Òran do Thaigh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF237i06 ÒRAN DO THAIGH
Beulaiche: Maxie mac Dhòmhnaill Aonghais Iain Aonghais Eòin | Malcolm MacNeil
Bàrd: Sandy Mór Nìll Alasdair | Sandy MacNeil, Alec P. MacNeil
[Séisd]: É ho ró, mo nighean donn,
É ho rì, mo nighean donn,
É ho ró mo nighean donn a' chùil réidh;
Ribhinn òg a bha leam,
Dheanadh còmhradh rium ciùin,
Tha mo chridh-s' an duigh trom as do dhéidh.
Ged nach fuirich mis' a-staigh
Chan eil ach agamsa taigh,
Cho math ri taigh anns an àit';
'S mura a tuit e gu làr
'S mise speuchdach gu bàs,
'S e a nì e an gnothuch mar a tha e math gu leòir.
Nuair a thig na 'allrights' air ghluais
Agus gun mis' a bhi mu'n cuairt,
Nach eil fhios gur e an tuasaid a bhios ann;
Chaidh an t-ùrlar o fheum
'S gun do sgaoil e a chéil',
Cha fhreagair a bhith leum air na' danns.
'S ann mi-fhín a dhìreachadh
Gun téid mi nam shìneadh,
On tha e cho ìseal 's cho cam;
Ach on a thàinig am fuachd
Gun do dh'éirich e suas,
A' ruiginn a bhuaileas mo cheann.