Back to recordings

Òran a' Gheamhraidh

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF093i01 ÒRAN A' GHEAMHRAIDH


Beulaiche: Fionnlagh Dhòmhnaill Alasdair | Philip MacDonald
Bàrd: Coinneach Néill mhic Dhòmhnaill , Coinneach A. MacFhearghuis | Kenneth A. Fergusson [Ferguson]



[Séisd:] Siud an t-àm 's an robh sinn sunndach,
Uallach cha bhiodh oirnn mu chùisean,
Cridheil, càirdeil, subhach, sunndach;
Cha bhiodh cùisean teann oirnn.


Cha b' ann 'nar gurraban mu 'n stòbh,
A gheibhte sinn air oidhche reòta;
Ach am measg na muinntir òga;
Gu bheil e ['na] spòrs 's a' gheamhradh.


'S nuair a thig oirnn mìos an Fhaoillich,
Fuachd 'us sneachd ag cur a' chaothaich;
Tìm ar n-òige 'tighinn fo 'm smaointinn,
B' aotrom sinn 's a' gheamhradh.


Cha robh feum air sweater clòimh,
No bian a bhith mu 'n cuairt ar sgòrnan;
Aodach seasmhach a dh'fhigh na meuran,
A dheanadh tòrr 's a' gheamhradh.


Siud a' fuaim bu tric a chluinnteadh,
Clag na beairte, [srann?] na cuibhle;
Duanagan 'gan seinn gu binn,
Aig òg-bhean ghrinn 's aig seann-té.


'S ged nach fhaicte na cùil-uaine,
Ach aig marsanta nam bruachan,
Cha bhi cùram dhuinn an uair sin,
A dh'aindeoin fuachd a' gheamhraidh.


'S tha cnuic na sgìre 's tric a' [chòmhlaidh/tàladh?],
Caileagan 'us balaich òga,
Falbh 'nan deann air seòrsa còmhlan,
Ròpa làimh bhith teann orr'.


'S tric a chosg a' triubhsair liath,
A thàinig toll air ceann na sliasaid,
Air a cùlaibh, o, a chiall,
Dé b' fhiach siud a's a' gheamhradh?


'S an uair sin cha bu mhinig brògan,
Mu na casan aig an òigridh;
Ach na mogain shocair chòmhnard,
Siud a' seòrs' nach sleamhnaich.


Dh'fhalbh an t-àm sin 's cha till e,
Cinnteach nach ann a's fheàrr a chì sinn;
Saoghal bras air bhoil' le rìomhach,
'S mnathan sgìth a' dannsa.


Philip MacDonald
Léig Gabarus | Gabarus Lake 15 recordings Faic pròifil | view profile