Back to recordings

Òran an Taghaidh

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF075i07N ÒRAN AN TAGHAIDH
Beulaiche: Danaidh Ceit Sara | Dan K. MacLeod
Bàrd: Murchadh Choinnich Bhàin | Murdoch Morrison


Mr. Holmes sheas e a ghrunnd,
[Gun am/ Dh'fhàn am?] [bloigh gun is caran?],
Sheas na Grits leis aig a' pholl,
Chaill na Tories am ballot.


[Séist:] Màili Dhonn, bhòidheach dhonn,
Màili Dhonn, 's i dol dhachaidh,
Màili Dhonn, bhòidheach dhonn.


'S Kenny Hughie far a dhòigh,
Cha b' e spòrs bha fainear dha,
Thug 'ad a-mach Sandaidh Òg,
'Sibh an còmhnaidh 'ga mhealladh.


'S ged tha mise seo air chùl,
Ged tha grunn annt' a-staigh ann,
Gur e na Tories a th' ann,
'S tric an ceannspachadh [ceannsachadh] againn.


'S Mór is Annie [?] is [?],
Bha e bruidhinn o chionn fhada,
O 'n a thionndaidh sibh ar còir,
Rathad mór cha bhi agaibh.


Ma tha a-nis an taobh a' tuath,
Tha e [fuar/faoin/fuath?] an robh mi 'm barail,
'G obrachadh 'nam aghaidh cruaidh,
Ged nach buannaich e dad air.


Dan K. MacLeod
An Abhainn Mhór | Grand River 10 recordings Faic pròifil | view profile