GF200i01 HÉ HO RO MO MHÀIRI LURACH Beulaiche: Dòmhnall 'Illeasbuig Mac Aonghais ic Alasdair | Dan Allan Gillis [Dan Allan Gillis:] [Séist:] Hé ho ro mo Mhàiri lurach Dha 'n tug mi an gaol cho buileach; 'S e dh'fhàg m' inntinn-sa fo mhulad Nach fhaod mi fuireach 'nad chòir. A' robh thu 'm barail, a' Mhàiri, Gur ann 'gad mhealladh a bha mi; 'S dòcha leam thu na mo mhàthair Ged is i rinn m' àrach òg. 'S tu mo chadal, 's tu mo dhùsgadh, Anns a' mhaduinn mo chruit chiùil thu; Ort-as a chuirinn mo chùrsa Ged a bhiodh i dlùth le ceò. Bi mi cuimhneachadh gach àm ort 'S ged b' ann a’ dol dha 'n chrann mi; Chuir thu seachran 'am cheann 'S chan amais mi air ceann a' ròp'.