GF109i02 ÒRAN DO DHONNCHADH MÓR (LE RO-RÀDH) Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin Bàrd: Mac an t-Saoir a' Chladaich | MacIntyre Uill, seo agad Peadair Alasdair Dhonnchaidh agus tha ceathramh, ma dh'abras sibh, ceathramh ris de dh'òrain seo a rinn Mac an t-Saoir a' Chladaich anns a' Phort Bhàn mu dhéidhinn Donnchadh Mór 's a chuideacha dar a chaidh e gu Montana. Agus chan fhaigheadh e cupa tì. Chan fhaigheadh e uiste a dhèanadh cupa tì gun a phàighidh. Ach co-dhiù tha teansa gu robh e car lonesome—tha mise 'cur air ann am Beurla—agus bha e dèanamh an òrain is fhuair mise na faclan seo dheth. Chan eil cuimhn' agam air a' chòrr. Ó 's truagh 's nach robh mi am Bun na Bruaich, 'S a' bhothan ruadh 's na rugadh mi, Far an robh na daoine gasda, Donnchadh Mór 's a chuideacha.