GF106i02 GED A SHEÒL MI AIR M' AINEOL Beulaiche: Tena ni'n Frank Mhìcheil Ruaidh | Christina Marley Bàrd: Ruairidh mac Uilleam á Bearnaraigh | Captain Roderick Morrison [Séist:] Ged sheòl mi air m' aineol Cha laigh smalan air m' inntinn Ged sheòl mi air m' aineol. 'Dol a sheòladh á Bhoston Air bhoidse dha na h-Innsneach . Bha uisg' ann, bha sneachd ann Clach mheallainn bha mìn ann. Trì là is trì oidhche Fhuair sinn coibhneas na sìde. 'S cha robh ròpa, 's cha robh òirleach Nuair a reòth e bha a trì ann. 'S ann mun cuairt am Bras d' Òr Bha na ròpaichean sìnte. Uisge beatha chun mhaighstir Thàinig a-nall ás na h-Innsneach. 'S uisge beatha gun truailleadh Air a tharraing bho phìoban. 'S dh' fhalbh craiceann mo làmhan 'S dh' fhàs mo ghàirdeanannn sgìth ann. 'S fhuair mi còrdadh air caiptean Air a' bhàta bha rìomhach. 'S fhuair mi còrdadh air maighdeann Air a stoidhleadh na sìoda. 'S labhair an caiptean a's a' Ghàidhlig "Gillean làidir, cha till thu." 'S ann toiseachd a' gheamhraidh Fhuair mi 'n geall air a' rìbhinn.