GF204i01 TURUS AN TUATHANAICH CHUN A' BHÀRR Beulaiche: Dan Murdock Patterson | Dòmhnuill Sheana/Dòmhnaill Fhlòraidh Iain Dall Nìll Òig Nìll Bàrd: Dòmhnall Dòmhnallach | Donald MacDonald Dh'éirich mi air madainn thràth—tràth is madainn cheòthach, Chuir mi a' harness air an t-seann làir bheag A fhuair mi aig a' railroad. Poca beag do choirc' an eilean Is sporran nach biodh feum air. [Séist]: Tha buaidh air an uisge bheatha Tha buaidh air 's cha chòrr a chleith Tha buaidh air an uisge bheatha Gun òlainn teth is fuar e. Chaidh mi thuras dha 'n a' Bhàrr Chaidh mi suas gu àite Lamey O b' fheàrr leam nach robh bodach fhrithealadh Riamh a' tighinn às Éirinn. Sheall mi shuas dha na railroad [Tie mi 'n t-each?] ann am bàthaich [?]— na huile nì bha ann Mo cheann a chur bho chéile. Thàinig sinn a-nunn 'san aiseig Cha robh [roghainn?] na train ann Ruairidh Dhòmhnaill is Seumas Grannd Is seann Gilleasbuig Peutan. Tha am [?] ann is Caldwell Falbh suas an [taigh Ms. Eamon?] Thoisich e ri [leughadh?] 'S a' gabhail port an cainnt na Chaldeans Chórd am port ri [Gordon?] Caldwell Is thoisich e ri [éigheachd?] [Thuirt ri?] Màiri bheag a sguab an taighe Is thuirt i "'illean, bithibh ag éirigh." Bha 'adsan ann is Coinneach beag Na drògaid far [shìos?] [ann/ceann?] an [table?] Ma 's e fortan a chur ann e Sin an t-àm a bha e feumail .