Back to recordings

Òran do Dhonnchadh Mór (le ro-ràdh)

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF109i02 ÒRAN DO DHONNCHADH MÓR (LE RO-RÀDH)


Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin
Bàrd: Mac an t-Saoir a' Chladaich | MacIntyre



Uill, seo agad Peadair Alasdair Dhonnchaidh agus tha ceathramh, ma dh'abras sibh, ceathramh ris de dh'òrain seo a rinn Mac an t-Saoir a' Chladaich anns a' Phort Bhàn mu dhéidhinn Donnchadh Mór 's a chuideacha dar a chaidh e gu Montana. Agus chan fhaigheadh e cupa tì. Chan fhaigheadh e uiste a dhèanadh cupa tì gun a phàighidh. Ach co-dhiù tha teansa gu robh e car lonesome—tha mise 'cur air ann am Beurla—agus bha e dèanamh an òrain is fhuair mise na faclan seo dheth. Chan eil cuimhn' agam air a' chòrr.


Ó 's truagh 's nach robh mi am Bun na Bruaich,
'S a' bhothan ruadh 's na rugadh mi,
Far an robh na daoine gasda,
Donnchadh Mór 's a chuideacha.

Peter Rankin
Port Bàn | Port Ban 20 recordings Faic pròifil | view profile