Mo chridhe trom 's duilich leam
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF106i05 MO CHRIDHE TROM, ‘S DUILICH LEAM
Beulaiche: Tena ni'n Frank Mhìcheil Ruaidh | Christina Marley
[Séist:] Mo chridhe trom, 's duilich leam
'S muladach a tha mi
Gun d'thug mo leannan cùlaibh rium
Té ùr, cha téid na h-àite.
'S na brògan fhuair mi 'n-uiridh dhut
'N àm curachd a' bhuntàta
Cha ruig fear eile innse dhomh
Gun cualas fuath dh’an àite.
'S a' chiad uair chaidh mi 'choimhead ort
'S a dh'aithnich mi do nàdur
Cha d'thug mi fiach na sweetie dhut
'S ann thug mi 'ad gad mhàthair.
'S a' chiad uair a chunnaic mi thu
'Nad shuidhe air d' uchd do bhàta
G' e còig bliadhn' deug a dh' aois a bha thu
A' ghaolainn, thug mi ghràdh dhut.
Chan’ idir là seachdain ann
Na idir là na Sàbaid
Nach fhaic mi fhín a' ghruagach òg
'Dol suas gu taigh mo mhàthar.
'S e Lucy rinn na miotagan
Cho slick 's a bha 'san àite
Gun do chuir i soidhne nan Dòmhnallaich
Nan òrdagan le sgàrlaid.
'S e mise ghabh an t-aithreachas
'San t-S`abainn 's an tàmailt
An `uin’ a thug mi feitheamh riut
'S b’fhurasda leum d’fhàgail.