Back to recordings

Ged a sheòl mi air m' aineol

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF106i02 GED A SHEÒL MI AIR M' AINEOL


Beulaiche: Tena ni'n Frank Mhìcheil Ruaidh | Christina Marley
Bàrd: Ruairidh mac Uilleam á Bearnaraigh | Captain Roderick Morrison


[Séist:] Ged sheòl mi air m' aineol
Cha laigh smalan air m' inntinn
Ged sheòl mi air m' aineol.


'Dol a sheòladh á Bhoston
Air bhoidse dha na h-Innsneach .


Bha uisg' ann, bha sneachd ann
Clach mheallainn bha mìn ann.


Trì là is trì oidhche
Fhuair sinn coibhneas na sìde.


'S cha robh ròpa, 's cha robh òirleach
Nuair a reòth e bha a trì ann.


'S ann mun cuairt am Bras d' Òr
Bha na ròpaichean sìnte.


Uisge beatha chun mhaighstir
Thàinig a-nall ás na h-Innsneach.


'S uisge beatha gun truailleadh
Air a tharraing bho phìoban.


'S dh' fhalbh craiceann mo làmhan
'S dh' fhàs mo ghàirdeanannn sgìth ann.


'S fhuair mi còrdadh air caiptean
Air a' bhàta bha rìomhach.


'S fhuair mi còrdadh air maighdeann
Air a stoidhleadh na sìoda.


'S labhair an caiptean a's a' Ghàidhlig
"Gillean làidir, cha till thu."


'S ann toiseachd a' gheamhraidh
Fhuair mi 'n geall air a' rìbhinn.


Christina Marley
Beinn Eòin | Ben Eoin 10 recordings Faic pròifil | view profile