GF075i07N ÒRAN AN TAGHAIDH Beulaiche: Danaidh Ceit Sara | Dan K. MacLeod Bàrd: Murchadh Choinnich Bhàin | Murdoch Morrison Mr. Holmes sheas e a ghrunnd, [Gun am/ Dh'fhàn am?] [bloigh gun is caran?], Sheas na Grits leis aig a' pholl, Chaill na Tories am ballot. [Séist:] Màili Dhonn, bhòidheach dhonn, Màili Dhonn, 's i dol dhachaidh, Màili Dhonn, bhòidheach dhonn. 'S Kenny Hughie far a dhòigh, Cha b' e spòrs bha fainear dha, Thug 'ad a-mach Sandaidh Òg, 'Sibh an còmhnaidh 'ga mhealladh. 'S ged tha mise seo air chùl, Ged tha grunn annt' a-staigh ann, Gur e na Tories a th' ann, 'S tric an ceannspachadh [ceannsachadh] againn. 'S Mór is Annie [?] is [?], Bha e bruidhinn o chionn fhada, O 'n a thionndaidh sibh ar còir, Rathad mór cha bhi agaibh. Ma tha a-nis an taobh a' tuath, Tha e [fuar/faoin/fuath?] an robh mi 'm barail, 'G obrachadh 'nam aghaidh cruaidh, Ged nach buannaich e dad air.