh an taighe. Agus thàinig fuamhaire dh' ionnsaigh an doraist 's thàinig e 'staigh.


"Aha," ars' esan, "tha mi glé thoilichte," ars' esan, "gum bi Éirinnich agam air mo bhòrd, aig mo shuipear a-nochd."


"An dà," ars' esan, Ceann Crathaidh "chan ann air a shon sin a thàinig sinn a' seo idir," ars' esan, "ach 's ann thàinig sinn a thoirt dhut sanais, [ ? ], gu bheil Rìoghachd Éirinn a' togail nad aghaidh, maoidheadh a' tighinn airson do chreachadh, agus cuir ás dhut agus gach nì a tha seo agad a thoirt air falbh."


Stad am fuamhaire nuair a chual' e seo agus leis an toileachadh a thug e dha gun d' fhuair e sanais bhuapa, chaidh e—ghabh e uchd agus phòg a h-uile fear aca agus bha—bha e 'ga' fliuchadh leis na deòir leis cho toilichte 's a bha e. Agus 's e a' rud a bh' ann gum feumadh 'ad deagh shuipear a ghabhail agus leabaidh mhath shocair airson cadal air an oidhche sin. Agus sin mar a bh' ann.


Ach co-dhiù 'sa mhadainn dhùisg e 'ad 's thuirt e riuth' [gum b' fheudar?] dhuibh ag éirigh a-nist gu am biadh madainneadh agus fhuair 'ad sin, deagh bhiadh madainneadh, agus nuair a bha 'ad deiseil gu falbh thuirt Ceann Crathaidh,


"Bu chòir dhuibh," ars' esan, " tìodhlac a thoirt dhuinn airson an ceann math a rinn sinn ruibh. Sinn a thoirt sanais dhuibh mar gnothaichean a bha gu tachairt."


"An dà, 's fhìor sin," ars' esan. "Ach seall a' phoit mhór a tha thall ann an oisean an t-seòmbar. Tha i làn de dh' òr agus bheir leat ás a' sin dhe na thogras sibh."


"Chan eil airgead—òr no airgead a dhìth oirnn idir," arsa Ceann Crathaidh. "Ach 's e," ars' esan, "a bhiodh a dhìth oirnne a' steud dhugh [dhubh] a th' agad 'sa stàball."


"Chan urrainn mise sin a thoirt do neach air an t-saoghal," ars' esan, "is e sin cho feòmach dhomh fhín. Nuair a chuireas mise mo chas fairis air a dhruim, faodaidh mi dhol a dh' àite sam bith a thogras mi no sian sam bhios fainear dhomh fhaighinn. Agus uime sin chan urrainn dhomh dealachadh rithe."


"O tha e glé mhath," ars' esan, Ceann Crathaidh. "Faodaidh sibh cumail ach cuiridh mise," ars' esan, "mu dheidhinn gun tig cuideachd à Rìoghachd na h-Éirinn a chuireas a' chreach [ort?] cha mhór a bhios ann," ars' esan, "[dhuibh p-fhéin?] [? dhe 'n?] gnothach nuair bhios 'ad réidh."


"Ge-tà," ars' esan, am fuamhaire, "chreidsinn gun dèanadh tusa sin nam biodh e gu buannachd dhut fhéin." Agus thug e tacan beag as amharus. "O," thuirt e, "bheir mi dhuibh a' steud [?] ma-thà."


Co-dhiù chaidh 'ad a-mach 'is thuirt Ceann Crathaidh ri mac a' rìgh, "Theirg air druim na steud agus bidh sinn a' falbh."


Agus, "Càit' a-nist," ars' esan, "am bheil sinn a' dol?"


"O," ars' esan, "tha sinn a' dol gu taigh an fhuamhaire. Bràthair an fhuamhaire a bha sinn còmhla ris a-raoir. Agus, tha mi creidsinn", ars' esan, "nach fhaigh sinn fàilte no furan idir cho math 's a fhuair sinn a-raoir, ach fuirighidh sinn ann co-dhiù."


Agus feasgar mu laighe na grian—laighe na grèineadh, ràinig 'ad taigh an fhuamhaire agus chaidh 'ad a-staigh. O bha am fuamhaire fuathasach toilichte. Bha e 'dol a dh' fhaighinn feusta mhór ás a—bha suipear mhór dol a bhith aige air an fheasgar seo. Agus ma bha a' chiad fhear doirbh, seo fear a bha doirbh buileach.


"Ah," ars' esan, Ceann Crathaidh, "cha d' thàinig sinn' a seo idir," ars' esan, "airson—air a shon sin," ars' esan. " 'S ann a thàinig sinne a thoirt sanais dhut gu bheil—tha 'ad a' togail orra ann an rìoghachd Éirinn airson tighinn gus tusa a chreachadh. Seadh, airson thus' a chreachadh, agus cuir ás dhut 'is gach nì a bhuineas dhut a thoirt leòth'."


Agus tha mi creidsinn ma bha a' furan a rinn a' chiad fhuamhaire riuth' mór, nuair a chual' esan seo, gu robh—nach bu—a' furan a rinn esan cus bu lugha agus chaidh deagh shuipear thoirt dhaibh agus deagh leaba shocair thoirt dhaibh airson cadal ann. Agus tràth 'sa mhadainn dh' éibh a' fuamhaire dhaibh gu faodadh 'ad a bhith 'g éirigh a-nist gu am biadh madainneadh. Agus dh' éirich 'ad agus ghabh 'ad am biadh madainneadh.


Agus thuirt Ceann Crathaidh, "An dà," ars' esan, "bhiodh e iomchaidh gu leòr," ars' esan, "dhut tìodhlac a thoirt dhuinn a-nist," ars' esan, "airson a bhith cho math agus gun d' thug sinn dhut sanais mu 'n chunnart a's a' robh thu."


" 'S fhìor sin," ars' a' fuamhaire. "Ach," ars' esan, "tha poit mhór thall ann a' sin an oisean an t-seòmbar làn de dh' òr. Agus theirig a-null," ars' esan "is bheir aiste na thogras sibh."


"'N dà," ars' esan, "chan e òr a tha dhìth oirnn idir. [ Nach/ach ? ]," ars' esan, "rud ann a th' a's fheàrr dhuinn [?] iomchaidh dhuinn na sin. 'S e an tìodhlac a bhiodh dhìth oirnn," ars' esan, "an claidheamh dà làmhach a th' agad ann a' seo 'is a' chrios."


"Chan urrainn dhomhsa sin a thoirt duine idir," ars' esan. "Nuair a bhios an claidheamh sin 'nam làimh," os' esan, "chan eil aon ann a's urrainn dha mo mharbhadh. [ Sian a dheanamh orm/Deifir/dé fear dheanamh dhomh?]."


"O, glé cheart," ars' esan, Ceann Crathaidh, "Ma 's ann mar sin a tha e," ars' esan, "faodaidh mis'," ars esan, "Rìoghachd na h-Éirinn uile chuir ás do dheoghaidh agus— [a-nall?], agus mu 'n àm a bhitheas 'ad ullamh," os' esan, "cha mhór a bhios air fhàgail dhiot."


"An dà," ars' esan, "chreidsinnsa gun deanadh tusa a' leithid sin nam biodh e gu buannachd idir dhut fhéin." Agus rug e air a' chlaidheamh 's thug e sin far a' chrios agus shìn e dha e. Agus co-dhiù thog 'ad rithe an uair sin 's thuirt Ceann Crathaidh, ri mac a' Rìgh, "Cuiribh an claidheamh," ars' esan, "air do chùlaibh, agus falbh air druim na steud mar a bha thu 'n dé."


Agus, "Càit', " ars' esan, "am bi sinn a-nochd?"


"Dé fios a th'agam-sa?" arsa mac a' Rìgh, " 'S ann agaibh p-fhéin a tha a' fiosachd."


"O ma thà," ars' esan, "bidh sinn aig taigh an fhuamhaire eile agus bràthair an dà fhuamhair' a bha sinn còmhla riuth'. Ach," ars' esan, "ma bhitheas, chan fhaigh sinn fàilteachas no furan cho math 's a fhuair sinn a-raoir ma dh' fhaoidte. Ach co-dhiù," ars' esan, "fuirighidh sinn ann."


Agus ràinig 'ad àite an fhuamhaire bha seo nuair a bha a' ghrian ri—dìreach a' dol fodha agus ma ràinig, cha b' e furan a fhuair 'ad. Bha e toilichte gu leòr gun d' thàinig 'ad, 's bha e dol a chuir an dithist aca air a' bhòrd dha fhéin airson a shuipear ann an ùine a bhiodh gu math aithghearr.


"O," thuirt Ceann Crathaidh ris, "Cha b' ann air an adhbhar sin a thàinig sinn a' seo idir. Ach," ars' esan, "thàinig sinn a thoirt—a thoirt fios dhut agus sanais dhut gu robh rìoghachd Éirinn a dol a thogail 'nad aghaidh. Agus bhiodh 'ad dol a thighinn a' seo gus do sgrios agus cuir ás dhuit agus gach nì a bhuineas dhut a thoirt leotha."


Ach nuair a chual' a seo, ma bha càch a' toirt furan dhaibh, bha esan a cheart cho càirdeil riuth' agus bha e fìor thoilichte gun d' thug 'ad sanais dha. Agus thug—a chuir e 'sa mhionaid mu dheoghainn deagh shuipear a thoirt dhaibh, agus gabhail aca gu math. Agus leaba mhath shocair a thoirt dhaibh cuideachd. Agus tràth 'sa mhadainn dh' éibh e dhaibh gum faodadh 'ad a-nist ag éirigh 's tighinn gu 'm biadh madainneadh. Agus rinn iad sin.


Agus nuair a bha 'ad deiseil gu falbh, "An dà," ars' esan, Ceann Crathaidh, "Saoilidh mi," ars' esan, "gum biodh e iomchuidh gu leòr dhuibh tìodhlac a thoirt dhuinn airson math—an ceann math sinn ribh."


" 'S fìor sin," ars' esan, "is [cothromach/còir dhomh?] sin a dheanamh gun teagamh. A' faic thu a' phoit mhór ud tha thall an oisean an t-seòmbar, 's i làn de dh' òr? Thalla," ars' esan, "a-null agus bheir aiste na—na bhios a dhìth oirbh, na thogras sibh a thoirt leibh."


"O," ars' esan, Ceann Crathaidh, "chan eil òr a dhìth oirnn idir. Ach 's ann a tha mis' ag iarraidh cleòc an dorchadais sin a th' agaibh, crochadh air a—air a' stang. Agus [bhiodh?] e gu math iomchuidh."


"Ah," ars' esan, am fuamhaire, "cha tugainnsa sin do dhuine tha beò. Cha fhreagair e dhomhsa. Tha sin cho freagarrach dhomh fhìn. Nuair a chuireas mi an cleòc' annam," ars' esan, "théid agam air a dhol a dh' àite sam bith no sian a gheobh—bhios a dhìth orm, agus cha ghabh mi faicinn."


"O glé cheart," ars' esan, Ceann Crathaidh. "Ach cuiridh mise," ars' esan, "rìoghachd na h-Éirinn agus tuilleadh, ma dh' fheumas mi e, ann a' seo airson sibhse a chreachadh agus cuir ás dhuibh agus ur cuid a thoirt leotha."


"An dà," ars' esan, "chreidinnsa gun dèanadh tusa sin nam biodh e cho buannachd dhut fhéin. Ach," ars' esan, "bho 'n tha cùis mar a tha e, bheir mi dhut an cleòc." Agus thug e 'n cleòca do Cheann Crathaidh agus dh' fhalbh e fhéin agus mac a' rìgh.


"Càit' a-nist," ars' esan, mac a' rìgh, "a bheil sinn a' dol?" ars' esan.


"Tha sinn a' dol gu rìoghachd, àite Rìgh [Chùl an/ Chul an/ Chuailean?] Òir. Agus tha thu dol a dh' iarraidh na h-ighinn aige ri pòsadh."


Agus dh' fhalbh 'ad, 's b' e gu dé an ùine a bha 'ad air an t-slighe co-dhiù, dh' fhuirich Ceann Crathaidh anns a' chleòc agus chaidh e—chaidh mac rìgh Éirinn suas do 'n—gu caisteal Rìgh Cùl an Òir. Agus dh' innis e gu robh e tighinn suas a dh' iarraidh an nighean aige ri pòsadh.


"An dà," ars' esan, Rìgh Cùl an Òir, "tha trì cheud stob do dh'iarainn a-muigh an cùl a' ghàrraidh agamsa. Agus air a h-uile h-aon dhiubh sin ach aon fhear, tha ceann mac rìgh a thàinig a dh' iarraidh na h-ighinneadh. Agus tha mór ghràin-ne agams'," ars' esan, "air do cheann-sa fhaicinn air an fhear mu dheireadh dhiubh. Ach," ars' esan, "tha e cunnartach mura—mura dèanadh tu mar a dh'i—mar a rachadh a chur 'nad choinneamh."


"O," ars' esan, mac a' rìgh, "tha mi smaointinn," ars' esan, "gum feuchainnsa ri m' cheann a chumail far a bheil e."


Agus, "Glé cheart," ars' esan, an rìgh. "Ma tha toil agad a dhol ris a' ghnothach, bidh sin mar a tha e." Is co-dhiù, dh' fhuirich e aig a' chaisteal, agus thàinig nighean an rìgh far an robh e feasgar, agus thug i dha meuran agus thuirt i ris, "Bidh sin agad dhomhsa 'sa mhadainn a-màireach. Airneo mura bi, tha do cheann a' dol a bhith ann an cunnart."


Agus co-dhiù chaidh i sin dha 'n an t-seòmbar agus thug i dha deoch. Agus tha mi cinnteach gura h-e deoch gu math suaineach a bh' inn—a bha sin. Agus thuirt i gu robh i airson deoch a thoirt dha air an fheasgar seo, ann an dòchas ma dh' fhaoidte gum biodh iomadh deoch aca 'ga ghabhail agus thug [dhaibh e ?] 's dh' òl esan an deoch. Chaidh e dha 'n leabaidh agus chuir e 'm meuran suas 'na bheul, suas eadar a—eadar a chùlag agus a' chiobhal agus bha 'm meuran ann a' sin, leis fhéin, gu tèaruinte. Agus chaidh—cha robh e fada 'sa leabaidh nuair a thuit e 'na chadal.


Ach co-dhiù bha—bha searbhanta—maighdean frithealaidh—aicese anns an t-seòmbar an taice rithe fhéin agus bhuail i slatag nan geasaibh air a'—a' mhaighdean sin agus thionndaidh i 'na rodan, agus aig a' cheart àm, thòisich i ceòl eadar fideagan Gallda agus trompaidean 'is gach nì a bh' ann agus chaidh ceòl a dheanadh chuir 'nan cadal a h-uile h-aon a bh' anns a'—a bh' anns a' chaisteal. Agus chaidh a' rodan suas dha 'n t-seòmbar far an robh mac rìgh—mac rìgh Éirinn 'na chadal, agus dh' éirich e suas agus chuir e earball suas 'na chuinnean agus thug e tionndadh no crathadh air an earball 's thug e air an fhear eile seothart a dhèanamh 's nuair a rinn e sreothart, thuit am meuran ás a bheul. Agus ghlac a' radan aige thall agus a-nuas a ghabh e dha 'n t-seòmbar. Cho luath 's a thàinig e 'nuas bhuail i t-slatag air agus thionndaidh i 'na—'na mhaighdean frithealaidh mar a bha i roimhid agus dh' fhalbh i fhéin 's an t-searbhanta a-mach, is thog 'ad rithe.


Ach bha Ceann Crathaidh a-muigh agus ann an cleòc an dorchadais 's cha ghabhadh esan faicinn co-dhiù. Agus lean e 'ad, is bha e falbh as an deoghaidh air a shocair 's dh' fhalbh 'ad. Chaidh 'ad cuid de dh' astar. Ràinig 'ad far an robh ceann a' rathaid taobh na mara agus bha creag mhór ann a' sin. Is nuair a bhuail i a corrag air a' chreig, dh' fhosgail a' chreag. Agus bha caisteal a-staigh am broinn na creige agus bha fuamhaire mór a-staigh ann a' sin. Ghabh 'ad a-staigh 's ghabh 'ad—ghabh Ceann Crathaidh a-staigh cinnteach gu leòr. Bha e an taice riuth' agus co-dhiù bha e thug—bhruidhinn e ris an fhuamhaire mhór agus thuirt i ris gu robh mac rìgh Éirinn an taigh a h-athar agus shìn i 'm meuran dha 'n fhuamhaire agus thuirt i ris, "Mura bi seo aige dhomhsa 'sa mhadainn, bidh a cheann air a' stob."


Agus rug am fuamhaire air a' mheuran agus thilg e—thilg e air a' làr e 's thuirt e, "Cha bhi cùram dha ann a' seo," ars' am fuamhaire. "Chan eil fhios aig duine 's chan amais duine air a' seo, air an àit'—chan fhaigh duine sam bith dha 'n àite seo," ars' esan.


Agus aig a' cheart àm thog Ceann Crathaidh 'm meuran far an làir agus chuir e 'na phòcaid e. Agus nuair a thug 'ad tacan a' còmhradh ri chéil' ann a' sin, thug—phòg i ceann an fhuamhaire agus thog i rithe, i fhéin 's an t-searbhanta, agus ás an deoghaidh thug esan air a shocair. Agus co-dhiù ràinig 'ad dhachaigh agus 'sa mhadainn tràth chaidh esan suas a rùm mac rìgh Éirinn.


"Seadh," ars' esan, "dé chaidh a chuir a-mach do choinneamh a deanamh a-raoir?"


"O," ars' esan, "Chaidh - gu robh meuran seo thug e dhomh a th' agam ri thoirt do nighean a' rìgh an-diugh neo bidh mo cheann air a' stob."


"Agus càit' a bheil am meuran?"


"An dà," ars' esan, "bha e 'nam—bha mi 'ga gléidheadh 'nam bheul. Ach thuit e ás mo bheul agus chan eil e ri faotainn 'sa leabaidh," ars' esan, "is chan eil fhios 'am càit' a bheil e. Tha mi cinnteach gu bheil mo cheann ann an cunnart."


"O", ars' esan, " [Tha an fhear seo do ? ] meuran," ars esan. "Is gabh e air druim na steud agus theirig suas far a bheil a' rìgh agus a nighean anns an taigh shamhraidh agus bheir thu dhaibh—bheir thu dhi am meuran."


Seo mar a bh' ann. Chaidh mac a' rìgh air druim na steud dhubh agus suas a ghabh e agus thug e meuran do nighean a' rìgh. Agus gu dearbh tha mi cinnteach gu robh coltas gu math gruamach muladach oirre a thaobh 's e a chuir bu mhotha a chuir oirre de thrioblaid, gum biodh fios aig duine sam bith càit' an robh i, no gu robh i idir an còmhradh ris an fhuamhaire.


Thuirt a' rìgh a ris, "Bhuannaich thu," ars' esan, "trian dhe mo nighean." Agus cha robh an còrr air ach sin agus thill e a-nuas, agus air an fheasgar a bha sin, thàinig nighean an rìgh far an robh e. Agus shìn i dha cìr agus thuirt i ris,


"Seo," ars' ise, "bheir thu dhomhs' a' chìr ud 'sa mhadainn a-màireach, no mura toir," ars' ise, "bidh do cheann ann an cunnart."


Co-dhiù, chuir esan—shuain esan a' chìr ann an neapaigean phòca agus cheangail e sin m' a cheann. Ach nuair a bha e dol a chadal, thàinig nighean a' rìgh thuige le deoch. Agus tha mi cinnteach nach do smaoinich esan cus ach bha fhios gu robh an deoch gu math suaineach, ach dh' òl e 'n deoch co-dhiù agus chaidil e gu trom.


Agus bhuail ise an t-slat aig—geasaibh air an t-searbhant agus thionndaidh an searbhanta na cat buidhe agus suas a ghabh i dha 'n t-seòmbar agus aig an àm cheunda bha an ceòl a' dol air n-aghaidh; bha i air ceòl a thòisicheadh 's a h-uile aon 'nan cadal leis cho trom 's a bha an ceòl.


Agus thòisich an cat air obair cho fàilidh 's a b' urrainn e gus an d' fhuair e spòg fo—a-staigh fo 'n neapraig agus thug e leis—sgob e leis a' chìr 'is thug e sìos i dh' ionnsaigh nighean a' rìgh. Neo-ar-thaing nuair a thill an cat chaidh an t-slat gheasaibh a bhuaileadh oirr' a rithist agus thionndaigh i 'na maighdean frithealaidh mar a bha i roimhid agus a-mach a thug 'ad le chéile, nighean a' rìgh agus an searbhanta 'is thug 'ad orra gu—dh' ionnsaigh na creigeadh. Ach lean Ceann Crathaidh 'ad ann an cleòc' an dorchadais mar a b' àbhaist agus nuair a ràinig 'ad sìos a' chreag, bhuail i corrag air a' chreag, is dh'fhosgail a' chreag agus ghabh 'ad a-staigh.


Agus thuirt i, "Tha cìr ann a' seo," ars' ise, "agus mura bi a' chìr seo aig mac rìgh Éirinn dhomhsa 'sa mhadainn a-màireach, bidh a cheann air a' stob. Ach feuch a nise barrachd—gun gabh sibh barrachd cùraim dhi 's a ghabh sibh dhe 'n mheuran."


Agus chuir seo an fhearg air an fhuamhaire, agus gun rachadh mì-earbs' a dhèanamh air fhéin agus thilg e a' chìr dhe 'n—dhe 'n chuan, 'mach air a' mhuir. Agus rinn e stoirm 'is tàirneanach 'is culaidh-uabhais. Bha a' mhuir a' beucadh leis [mar?] an droch-shìd' a bh' ann, leis na sian a thog e ach mu'n do bhuail a' chìr an t-uisge, ghlac Ceann Crathaidh i agus chuir e siud 'na phòcaid agus thug àsan tacan—thug i tacan a' còmhradh ris an fhuamhaire, agus phòg i ceann an fhuamhaire, agus thog i rithe.


Agus chaidh i dhachaigh, ach co-dhiù, chaidh Ceann Crathaidh, lean e suas 'ad air a shocair agus chaidh e tràth 'sa mhadainn far a' robh mac rìgh Éirinn agus dh' fhaighnich e dha gu dé an deuchainn a chaidh a chuir air a-raoir.


"Chaidh," ars' esan, "thuirt nighean a' rìgh rium mura biodh a' chìr seo agam dhi 'sa mhadainn, a' chìr a thug i dhomh, mura biodh e—i agam dhi 'sa mhadainn, gum biodh mo cheann ann an cunnart."


"Seadh," ars' esan. "Càit' a bheil a' chìr?"


"Tha i—o chan eil," ars' esan, "i agam idir. Bha mi 'n dùil gu robh i agamsa tèaruinte ach dh' fhalbh i," ars' esan. " 'S bidh mo cheanns' air a' stob cinnteach gu leòr."


"O," ars' esan, Ceann Crathaidh, "seo a' chìr," ars' esan. "'S bheir leat suas i; theirig suas air—air steud dhugh dh' ionnsaigh an taigh samhraidh far a bheil an rìgh agus a nighean agus sìnidh tu dhi a' chìr."


Co-dhiù, nuair a ràinig e shuas an taigh samhraidh, shìn e a' chìr do nighean a' rìgh. Agus thuirt a' rìgh, "Bhuannaich thu dà thrian dhe mo nighean a-nist." Ach cinnteach gu leòr, cha robh nighean a' rìgh glé bhuidheach do chùisean, mar a bha 'ad a' dol. Bha i fhéin, tha mi cinnteach, gu math brònach. Agus 's e an t-eagal a bh' oirre, fios a bhith aig aon cài—gu robh i idir ann an cùmhnant ris an fhuamhaire.


Ach co-dhiù chaidh sin—bha sin mar a bha e. Ach bha mac a' rìgh mu'n cuairt aig a' chaisteal fad a' latha agus feasgar a' sin, nuair a bha feasgar anmoch a' tighinn, thàinig nighean a' rìgh far a' robh e agus thuirt i ris, "Mura bi," ars' ise, "an ceann a phògas mis' a-nochd agad dhomhsa 'sa mhadainn a-màireach, bidh do cheann," ars' ise, "air an trìtheamh cheud stob a-mach an cùl a' ghàrraidh."


Agus co-dhiù 's e cas gu math doirbh a bha seo. Tha mi cinnteach gu do shaoil le mac a' rìgh, ach nuair a thàinig tacan dha 'n oidhche, thòisich an ceòl agus bha e—esan—air deoch fhaighinn, deoch gu math suaineach fhaighinn co-dhiù nuair a bha e dol a' chadal. 'S bha e fhéin 'na throm chadal ach bha—chaidh an caisteal uile 'na suain nuair a thòisich an ceòl a bh' ann. Agus thog ise rith', i fhéin agus an t-searbhanta ach bha Ceann Crathaidh a-muigh ann an cleòc an dorchadais mar a b' àbhaist, agus lean e 'ad sìos gu—gu àit' an fhuamhaire. Air an turas seo cha do dh' fhalbh e falamh idir. Thug e leis claidheamh an dà làimheach agus bha sin aig' a' falach sìos fo 'n chleòca agus ràinig e shìos.


Nuair a ràinig nighean a' rìgh shìos, bhuail i a corrag air a' chreag 's dh' fhosgail a' chreag agus chaidh e—chaidh 'ad a-stigh do 'n chreag còmhla ris an fhuamhaire agus thuirt i ris, "Thuirt mi,"
os' ise, "ri mac rìgh Éirinn mura biodh a cheann a phògainns' a-nochd aige dhomhsa 'sa mhadainn, gum biodh a cheann air a'—air a' stob. Agus," ars' ise, "tha eagal orm 's e do cheanns' a chuir mi 'sa gheall [bh]ios ann," ars' ise, "mura gléidh thu."


"O na biodh cùram ort idir mu m' dheidhinnsa," ars' esan. "Chan eil ach aon rud air an t-saoghail," ars' esan, "a bheireadh an ceann dhìomsa agus 's e sin," ars' esan, "an claidheamh dà-làmhach a th' aig mo bhràthair anns an àirde an iar."


Agus co-dhiù nuair a bha ise a' falbh, thionndaidh esan mu 'n cuairt a' choimhead as a deoghaidh agus bha clogad mu cheann 's bha armachd mu cholann ach bha pìos dhe amhaich ris. Agus chunnaic Ceann Crathaidh seo agus thuirt e 'na inntinne fhéin, "Cha robh claidheamh do bhràthar riamh cho faisg air d' amhaich 's a tha e aig an àm seo." Agus thug e aon srac leis a' chlaidheamh agus cha do dh' fhailnich an claidheamh sin riamh agus gheàrr e 'n ceann far an fhuamhaire.


Ach ma gheàrr, thòisich an cath, bha an ceann a' tilleadh 's a' dol air a' cholann, 's bha e 'ga ghearradh dheth—dheth a' chinn. Lean e air gus mu dheireadh do dh' fhuaraich a' cholann 's thuit i air a' làr agus cha rachadh an ceann oirre tuilleadh ach nuair a bha e dol a thoirt leis a' chinn, cha ghabhadh an ceann gluasad.


Agus rinn e a-amach gu robh rudeigin ceàrr agus dh' fheuch e mu 'n cuairt agus fhuair e bior suain aig cluas ceann an fhuamhair' agus spìon e am bior ás a' sin agus chaith e air falbh e agus thug e leis an ceann an uair sin, agus nuair a ràinig e air n-ais, bha fang mór mhuc aig rìgh Cùl an Òir agus thilg e an ceann a-staigh dha 'n fhang far an robh na mucan agus ghabh e suas gu—an uair sin a ràinig e làr far a' robh mac rìgh Éirinn.


Agus, "Seadh," ars' esan, "gu dé a-niste an cumhnant a chaidh a chur orts' a-raoir? Na deuchainn a chaidh a chur ort a dhèanamh a-raoir?"


"Ah," ars' esan, "nach coma sin. Tha mo cheannsa gu bhith air a' stob cinnteach gu leòr."


"Gu dé tha sin?" ars' esan.


"O chaidh," ars' esan, "chaidh chantail riumsa mura biodh an ceann a phòg nighean an rìgh a-raoir agamsa dhi an diugh, gum biodh mo cheann air a' stob."


"Trobhad," ars' esan, "còmhla riumsa."


Agus dh' fhalbh e còmhla ris. Nuair a ràinig 'ad fang nam muc, "Thalla a-staigh," ars' esan, "ann a' sin, dha 'n fhang far a bheil na mucan, agus chì thu ceann a-staigh ann a' sin agus thoir leat e. Agus gabh an uair sin," ars' esan, "air druim na steud agus bheir ort suas gu caisteal—gu taigh samhraidh rìgh agus na h-ighinn, agus bheir thu dhi an ceann."


Co-dhiù sin mar a rinn e. Chaidh e 'staigh dha 'n fang nam mucan agus fhuair e 'n ceann ann a' sin. Agus thug e leis e, agus leum air druim a steud agus suas a ghabh e dha 'n taigh shamhraidh aig a' rìgh 's aig a nighean agus thilg e a-null thuice an ceann.


"Seo," ars' esan, "an ceann a phòg thus' a-raoir agus gu dearbh," ars' esan, "chan eil e—chan eil e eireachdail ri sealltainn air."


Agus, "Bhuannaich thu mo nighean gu h-iomlan," arsa—arsa Rìgh Cùl an Òir. Agus cha robh àrach air ach bha nighean a' rìgh, tha mi cinnteach, deòn—toilichte gu leòr an uair sin. Bha i cuidhteas a' fuamhaire co-dhiù, agus chaidh cuir mu dheoghainn pòsadh a dhèanamh. Agus dar a chaidh am pòsadh a dhèanamh, rinneadh banais mhór, bha 'ad ag ràdh, a mhair i naoi latha 'is naoi oidhche. Agus mur a h-e 'n latha mu dheireadh a b' fheàrr, cha b' e idir a bu mhiosa. Ach co-dhiù bha 'ad a' sin a' deanamh deiseil airson togail orra gu falbh dhachaigh a dh' Éirinn.


Agus thuirt Ceann Crathaidh ri rìgh Cùl an Òir, "Saoil," ars' esan, "nach eil thu a' deanamh deu— eil sibh air deanamh deuchainn?"


"Chan eil fhios 'am air a' sin," ars' esan, a' rìgh.


"O tha mi 'n dùil gu bheil," ars' esan. "A bheil sibh a' cuimhneachadh," ars' esan, "gu bheil tochair agaibh ri thoirt dha 'n nighean mu 'm fàg i?"


"'S fhìor sin," ars' esan. "Mis' a rinn an deuchainn. Ach," ars' esan, "tha òr 'is airgead gu leòr a' seo."


"Coma leibh," ars' esan, "dhe sin. Chan eil òr no airgead a dhìth air mac rìgh Éirinn idir. Ach 's ann tha dhìth air," ars' esan, " cabhlach luingeadh agus armachd airson geàrd. Bhiodh feum aig' orra."


"An dà," ars' esan, "tha mise nas giorra do dh'airm—de luchd-airm agus do chablaich na tha mi de dh' òr 's de dh' airgead. Ach ged a bhitheadh sin mar sin," ars' esan, "cha leig mise mo nighean fhéin no mo chliamhainn ann an cunnart."


"Glé cheart," ars' esan, Ceann Crathaidh. "Tha sinn", ars' esan, "riaraichte gu leòr as ur gealltainn 's gabhaidh sinn sibh air ur facal."


Agus dh' fhalbh 'ad. Agus thog 'ad rithe air an socair ach co-dhiù, fada no goirid an ùine a bha 'ad a' siubhal, chaidh 'ad a dh' ionnsaigh a' chladh a bha seo agus stad Ceann Crathaidh.


"An dà," ars' esan, "'S e duine gun móran feum a th' annad fhéin."


"Seadh," ars' esan, mac a' rìgh, "cha do dh' innis thu dhomhs'," ars' esan, "sgeul bho 'n a thachair sinn."


"An dà," ars' esan, "cha do dh' innis. Cha robh sgeul agams' a dh' innsinn dhuibh nach robh fios agaibh air bho 'n a thachair sinn. Agus ma tha, 's ann mar sin a tha. [An robh?] sgeul agad a bheireadh tu [ ? ] dhomh air mar a bha cùisean mu 'n do thachair sinn?"


"Chan eil móran," ars' esan, "de sgeul agam air a' sin, ach gun toir mi dhuibh sgeul air mar a bha 'n gnothach nuair a bha mi a' tighinn air ceann m' fhortain, agus a thàna' mi dh' ionnsaigh a' chladh seo fhéin. Agus bha ceathrar de dhaoin' ann a' sin ri conas no ri sabaid agus chaidh mi suas feuch gu dé a bha dol agus thuirt 'ad rium—dithis dhuibh rium gur e am bràthair a bha 'sa chistidh agus bha 'ad airson a thìodhlacadh agus cha leigeadh an fheadhainn eile leotha chuir fo thalamh gus an rachadh na fiachan a bh' air a phàigheadh. Agus dh' iarr mise leigeadh—leigeadh leotha a' chist' a thìodhlacadh agus phàigh mi na fiachan, agus sin agaibh mo naidheachd-sa dhuibh gus mu 'n do thachair mi ribh p-fhéin."


"O," ars' esan, " 's mis' a bha 'sa chistidh a bha sin, agus bidh mi niste," ars' esan, "a' fàgail beannachd agad. 'S chan fhaic thu mise tuilleadh mura bi cas glé riatanch ann agus gu feum—gum bi feum agad orm."


Agus co-dhiù dhealaich 'ad, 's thàinig esan dhachaigh a dh' Éirinn, agus fada no goirid gu robh e aig an dachaigh an Éirinn, e fhéin agus a bhean òg, nighean rìgh Cùl an Òir, fhuair na prionnsaichean eile 'mach co-dhiù gu robh e ann. Agus 's ann a bha 'ad a' dol a thighinn gus e fhéin agus athair-s' a mharbhadh 's tha mi cinnteach gun toireadh 'ad leoth' a' bhean òg, ma bhiodh i beò.


Ach co-dhiù, bha esan, bha e coiseachd, a' gabhail sràid moch an ath-latha 's bha e gu math tùrsach. Bha fios aige gu robh an tòir a' dol a thighinn, is dé dheànte? Agus co-dhiù chual' e mar gum biodh [ ? ] coiseachd agus thionndaidh e mu 'n cuairt. Bha Ceann Crathaidh ann a' sin.


Agus ars' esan, Ceann Crathaidh, "Feumaidh—'s fheudar gu bheil thu ann an trioblaid no 'n éiginn."


"O tha," ar' esan, "Tha na triùir—triùir phrionnsaichean a' dol a thighinn le feachd mór 'is cabhlach," ars' esan, "airson cuir ás dhomh fhìn 's dha m' athair 's an rìoghachd thoirt a-null dhuibh p-fhéin."


"Tha e coltach," ars' esan, "nach eil dòigh air ach a dhol gu rìgh Cùl an Òir agus cuideachadh fhaotainn." Agus cha robh an còrr sealladh air ach co-dhiù thàinig—thàinig saighdearan agus armachd mhór agus thàinig cabhlach bho rìgh Cùl an Òir. Agus ghabh 'ad a-null, 's thòisich an cath. Ach nuair—b'e sin an cath a bha—a bha trom ach dar a bha 'ad uile seachad, bha a h-uile h-aon de shaighdearan an triùir phrionnsaichean marbh air a' làr. Agus bha an triùir phrionnsaichean 'ad fhéin fuar marbh air a' làr. Agus bha—bha mac rìgh Éirinn an uair sin saor, sàbhailte.


Agus bho 'n a bha athair air fàs cho aosda, thuirt e gu robh esan dol a thoirt dha a' chrùn agus cùram na rìoghachd uile gu léir, agus e fhéin a bhith coimhead as deoghaidh Éirinn uile air fad. Agus fhuair—efhuair nighean rìgh tìr na—Cùl an Òrach gu bhith 'na banrìghinn air Éirinn, i fhéin agus mac rìgh Éirinn.


Agus sin agaibh mar a [thréig?] an sgeul dhomhsa air Ceann Crathaidh.

Joe Neil MacNeil
An Rubha Meadhanach | Middle Cape 583 recordings Faic pròifil | view profile