Chaill thu a' Ghàidhlig 's cha d'fhuair thu a' Bheurla
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF349i03E CHAILL THU A' GHÀIDHLIG 'S CHA D'FHUAIR THU A' BHEURLA
Beulaiche: Murchadh Ghilleasbuig Mhurchaidh | Murdoch Gillis
Chuala mi naidheachd mu té a chionn fada – na, na gruagaichean a' sheo – bhiodh 'ad a' dol dhan na Stàidean a dhèanamh cos– cosnadh ann. Agus bhiodh iad cho pròiseil nuair a bhiodh iad ann beagan mhìosan bha iad a' call na Gàidhlig. Bha té shònraicht' ann. Chaidh i ann, o, as t-fhoghar. Chaidh i a Bhoston. Agus thàinig i air n-ais an uairsin an ath-shamhraidh 's bha seann nàbaidh ann 's a' chiad triop a chunnaic e i chaidh e a chur fàilt' oirre 'sa Ghàidhlig. Rug e làimh oirre 's bhruidhinn e rithe, is fhreagair i 'sa Bheurla. "Ah ha, mo thruaighe, mo thruaighe," thuirt e. "Chaill thu a' Ghàidhlig 's cha d'fhuair thu a' Bheurla."