Back to recordings

Turus an Tuathanaich Chun a' Bhàrr

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF204i01 TURUS AN TUATHANAICH CHUN A' BHÀRR


Beulaiche: Dan Murdock Patterson | Dòmhnuill Sheana/Dòmhnaill Fhlòraidh Iain Dall Nìll Òig Nìll
Bàrd: Dòmhnall Dòmhnallach | Donald MacDonald



Dh'éirich mi air madainn thràth—tràth is madainn cheòthach,
Chuir mi a' harness air an t-seann làir bheag
A fhuair mi aig a' railroad.


Poca beag do choirc' an eilean
Is sporran nach biodh feum air.


[Séist]: Tha buaidh air an uisge bheatha
Tha buaidh air 's cha chòrr a chleith
Tha buaidh air an uisge bheatha
Gun òlainn teth is fuar e.


Chaidh mi thuras dha 'n a' Bhàrr
Chaidh mi suas gu àite Lamey
O b' fheàrr leam nach robh bodach fhrithealadh
Riamh a' tighinn às Éirinn.


Sheall mi shuas dha na railroad
[Tie mi 'n t-each?] ann am bàthaich
[?]— na huile nì bha ann
Mo cheann a chur bho chéile.


Thàinig sinn a-nunn 'san aiseig
Cha robh [roghainn?] na train ann
Ruairidh Dhòmhnaill is Seumas Grannd
Is seann Gilleasbuig Peutan.


Tha am [?] ann is Caldwell
Falbh suas an [taigh Ms. Eamon?]
Thoisich e ri [leughadh?]
'S a' gabhail port an cainnt na Chaldeans


Chórd am port ri [Gordon?] Caldwell
Is thoisich e ri [éigheachd?]
[Thuirt ri?] Màiri bheag a sguab an taighe
Is thuirt i "'illean, bithibh ag éirigh."


Bha 'adsan ann is Coinneach beag
Na drògaid far [shìos?] [ann/ceann?] an [table?]
Ma 's e fortan a chur ann e
Sin an t-àm a bha e feumail .




Dan Murdock Patterson
An t-Eilean Mór An Ear | East Boularderie 6 recordings Faic pròifil | view profile