GF093i01 ÒRAN A' GHEAMHRAIDH Beulaiche: Fionnlagh Dhòmhnaill Alasdair | Philip MacDonald Bàrd: Coinneach Néill mhic Dhòmhnaill , Coinneach A. MacFhearghuis | Kenneth A. Fergusson [Ferguson] [Séisd:] Siud an t-àm 's an robh sinn sunndach, Uallach cha bhiodh oirnn mu chùisean, Cridheil, càirdeil, subhach, sunndach; Cha bhiodh cùisean teann oirnn. Cha b' ann 'nar gurraban mu 'n stòbh, A gheibhte sinn air oidhche reòta; Ach am measg na muinntir òga; Gu bheil e ['na] spòrs 's a' gheamhradh. 'S nuair a thig oirnn mìos an Fhaoillich, Fuachd 'us sneachd ag cur a' chaothaich; Tìm ar n-òige 'tighinn fo 'm smaointinn, B' aotrom sinn 's a' gheamhradh. Cha robh feum air sweater clòimh, No bian a bhith mu 'n cuairt ar sgòrnan; Aodach seasmhach a dh'fhigh na meuran, A dheanadh tòrr 's a' gheamhradh. Siud a' fuaim bu tric a chluinnteadh, Clag na beairte, [srann?] na cuibhle; Duanagan 'gan seinn gu binn, Aig òg-bhean ghrinn 's aig seann-té. 'S ged nach fhaicte na cùil-uaine, Ach aig marsanta nam bruachan, Cha bhi cùram dhuinn an uair sin, A dh'aindeoin fuachd a' gheamhraidh. 'S tha cnuic na sgìre 's tric a' [chòmhlaidh/tàladh?], Caileagan 'us balaich òga, Falbh 'nan deann air seòrsa còmhlan, Ròpa làimh bhith teann orr'. 'S tric a chosg a' triubhsair liath, A thàinig toll air ceann na sliasaid, Air a cùlaibh, o, a chiall, Dé b' fhiach siud a's a' gheamhradh? 'S an uair sin cha bu mhinig brògan, Mu na casan aig an òigridh; Ach na mogain shocair chòmhnard, Siud a' seòrs' nach sleamhnaich. Dh'fhalbh an t-àm sin 's cha till e, Cinnteach nach ann a's fheàrr a chì sinn; Saoghal bras air bhoil' le rìomhach, 'S mnathan sgìth a' dannsa.