Back to recordings

'S gun d' thug mi fichead bliadhna

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF107i01 'S GUN D' THUG MI FICHEAD BLIADHNA


Beulaiche: Murchadh Ghilleasbuig Mhurchaidh | Murdoch Gillis
Bàrd: Somhairle Aonghais | Sam Nicholson



'S gun d' thug mi fichead bliadhna,
'S a' ghleann dha mo mhiannadh,
'S a dh'aindheoin rud a dh'fheuchainn,
Bhith feuchainn ann gun [t-athadh/tathainn?].


[Séist:] Mo luaidh 's a chunna mi 'n-diugh,
Gur truagh leam an dealachadh.
Mo luaidh 's a chunna' mi 'n-diugh,
Gur muladach a tha mi.


Tha e [doirbh a bhith?] ceannach brògan,
Molaiseas agus soda,
'S a rud a rinn an [ùrlar?],
'S e rinn Dòmhnall bhith 'toirt tàir dhomh.


Cha smuainich mi gu move-ins,
'S gun atharraich e cùisean,
'S gu dearbh chan eil mi diombach,
Do chùisean mar a tha iad.


'S a bhith seo anns an taigh-bhòrdaidh,
Gur mise tha gu dòigheil,
'S gu bheil mi ann an dòchas,
Ri daoine mór bhith tàmh ann.


[BREAK IN TAPE]


[Tha?] mi seo anns an taigh-bhòrdaidh,
Gur mise bha gu dòigheil,
Gus an do thòisich iad ri òl ann,
'S chaidh móran dhiubh dhe chargeadh.


'S bha [coibhneas/Coinneach?], sgrios, is spree air,
'S e an t-sabaid a bha dhìth air,
'S e a' chunntas a dh'innse,
Dha-rìreadh air an tràill air.


'S och mar a chaidh e 'rusgadh,
Is a' falt aige 'sa shùilean,
Gun do rinn siud air improvement,
'S e chùil a' chuid as fheàrr dhe.


Chaidh Mac'IllFhaolain bhuaithe,
Bha [mick?] aige fon chluasaig,
'S e Jessie a thug bhuaith' e,
Chuir siud air gruaim is [tàmailt?].


Murdoch Gillis
Gleann nan Sgitheanach | Skye Glen 7 recordings Faic pròifil | view profile