Hé ho ro mo Mhàiri lurach
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF200i01 HÉ HO RO MO MHÀIRI LURACH
Beulaiche: Dòmhnall 'Illeasbuig Mac Aonghais ic Alasdair | Dan Allan Gillis
[Dan Allan Gillis:] [Séist:] Hé ho ro mo Mhàiri lurach
Dha 'n tug mi an gaol cho buileach;
'S e dh'fhàg m' inntinn-sa fo mhulad
Nach fhaod mi fuireach 'nad chòir.
A' robh thu 'm barail, a' Mhàiri,
Gur ann 'gad mhealladh a bha mi;
'S dòcha leam thu na mo mhàthair
Ged is i rinn m' àrach òg.
'S tu mo chadal, 's tu mo dhùsgadh,
Anns a' mhaduinn mo chruit chiùil thu;
Ort-as a chuirinn mo chùrsa
Ged a bhiodh i dlùth le ceò.
Bi mi cuimhneachadh gach àm ort
'S ged b' ann a’ dol dha 'n chrann mi;
Chuir thu seachran 'am cheann
'S chan amais mi air ceann a' ròp'.
Reference sources:
Fad air Falbh ás Innse Gall | Beyond the Hebrides, ed. Donald Fergusson et al (1977), p. 258 [reference version]