GF107i01 'S GUN D' THUG MI FICHEAD BLIADHNA Beulaiche: Murchadh Ghilleasbuig Mhurchaidh | Murdoch Gillis Bàrd: Somhairle Aonghais | Sam Nicholson 'S gun d' thug mi fichead bliadhna, 'S a' ghleann dha mo mhiannadh, 'S a dh'aindheoin rud a dh'fheuchainn, Bhith feuchainn ann gun [t-athadh/tathainn?]. [Séist:] Mo luaidh 's a chunna mi 'n-diugh, Gur truagh leam an dealachadh. Mo luaidh 's a chunna' mi 'n-diugh, Gur muladach a tha mi. Tha e [doirbh a bhith?] ceannach brògan, Molaiseas agus soda, 'S a rud a rinn an [ùrlar?], 'S e rinn Dòmhnall bhith 'toirt tàir dhomh. Cha smuainich mi gu move-ins, 'S gun atharraich e cùisean, 'S gu dearbh chan eil mi diombach, Do chùisean mar a tha iad. 'S a bhith seo anns an taigh-bhòrdaidh, Gur mise tha gu dòigheil, 'S gu bheil mi ann an dòchas, Ri daoine mór bhith tàmh ann. [BREAK IN TAPE] [Tha?] mi seo anns an taigh-bhòrdaidh, Gur mise bha gu dòigheil, Gus an do thòisich iad ri òl ann, 'S chaidh móran dhiubh dhe chargeadh. 'S bha [coibhneas/Coinneach?], sgrios, is spree air, 'S e an t-sabaid a bha dhìth air, 'S e a' chunntas a dh'innse, Dha-rìreadh air an tràill air. 'S och mar a chaidh e 'rusgadh, Is a' falt aige 'sa shùilean, Gun do rinn siud air improvement, 'S e chùil a' chuid as fheàrr dhe. Chaidh Mac'IllFhaolain bhuaithe, Bha [mick?] aige fon chluasaig, 'S e Jessie a thug bhuaith' e, Chuir siud air gruaim is [tàmailt?].