E a nighean, o a nighean
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF075i06 E A NIGHEAN, O A NIGHEAN
Beulaiche: Danaidh Ceit Sara | Dan K. MacLeod
Bàrd: Murchadh Choinnich Bhàin Iain 'ic Fhionnlaigh (Moireasdan) á Loch Fhearghais
Tar-sgrìobhadh le: Froilig Tar-sgrìobhaidh (an Giblean 29, 2024) | Transcription Frolic (April 29, 2024)
[Séist:] E ho nighean, e ho nighean,
E ho nighean, caoidh mar tha mi,
Mis' is cailin donn na buaileadh,
Gun tug mi mo luaidh 's a dh'fhàg mi.
Gur b' e nighean Aonghais Chaluim,
Air a mealladh a's an àite,
A h-uile fear is coilear geal air,
Gur e Calum cus is fheàrr leath'.
'S Dòmhnall Pàdraig anns a' chorner,
E 'na dheònach rud a nàire dha,
Gun a' company aig Anna,
Gun fhios cuine a nì i fhàgail.
'S Niall Choinnich 's e cho beulach,
Làn de sgeulachdan on àite,
Cuiridh e dùirn air na dàin,
Gur e Calum cus a's fheàrr leath'.
'S Gum bheil Seonaidh Beag an fhìdhleir,
'S e cho dìcheallach mar b' abhaist,
A' cur snare-achan mun drochaid,
Feuch an téid a cas a' sàs ann.
[Bean/B'e?] na h-Aibhne, cha robh diùir dhiot,
Bha 'ad diombach dhith a's gach àite,
Nuair a dh'éireadh Calum Fhionnlaidh,
Bhiodh an dìoladh anns a' ghàrradh.
Nuair a ruigeadh e an taigh-sgoileadh,
Thigeadh lasair ás a shùilean,
Stiùireadh e sìos gu Calum Fhionnlaidh,
Dh'iarr e sùird airson a sracadh.
Notes (fieldnotes):
"(LOCAL SONG). ORAN AN EICH"